Rannsaich

Breabadair an Staca.

Ceann-latha March 1970
Àireamh a’ chlàir 38590
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1970.34.A1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1970.034

Geàrr-chunntas

Breabadair an Staca.

Thàinig fear a dh'Uibhist a Tuath. Choisich e às a' cheann a tuath gus an do ràinig e an Leth Mheadhanaich ann an Uibhist a Deas. Bha an oidhche air tighinn agus chaidh e gu taigh far an robh fear, bean agus dithis nighean. Chuir e seachad an oidhche ann. Dh'fhalbh e an làrna-mhàireach gus an do ràinig e Caolas Èirisgeigh. Fhuair e geòla agus chaidh e gu Eilean an Staca aig ceann a deas Èirisgeigh.

Thog e taigh air an eilean. Thill e air ais a dh'Uibhist chun an taighe anns an do chuir e seachad an oidhche agus phòs e tè dhe na h-igheanan. Thill iad air ais chun an staca. Bha iad ri chèile a' fighe agus le seo 's e Breabadair an Staca a thugadh air.

Bha triùir ghillean aca. Nuair a dh'fhàs iad suas, bhiodh iad a' tolladh nan soithichean-siùil a bhiodh a' tighinn air acair agus a' cumail a' chargu a bh' orra nuair a rachadh iad fodha. Bha dithis ghillean ag iasgach còmhla rin athair nuair a chunnaic iad bàta neònach faisg air a' chladach. Thàinig am bàta às an dèidh agus chaidh an triùir aca a mharbhadh.

Cha robh air fhàgail ach an gille a b' òige agus a mhàthair. Nuair a dh'fhàs an gille suas chaidh e gu taigh a sheanar ann an Uibhist agus an uair sin gu Uibhist a Tuath, far an d' fhuair e am bàta gu Dùn Bheagain. Fhuair e a-mach gur e an sgiobair a mharbh athair agus mar sin mharbh e e.

Thàinig e gu taigh-seinnse. Bha craobh mheasan aig fear an taigh-sheinnse a bha air a milleadh gu tric. Dh'iarr e air mac a' bhreabadair a' chraobh a gheàrd. Bha leth-amadan còmhla ris, a thug dha ubhal nuair a bha am pathadh air. Ge-tà, thug an t-ubhal an cadal air. Nuair a bha e na chadal, thàinig boireannach aig meadhan oidhche agus dh'iarr i air an leth-amadan a dhùsgadh, ach cha dhùisgeadh e. Sgrìobh i rudeigin air a' ghunna aige agus dh'fhalbh i. Bha aige ri coinneachadh rithe aig an aon àm an ath oidhche, ach thachair an aon rud. Mharbh e an leth-amadan agus chaidh e air tòir a' bhoireannaich. Phòs iad. Thill a mhàthair air ais a dh'Uibhist, gu a càirdean.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math