spacer
spacer

Mar a thachair do St Clair Bharraigh, ogha Diùc Mhonteith.

Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
Tiotal a' Chlàir - Mar a thachair do St Clair Bharraigh, ogha Diùc Mhonteith.
Fiosraichean - Aonghas MacIllFhialain
Luchd-clàraidh - Calum Iain MacIlleathain
Item Person - Duke of Monteith, St Clair of Barra

Geàrr-chunntas - Mar a thachair do St Clair Bharraigh, ogha Diùc Mhonteith.

Bha mac dìolain aig nighean Diùc Mhonteith agus comanndair airm. Phòs iad agus bha gille eile aca, ach chaidh a' chiad phàiste a thogail le fear MacRath agus a bhean anns na Hearadh. Fhuair an Diùc a-mach cò bh' ann. Thug e dha sgoil, chaidh an gille a bhaisteadh mar St Clair Monteith, cheannaich a sheanair dha post san arm agus sgrìobh e oighreachd air.

Chaidh a phàrantan gus an rìgh gus an oighreachd a thoirt bhuaithe agus chaidh a bhràthair a chur dhan chaisteal na àite.

Dh'fhàg St Clair an t-arm agus chaidh e a Bharraigh le dithis charaid. Thog e caisteal St Clair. Chuir iadsan agus muinntir Bharraigh ruaig air saighdearan a thàinig air a thòir.

Bha a bhràthair a' dol a phòsadh Lady Ambleton, ach ghoid St Clair i bhuaithe agus phòs iad. Phòs a bhràthair tè a bha farmadach ri Lady Ambleton agus chuir i a bàillidh às dèidh St Clair. Ghlac e St Clair agus dh'fhalbh e leis. Chaidh a dhithis charaid agus a mhac air a thòir. Fhuair a mhac obair aig caisteal Monteith agus fhuair e a-mach gun robh athair na phrìosanach. Shàbhail an triùir aca St Clair.

Chaidh a mhac dhan arm agus shàbhail e beatha an rìgh. Thug an rìgh dha iarrtas sam bith mar dhuais. Dh'iarr e gum faigheadh athair air ais na chaidh a thoirt bhuaithe le mealltaireachd. Fhuair St Clair air ais caisteal a sheanair agus bha e fhèin agus a bhràthair rèidh tuilleadh.

Chuala am fiosraiche an sgeulachd bho Dhòmhnall mac Dhonnchaidh.

Fad a' Chlàir (h:m:s) - 00:04:33
Àm Clàraidh - 1959.06.11
Cànan - Gàidhlig
Seòrsa - Sgeulachd
Cruinneachadh - Sgoil Eòlais na h-Alba

Àireamh a' Chlàir - 40666
Àireamh an Teip Thùsail - SA1959.038
Àireamh a' Chlàir Thùsail - SA1959.38.3+39.1
Càileachd an Fhuaime - Math
Cruth Inneal a' Chlàir - R2R



Àite Clàraidh:
  Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
  Paraiste - Uibhist a Deas
  Eilean - Uibhist a Deas

Notaichean a' Chlàir - Cf. 'Stories from South Uist' told by Angus MacLellan, translated by John Lorne Campbell, pp. 189-200.

Ceangal Maireannach - http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/40666/1

Bloighean:
Cluich pàirt 1 (00:04:33)
Cluich pàirt 2 (00:04:04)
Cluich pàirt 3 (00:11:22)
Cluich pàirt 4 (00:11:11)




Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA