Rannsaich

Sinnsearachd teaghlaich an fhiosraiche.

Ceann-latha July 1971
Àireamh a’ chlàir 38999
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1971.109.B

Àireamh an Teip Thùsail

SA1971.109

Geàrr-chunntas

Sinnsearachd teaghlaich an fhiosraiche.

Fiosrachadh mionaideach mu shinnsearachd an fhiosraiche. Thàinig Clann MhicRuairidh às an Eilean Sgitheanach gu Uibhist a Tuath agus Uibhist a Deas. Bha roileag aca ann an cladh Sgealair: Roileag nan Goibhnean. Iomradh air an fhear mu dheireadh dhe na daoine aca a chaidh a thiodhlacadh an sin. Bha Gilleasbaig, sinn-seanair an fhiosraiche, air fhuadach bho Chnoc an Lìn leis a' bhàillidh nuair a dhiùlt e each a reic ris. Nuair a ghabh fear dhe chàirdean a thaobh an aghaidh a' bhàillidh thug e croit thruagh dha ann am Màlacleit.

Fiosrachadh mu thaigh a shinn-seanair agus a' chlann aige. B' e seanair an fhiosraiche am mac a b' òige. Phòs e Ceit Stiùbhart, nighean cìobair Sgitheanach a bha ag obair do dh'Fhear Bhaile Raghnaill, agus fhuair e a' chroit tron phòsadh. Thog e taigh agus ceàrdach mhòr far a bheil am fiosraiche a' fuireach. Bha aon mhac agus seachdnar nighean aig seanair an fhiosraiche. B' e am fiosraiche a' chiad ogha de ghillean a bha aig a sheanair agus thogadh e còmhla ris fhèin nuair a bhàsaich an aon mhac a bha aige. Dh'ionnsaich e ceàird na goibhneachd dha.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Tuath

Eilean - Uibhist a Tuath

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math