Rannsaich

Mar a thachair do St Clair Bharraigh, ogha Diùc Mhonteith.

Ceann-latha 11 June 1959
Àireamh a’ chlàir 40666
Pàirt 1
Pàirt 2
Pàirt 3
Pàirt 4

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1959.038.3+039.1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1959.038

Geàrr-chunntas

Mar a thachair do St Clair Bharraigh, ogha Diùc Mhonteith.

Bha mac dìolain aig nighean Diùc Mhonteith agus comanndair airm. Phòs iad agus bha gille eile aca, ach chaidh a' chiad phàiste a thogail le fear MacRath agus a bhean anns na Hearadh. Fhuair an Diùc a-mach cò bh' ann. Thug e dha sgoil, chaidh an gille a bhaisteadh mar St Clair Monteith, cheannaich a sheanair dha post san arm agus sgrìobh e oighreachd air.

Chaidh a phàrantan gus an rìgh gus an oighreachd a thoirt bhuaithe agus chaidh a bhràthair a chur dhan chaisteal na àite.

Dh'fhàg St Clair an t-arm agus chaidh e a Bharraigh le dithis charaid. Thog e caisteal St Clair. Chuir iadsan agus muinntir Bharraigh ruaig air saighdearan a thàinig air a thòir.

Bha a bhràthair a' dol a phòsadh Lady Ambleton, ach ghoid St Clair i bhuaithe agus phòs iad. Phòs a bhràthair tè a bha farmadach ri Lady Ambleton agus chuir i a bàillidh às dèidh St Clair. Ghlac e St Clair agus dh'fhalbh e leis. Chaidh a dhithis charaid agus a mhac air a thòir. Fhuair a mhac obair aig caisteal Monteith agus fhuair e a-mach gun robh athair na phrìosanach. Shàbhail an triùir aca St Clair.

Chaidh a mhac dhan arm agus shàbhail e beatha an rìgh. Thug an rìgh dha iarrtas sam bith mar dhuais. Dh'iarr e gum faigheadh athair air ais na chaidh a thoirt bhuaithe le mealltaireachd. Fhuair St Clair air ais caisteal a sheanair agus bha e fhèin agus a bhràthair rèidh tuilleadh.

Chuala am fiosraiche an sgeulachd bho Dhòmhnall mac Dhonnchaidh.

Notaichean a' Chlàir

Cf. 'Stories from South Uist' told by Angus MacLellan, translated by John Lorne Campbell, pp. 189-200.

Neach/Cuspair a' Chlàir

Duke of Monteith, St Clair of Barra

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Aonghas MacIllFhialain (AM): Bha an Duke of Monteith, bha aon nighean aige. Sin na bh' aige de theaghlach. Agus bha comanndair airm a' dèanamh suas rithe gus a pòsadh. Agus dè bha i ach trom aige gun fhiosta. Agus thàinig air a' chomanndair falbh a-null gu ruige an Fhraing, agus bha e a' dol ga pòsadh nuair a thilleadh e.

Ach thàinig an t-àm oirrese a bhith air a h-asaid, mun do thill an comanndair, agus dh'fhalbh i às a' chaisteal air eagal 's gum faighte a-mach gum biodh a leithid idir ann. Agus cà 'n deach i ach taigh duine bhochd a bh' air an fhearann aig a h-athair, fear MacRath. Agus rugadh am pàiste ann a shin - pàiste gille.

Agus nuair a fhuair i gu math, rinn i airson tilleadh dhan chaisteal, agus 's ann a dh'fhàgadh i am pàiste aig bean MhicRath. Cha robh teaghlach aca fhèin ann, agus thogadh iad fhèin e, agus e dh'fhalbh às a seo air fad air eagal 's gum faighte a-mach gun robh a leithid idir ann, agus gun cumadh i fhèin suas e ge air bith cà 'n rachadh e.

