Chan Iongnadh Mi Bhith Tùrsach
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Rinn am bàrd an t-òran seo nuair a bha e làn cianalais, 's e a' fàgail na dùthcha an dèidh dha a bhith air chèilidh air a phàrantan ann an Uibhist. Às dèidh an òrain, tha fios air a thoirt seachad mu àiteachan ann an Uibhist a Deas, cuid dhiubh air an ainmeachadh anns an òran.
Tha am fiosraiche ag innse mu na daoine a chaidh a chur às a' Bheinn Mhòir, Ùisinis agus Loch Sgioport. Tha e cuideachd ag innse mu Iain Mòr Chalbhaigh. Ghoid Iain Mòr boireannach agus thug e air ais i chun a' chaisteil. Chuireadh teine ris a' chaisteal agus theich Iain Mòr. Thàinig e air tìr agus thuit e na chadal. Thàinig duine tarsainn air a dh'aithnich gur e droch dhuine a bh' ann agus mharbh e e. Tha e tiodhlaicte ann am Bealach Iain, aig Taobh a Deas Loch Baghasdail.
Iomradh air dithis sgiobairean à Latvia agus às an Ruis, agus mar a bhriseadh tuathanas Chille Bhrìghde.
Notaichean a' Chlàir
This song was composed by Roddy Campbell (Ròidseag) when he was leaving South Uist, after visiting his parents.
Àite a' Chuspair
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Paraiste - Uibhist a Deas
Eilean - Uibhist a Deas
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math