Rannsaich

Am biadh a bha ann an eòin-mhara.

Ceann-latha March 1961
Àireamh a’ chlàir 38956
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1961.18.B4;B5

Àireamh an Teip Thùsail

SA1961.018

Geàrr-chunntas

Am biadh a bha ann an eòin-mhara.

Bhite a' bruich nan eun, agus a' dèanamh brochan dhen t-sùgh le bhith a' cur min-choirce na cheann. Bhite a' fraighigeadh fhulmairean òga anns an ola aca fhèin. Bha e cleachdail dhaibh fulmairean aosta ithe cuideachd, agus guga. Bhiodh iad ri cruinneachadh nan uighean nan ceudan, ach cha robhas ag ithe ugh na faoileige idir. 'S e bothag bheag a bha ann an clèite, far am bite a' cumail mòine is feur. Cha robhas a' cumail nan eun annta idir, ach anns a' bhàthaich.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Na Hearadh

Eilean - Hiort

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Iain MacAonghuis (IM): Nist, cuin a bha sibh gan cur anns na cleitean? Am biodh iad gan cur anns na cleitean ri ur linn-se?

Norman MacQueen (NMQ): Dè...?

IM: Uill, tha am facal cleit agaibh, nach eil, ann an Hiort?

NMQ: Tha.

IM: 'S dè bu chiall da? An e bothag, no dè... dè bh' ann an cleit?

NMQ: Ò clèite. Clèite.

IM: Clèite?

NMQ: Aidh, clèite. Clèite. That's... shin agad taighean... bothagan beaga. Aidh. Sin agad bothagan.

IM: Agus dè feum a bhathas a' dèanamh dhiubh?

NMQ: Bhitheadh iad a' cur mòine annta, agus feur, agus... aidh, mòine 's feur.

IM: Seadh. Agus cha robh iad a' cumail nan eun a bha sin anns na... anns na clèitean idir, an robh?

NMQ: Ò cha robh, cha robh. Ò cha robh, cha robh. Cha robh, cha robh. Ò cha robh mise gan sailleadh siud airson... airson an ithe, you know.

IM: Bhiodh iad anns na togsaidean?

NMQ: Aidh.

IM: Am broinn an taighe, an ann?

NMQ: Chan ann, ach sa bhàthach.

IM: Anns a' bhàthach. Tha mi a' tuigsinn. Tha mi a' tuigsinn. 'S bhiodh sibh an uair sin gam bruich, an robh?

NMQ: Bha.

IM: Am biodh sibh a' dèanamh brot dhiubh, no dad dhen t-seòrsa sin?

NMQ: Brochan.

IM: 'S ciamar a bhiodh sibh... ciamar a bhiodh sibh a' dèanamh a' bhrochain?

NMQ: Bhitheadh bàrr... sùgh a bh' aca, a' cur min-choirce ann, agus ga bhruich fad leth-uair no mar sin.

IM: Dìreach. Dìreach mar a dhèanadh duine brochan le uisge.

NMQ: Aidh, brochan, aidh.

IM: Agus cuin a bhiodh sibh ga ghabhail? Am biodh sibh ga ghabhail còmhla ris an fheòil, no am biodh sibh ga ghabhail sa mhadainn? An robh sibh a' cumail an t-sùgha, ga chur an dàrna taobh 's ga chumail airson...?

NMQ: Uaireannan nuair a bhiodh iad gann, bhitheadh. Ach nuair a bhiodh e pailt cha bhitheadh iad ach ga shadail a-mach.

IM: Seadh, dìreach. Ò, cha robh sibh a' dèanamh a' bhrochain a bha seo ach ri àm gainne?

NMQ: Aidh, aidh. Uill, you know, nuair a gheibheadh sibh fulmair ùr, dhèanadh sibh brochan air. Agus, ò bhiodh e mar... bhiodh e dìreach mar soup nach fhaigheadh sibh... cha d' fhuair sibh a leithid riamh. Bha e cho math.

IM: 'S e biadh fallain a bha sin.