'S ann mar seo a bha. Dh'fhalbh MacRath, agus cà 'n tàinig e ach dha na Hearadh. Agus nuair a thill an comanndair a-nall às an Fhraing, phòs e fhèin 's nighean an diùc, 's cha robh iad ro fhada pòsta nuair a fhuair iad gille eile.

Bha MacRath anns na Hearadh, agus bha ise a' cumail ris, agus cha robh MacRath ach ag iasgach, cha robh ann ach duine bochd. Agus bha an gille a' fàs suas na chnapach, 's bha e gu math fritheilteach do MhacRath, agus bha dùil aig a h-uile duine gur ann le MacRath fhèin a bha e.

Ach dh'fhàs an diùc an seo bochd, agus bha dotairean a' comhairleachadh dha tighinn rathad nan Eileanan an Iar, far am faigheadh e èadhar ghlan agus iasg ùr, gur e aon sìon a b' fheàrr a b' urrainn da fhaighinn.

Dh'fhalbh an diùc agus dè rinn e ach tighinn rathad na Hearadh, agus cò thachair air ach MacRath, agus rinn e leithid a thoileachadh ri MacRath, 's e a bhith air an fhearann aige fhèin ùine mhòr, agus 's ann a rachadh e a dh'fhuireach a thaigh MhicRath. Agus bha an gille an uair sin na chnapach suas agus fèileadh air agus bha e fuathasach fritheilteach airson ceann-turais dhan diùc, agus bha leithid a nòisean aig an diùc dheth.

Agus bhiodh e fhèin... an diùc 's MacRath a-mach ag iasgach a h-uile latha, 's bha an diùc a' faighinn air aghaidh gu math na shlàinte, agus 's ann a rinn e seo airson tilleadh dhan chaisteal. Agus 's ann a bhruidhinn e ri MacRath feuch an leigeadh e leis an gille airson greis. Agus cha robh MacRath airson an gille a leigeil air falbh idir.

"Ò leabhra," ars an diùc, "cha ruig thu leas cùram sam bith a bhith ort mu dheidhinn," ars esan. "Chì mise thugad e," ars esan, "a cheart cho sàbhailte 's a tha mi ga thoir leam," ars esan. Agus: "Airson greis co-dhiù," ars esan.

Seo mar a bha. Leig MacRath air falbh an gille leis an diùc agus nuair a chaidh an diùc dhachaigh 's a chuala an nighean gun tàinig e, 's ann a thàinig i fhèin 's an duine ga choimhead, agus thug iad leotha an gille eile. Agus dh'fhaighneachd ise dhe h-athair cò às a thug e am balach a bha seo.

"An-tà, leabhra, thug," ars esan, "às na Hearadh," ars esan. "Balach le MacRath," ars esan, "a bh' againn fhèin ann a sheo," ars esan, "air an fhearann," ars esan, "agus 's ann a-staigh aige a bha mise a' chuid a b' fhaide dhen ùine o dh'fhalbh mi," ars esan.

Thuig ise anns a' mhionaid cò bh' aice.

"Ò, dè an turas a bh' agaibh," ars ise, "a dhol a thoir a leithid sin an seo," ars ise 's i a' tionndadh.

"Och chan eil sìon ceàrr air a' bhalach," ars esan. "Balach ceart gu leòr," ars esan, "ged nach eil e cho... cho dreaste ri d' mhac-sa," ars esan, "gabhaidh e dreasadh."

"Ò, cha robh turas idir, idir agaibh e seothachd a thoir ann," ars ise.

Bha i fuathasach diombach dhe h-athair. Dh'fhalbh an gille aig MacRath agus an gille aig a' chomanndair a-mach dhan ghàradh a chluich dhaibh fhèin, agus gu dè thòisich ach mac a' chomanndair air dèanamh each air mac MhacRath, 's cuip aige. Bha am fear sin ag iarraidh air a bhith modhail. Ò sin mar bu mhiosa e. Dh'fhalbh e seo agus fhuair e druis airson cuip.

[Stad sa chlàradh an seo.]

Calum MacIllEathain (CM): Seo ma-thà.

