Rannsaich

A' dèanamh strùan air Là Fhèill Mìcheil.

Ceann-latha September 1958
Àireamh a’ chlàir 39694
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1958.85.A5

Àireamh an Teip Thùsail

SA1958.085

Geàrr-chunntas

A' dèanamh strùan air Là Fhèill Mìcheil.

Bhiodh màthair an fhiosraiche a' dèanamh strùan aig Fèill Mìcheil dhan a h-uile duine a bha a-staigh. Bha e mì-shealbhach nam briseadh fear. Bhris fear a bràthar turas agus bhàsaich e am broinn bliadhna. Cha do rinn i strùan tuilleadh.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Calum MacIllEathain (CM): A bheil cuimhn' agaibh a-niste air... iad a' dèanamh... Fèill Mhìcheil, iad a bhith a' dèanamh strùain?

Peggy MacDonald (PM): Tha. Tha cuimhn' agam gun robh mo mhàthair gan dèanamh, iad ceithir oisinneach mar sin. Cha bhiodh ach an strùan ga dhèanamh dhan a h-uile duine a bha a-staigh, Latha Fhèill Mìcheil. 'S e iad a bhiodh air an dèanamh math cuideachd. Bha iad a' cur cover orra, an àite icing an-diugh, 's ann a bha iadsan a' cur cover eile orra. Agus chuala mi i a' bruidhinn... nist bha còir aig na strùain na... na... 's e bad luck a bh' ann nam bristeadh fear. Agus bha i a' ràdh gun robh i ann an Togh Mòr - 's ann às a thàinig i, fhios a'd, 's ann o mhuinntir Bheinn na Fadhla a bha mo mhàthair - agus bha i an taigh bhràithrean mo mhàthar, agus bha mo sheanmhair, cha chreid mi, beò, bha, agus thòisich ise air dèanamh strùain, co-dhiù 's bha ise a' dèanamh strùain dhan a h-uile duine. Agus bha triùir a bhràithrean aice, 's bha fear dhiubh, uill bha fear dhiubh air falbh, cha chreid mi, bha e ag ionnsachadh a bhith na shagart, fear dhiubh. Agus bha fear ann air an robh Aonghas, co-dhiù - tha teans gur e balach gasta a bh' annsan. Chuir i mar siud air dreasair iad nan seasamh. Nuair a chuir i nan seasamh iad, dh'fhalbh oisinn à fear dhiubh uile-gu-lèir, 's dh'fhalbh e air an ùrlar. Agus ann an ceann na bliadhna bha e marbh. Cha do dheònaich i strùan a dhèanamh tuilleadh.

CM: Seadh, dìreach. Nam bristeadh an strùan, bha... 's e am bàs bh' ann?

PM: Bha.

CM: Dìreach, dìreach. Agus bheil cuimhn' agaibh riamh am biodh iad a' falbh air muin each? Cha bhiodh iad a' falbh air Latha Fhèill Mìcheil, am bitheadh?

PM: Ò, cha bhitheadh.

CM: No latha sam bith?

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math