NMQ: Ò 's e, min-choirce, aidh.

IM: Agus an uair sin dìreach ag ithe na feòla aig an eun, an dèidh a bhruich? An robh sibh... an robh sibh ga chur air dòigh... an robh dòigh sam bith eile agaibh air a... air a dheasachadh?

NMQ: Ò, cha robh sibh ga bhruich anns an aon phoit. Cha bhruich e anns an aon phoit.

Boireannach neo-ainmichte (B): Bha sibh ga fryadh.

NMQ: Agus...

IM: Ga fryadh... am biodh sibh ga fryadh uair sam bith?

B: Bha sibh ga fryadh.

NMQ: Ò bhitheadh, nuair a bhiodh iad òg. Ò nuair a bhiodh iad nan iseanan beaga. Ò, bha iad math air a' phraigheapan.

IM: Na fulmairean?

NMQ: Na fulmairean òga, aidh.

IM: An robh sibh gan goil an toiseach 's an uair sin gam fryadh?

NMQ: Ò cha robh, cha robh, ach gan cur air... bha iad cho reamhar agus nuair a chuireadh sibh iad air a' phraigheapan, bha... bha iad cho reamhar agus gun robh an ola a' tighinn dhiubh agus gam praigheapadh fhèin.

IM: Tha mi a' tuigsinn. Agus cha robh sibh ag ithe nam fulmairean mòra, an robh? Ach dìreach an fheadhainn òga anns na neadan?

NMQ: Ò bhitheadh 's an seana fulmair cuideachd.

IM: An robh?

NMQ: Ò bha. Bhiomaid gam marbhadh leis a' ghunna ann as t-earrach. No 's dòcha feadh na h-oidhche bhiomaid às an dèidh, a' breith orra feadh na h-oidhche. 'S bha sibh a' dèanamh ur làmhan dubh, 's d' aodann ga dhèanamh dubh, 's a' dol a-sìos an ròpa anns a' gheamhradh... ann as t-earrach, agus a' breith air an t-seana fhulmair.

IM: Agus... dè bha mi a' dol a ràdh a-nise... na sùlairean òga. Am biodh sibh ag ithe nan sùlairean òga?

NMQ: An guga. Bhitheadh, bhitheadh.

IM: Agus am biodh sibh a' dol a-mach gam faighinn anns na neadan, air an stac a bha sin, an robh?

NMQ: Bhitheadh, bha. Ò bha. Gan toir dhachaigh 's gan sailleadh.

IM: Seadh. Agus gan dàthadh cuideachd, gan cur air dòigh san aon dòigh?

NMQ: Aidh, a h-uile nòs ris an fhulmair.

IM: Tha mi a' tuigsinn. Agus a-nist, dè mu dheidhinn uighean? Am biodh sibh... am biodh sibh...?

NMQ: Uighean? Ò siud far an robh an t-àite airson nan uighean.

IM: Tha mi a' creidsinn.

NMQ: A' toir leat bogsa 's ga lìonadh, a' cur dà cheud ugh ann am broinn bogsa 's ga thoir leat air do mhuin.

IM: Agus am feumadh sibh ròpa a bhith mur meadhan airson sin?

NMQ: Ò dh'fheumadh. Cha robh càil fodhad ach am muir.

IM: Tha mi a' tuigsinn.

NMQ: Cha robh càil fodhad ach am muir.

IM: Seadh. 'S uighean fhaoileag 's...

NMQ: Sùlaire.

IM: Sùlaire. Ò, sùlaire.

NMQ: Aidh, 's an lamaraidh. Uighean lamaraidh, aidh.

IM: Agus am biodh faoileagan ann... am biodh...

NMQ: Ò uighean gu leòr. Aidh. Ach cha robh sinne gan ithe idir.

IM: Nach robh?

NMQ: Cha robh. Ò cha robh. Cha robh sinne gan ithe idir.

IM: Carson seo?

NMQ: Eh?

IM: Carson seo? Cha robh iad cho math ri uighean... [Tha an clàradh a' stad gu h-obann an seo.]

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math