AM: Bha druis aige airson cuip, agus cha robh air mac MhacRath ach èileadh, agus dh'fhalbh e 's tharraing e an druis suas eadar a dhà chois, agus gheàrr e na slèisnean aig an fhear eile leis an druis, agus leum an nàdar air an fhear eile agus rug e air 's thug e plùchadh de dhochann air 's dh'fhalbh e a-staigh anns an rànaich far an robh a mhàthair 's e air a mhurt.

Ò, nuair a ràinig an gille, thòisich ise air trod ri h-athair.

"'S cinnteach gur ann airson crois a thug sibh an seo e. 'S mi a bha cinnteach, nach ann agamsa tha am fiach, mo mhac air a mhurt aig a' bhasart a tha sin."

Agus dh'fhalbh an diùc, agus chuir e fios air mac MhacRath a dhol a-staigh. Chaidh an gille a-staigh.

"An-tà, laochain," ars esan, "nuair a thug mi air falbh o d' athair thu," ars esan, "bha mi a' smaointinn nach biodh do chèilidh cho goirid," ars esan, "ach bi a-nist a' faighinn deiseil," ars esan, "agus gheall mise dha d' athair gum faicinn thuige sàbhailte thu," ars esan, "agus gum biodh tu a' falbh dhachaigh," ars esan.

Thàinig ràc caoinidh airsan agus thionndaidh e air falbh.

"Cha chuala mi," ars esan, "a bhith dìtheachadh duine riamh," ars esan, "gun fios an reusain fhaighinn a-mach an toiseach," ars esan.

"Dè tha thu ag ràdh?" ars an diùc.

"Ò, chan eil dad," ars esan.

Sheall an diùc.

"Dè an fhuil a th' air do chasan an sin?" ars an diùc 's e a' tionndadh.

"Tha," ars esan, "far an do gheàrr esan mi le druis," ars esan, "a' dèanamh each orm," ars esan, "'s nach... nach toireadh e feart orm fuireach modhail," ars esan.

Dh'èirich an diùc 's thog e an t-èileadh, 's bha an dà shliasaid aig a' ghille air a ghearradh leis an druis. Ò, thionndaidh e ris an nighinn cho crosta. Thuirt e:

"Ò, thusa," ars esan, "agus do thrustar mic," ars esan. "Bu chòir dhut a bhith air modh ionnsachadh dha," ars esan. "Nam biodh e modhail, cha dèanadh esan dad air," ars esan. "Chan ann mar sin, a laochain, a tha thu a' dol a dh'fhalbh" ars esan. "Thalla 's bheir an leaba ort."

Dh'fhalbh an nighean, i fhèin 's an duine, 's cha robh iad a' dol a thighinn na chòir tuilleadh.

"Mas e sin seòrsa a tha thu gus a' toir dhan chaisteal, biodh e agaibh fhèin."

Agus nuair a chaidh i dhachaigh, dh'fhalbh i agus sgrìobh i gu MacRath, agus dh'iarr i air tighinn a dh'iarraidh a' ghille gu h-allamh, nach e siud a gheall e dhìse nuair a dh'fhàg i aige e, no gun leigeadh ise fhaicinn dha.

Cha robh fios aig MacRath gu dè rud a dhèanadh e, ach nuair a leighis an seo an gille, na casan aige, sgrìobh an diùc gu MacRath, e dhol a-mach an coinneamh a' ghille agus gum pàigheadh e fhèin fharadh. Dh'fhalbh MacRath. Nuair a ràinig e:

"An-tà," ars an diùc, "bha dùil a'm gu dearbh," ars esan, "nuair a thug mi leam e," ars esan, "nach biodh a chèilidh cho goirid," ars esan, "ach thàinig an nighean ann a sheo," ars esan, "i fhèin 's an duine, agus thug iad leotha an gille còmhla riutha," ars esan, "nuair a thàinig mi," ars esan, "agus chaidh e fhèin 's an gille a-mach dhan ghàradh," ars esan, "a chluich," ars esan, "'s tha mi a' tuigsinn gun deach iad far a chèile sa ghàradh," ars esan, "'s thug e plùchadh dochainn air," ars esan, "agus 's e e fhèin bu choireach," ars esan, "far an do gheàrr e e le druis," ars esan, "a' dèanamh each air," ars esan, "agus dh'fhalbh iad le rage," ars esan, "'s chan fhaca mise duine dhiubh on uair sin," ars esan, "agus 's e sin bu choireach," ars esan, "mi bhith deònach dealachadh ris cho luath," ars esan.

