Mar a bha iad a' luadhadh a' chlòtha agus phlangaidean nuair...
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1967.29.B8
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Mar a bha iad a' luadhadh a' chlòtha agus phlangaidean nuair a bha am fiosraiche òg.
Tha cuimhne aig an fhiosraiche air a bhith a' luadhadh le cas nuair a bha i na b' òige. B' àbhaist dhaibh a bhith a' luadhadh le ceathrar, sianar no ochdnar, ach b' e sianar a b' fheàrr. Bhiodh an clò air a bhogadh ann an siaban agus maistir airson ola na beairt a thoirt bhuaithe. Bha dithis bhoireannach làidir ga fhàsgadh, no bha iad a' cleachdadh maide. Cha robh an tè leis an robh an clò a' luadhadh idir. Tha am fiosraiche a' sealltainn mar a bha na casan aca a' dol nuair a bha iad a' luadhadh. Bhiodh iad a' seinn òrain, gu h-àraidh feadhainn mu dheidhinn suirghe. Bha an luadhadh a' còrdadh gu mòr rithe. Bha iad a' luadhadh a' chlòtha agus phlangaidean.
Àite a' Chuspair
Siorrachd - Ros is Cromba
Paraiste - Barabhas
Eilean - Leòdhas
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math