Rannsaich

Mar a chaill Mac 'ic Ailein Bòrnais

Ceann-latha July 1970
Àireamh a’ chlàir 40092
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1970.196.A3

Àireamh an Teip Thùsail

SA1970.196

Geàrr-chunntas

Mar a chaill Mac 'ic Ailein Bòrnais

Bha Mac 'ic Ailein trom air searbhanta. Dh'fhalbh an searbhanta agus chaidh e a-null thairis. An ceann ùine thill e 's e na dhuine beartach. Thug Mac 'ic Ailean, a bha a-nis sean, cuireadh dha tighinn gu Ormacleit. Cha deachaidh e ann, agus mar sin chaidh an ceann-cinnidh dhan taigh aige ann am Bòrnais a dh'iarraidh iasad. Fhuair e sin, fhad 's a bheireadh e seachad Bòrnais. Thug e am fearann seachad, agus chaidh sin a chlàradh mu choinneamh fhianaisean, ann an Dùn Èideann. Dh'eug Mac 'ic Ailein. Bha na h-oighrean aige ag iarraidh Bòrnais fhaighinn air ais. Bha farpais spòrs aig na càirdean aca ann an Canaigh. Thairig Mac 'ic Ailean ùr gun toireadh e fear Bhòrnais ann an am bàta. Bhuinnig Fear Bhòrnais agus a chuideachd farpaisean, ach thuig e gum biodh e ann an cunnart nan cuireadh e seachad oidhche ann an Canaigh. Fhuair e air falbh gu sàbhailte, ged a dh'fheuchadh ri casg a chur air. Cha do dh'fheuchadh tuilleadh air cur às dha.

Tha beagan air innse mun fhear mu dheireadh de Dhòmhnallaich Bhòrnais.

Neach/Cuspair a' Chlàir

Mac 'ic Ailein; Fear Bhòrnais

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Baile/Àite - Bornais

Cànan

Gàidhlig

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Meadhanach Math