"An-tà, bha fios agamsa air a sin," arsa MacRath, "nuair a thug sibh leibh e," ars esan, "agus 's e sin a bha a' toir orm," ars esan, "nach robh mi deònach a leigeil leibh," ars esan. "Agus air an làimh eile," ars esan, "cha b' urrainn mi," ars esan, "a chumail bhuaibh, agus fios a'm gur ann agaibh fhèin a b' fheàrr a bha còir air na agamsa."

"Dè a' chòir a bh' againn air?" ars an diùc.

"Ò, bha," arsa MacRath, "gun robh e leatha cho cinnteach 's a bha am fear eile leatha."

"Gu de an ailis a tha thu a' dol a chur ormsa no air mo theaghlach?" ars esan. "Bi falbh thu fhèin 's do thrustarnais," ars esan.

"Chan eil mise a' cur ailis idir oirbh," arsa MacRath. "Dh'innis ach an fhìrinn," ars esan, "agus siud an nèapaigear," ars esan, "a dh'fhàg i timcheall air a' phàiste a-staigh agamsa nuair a rugadh e," ars esan, "agus coimheadaibh am buin e dhuibh fhèin," ars esan.

Bha coat of arms air an nèapaigear.

"Ò, buinidh seo dhuinne ceart gu leòr," ars an diùc, ars esan, "ach a bheil dearbhadh agad nas fheàrr na sin?" ars esan.

Dh'fhalbh MacRath...

[Stad sa chlàradh an seo.]

Dh'fhalbh MacRath agus thugadh an litir às a phòca, litir a nighinn, agus shìn e dha i.

"Leugh sin, ma-thà," ars esan, "ma tha dearbhadh a dhìth ort."

Sheall an diùc air an litir.

"Ò uill," ars an diùc, "mas ann mar sin a tha," ars esan, "'s ann mar seo a bhitheas," ars esan. "Faodaidh tusa falbh nuair a chì thu fhèin an t-àm, ach chan fhalbh esan."

Thill MacRath air ais gu ruige na Hearadh agus dh'fhalbh an diùc agus chuir e fios air an nighinn agus air an duine, agus thàinig iad 's dh'fhaighneachd e dhan nighinn gu dè bu choireach i bhith a' cur an aghaidh a mic.

Och cha robh siud ach breugan MhacRath. Cha robh turas aicese ris; cha robh [???] a' ràdh gum bu leathase riamh e.

"Ò chan e," ars esan.

Thionndaidh e ris a' chomanndair.

"An robh mo nighean-sa trom agadsa," ars esan, "nuair a dh'fhalbh thu dhan Fhraing?"

"An-tà, bha," ars an comanndair.

"Cha robh sin ach rud a bha marbh," ars ise.

"Ò chan eil e marbh fhathast, cuideachd," ars an diùc, "ach on a bha thusa cho dona sin," ars esan, "togaidh mise an gille a-nist," ars esan, "'s gheibh e sgoil 's ionnsachadh, agus 's leis m' oighreachd air mo bhàs."

Ò nuair a chuala i seo, cha robh tàmailt ann ach seo 's dh'fhalbh i fhèin 's an duine 's cha robh iad a' dol a thighinn na chòir tuilleadh.

"Mas e sin seòrsa a tha thu gus a bhith a' tarraing dhan chaisteal, bi e agaibh fhèin."

Thog an diùc an gille agus sin nuair a chaidh a bhaisteadh nuair a thugadh St Clair Monteith air. Dh'fhàs an gille suas na dhiùnlach 's na dhuine foghainteach, agus cheannaich a sheanair dha post anns an arm cho àrd ri athair.

Agus nuair a dh'fhàs an seo an diùc sean 's a dh'fhàs e bochd, sgrìobh e an oighreachd air St Clair. Agus bhàsaich an seo an diùc agus 's e St Clair a thàinig a-staigh an àite a sheanar air an oighreachd.

Ach 's ann a thòisich an seo, a mhàthair, i fhèin 's an duine, air cur ghearanan chun an rìgh, nach robh còir sam bith aig St Clair air an oighreachd; gur ann aig a mac-se a bha còir air an oighreachd, agus nach robh siud ach mac iasgair a thug a h-athair às na Hearadh, 's gun do dh'fhàs a h-athair faoin anns na lathaichean mu dheireadh, gun tug esan air leis a' bheul an oighreachd a sgrìobhadh air fhèin 's nach robh sìon a chòir aige oirre.

'S ann a chuireadh St Clair às a' chaisteal agus fhuair a bhràthair ann na àite. Nuair a chunnaic St Clair seo, cho suarach 's a rinneadh air, agus e fhèin cho àrd ann an seirbheis an rìgh, ri bhràthair, 's ann a dh'fhàg e an t-arm agus lean Feadailteach 's Frangach e agus thàinig iad gu ruige Barraigh. Agus thog e caisteal air eilean air loch ann am Barraigh, agus 's e Caisteal St Clair a th' air chun an latha an-diugh, agus bha e ann a shin.

Bha airgead-ceann aig an rìgh air St Clair nuair a theich e às an arm, duine sam bith a bhrathadh e. Ach fhuair iad an seo a-mach gun robh e ann am Barraigh, agus chuireadh long-chogaidh gu ruige Barraigh feuch am faighte grèim air. Agus dh'acraich i a-muigh ann am Bàgh a' Chaisteil - agus cha robh cidhe ann no ceudan bliadhna às a dhèidh - agus chunnaic St Clair i, agus thuig e taghta mar a bha, agus chruinnich e a h-uile duine a bh' ann am Barraigh agus thug e gu mullach na beinne iad os cionn Bhàgh a' Chaisteil, agus thuirt e riutha iad fhèin a nochdadh air mullach na beinne, iad a dh'fhuireach ann a shiud.

Agus thàinig an sgiobair agus an comanndair a bh' air an arm gu tìr, feuch am faigheadh iad a-mach dè an t-àite an robh e ann am Barraigh. Agus cha do rinn St Clair ach gabhail sìos nan coinneamh, agus fo chuid armachd. Agus choinnich e iad agus dh'aithnich iad St Clair sa mhionaid agus thuirt an comanndair ris gum feumadh iad falbh còmhla riuthasan, gur ann ga iarraidh a thàinig iad.

"'S co-dhiù 's fheàrr leibh," arsa St Clair, "tilleadh mar a thàinig sibh," ars esan, "no an ceann a chur dhibh far a bheil sibh?" ars esan. "Bheil sibh a' faicinn na bheil agamsa a dh'arm shuas an sin?" ars esan. "Chan eil agam ach fead a ghearradh orra," ars esan, "agus ged a bhiodh trì man-of-wars agaibh ann," ars esan, "cha rachadh duine agaibh far na làthair," ars esan.

"Ò," ars an comanndair, "cha chuir sinne dragh sam bith ort," ars esan, "mura deònaich thu falbh còmhla rinn le do thoil fhèin."

"Ò uill, ma-thà," arsa St Clair, "tillidh sibh mar a thàinig sibh," ars esan.

Thill an long-chogaidh air ais agus dh'innis iad dhan rìgh an sealladh a chunnaic iad - nach robh fhios dè na bh' aige a dh'arm air a thogail ann am Barraigh; nach fhaiceadh iadsan ach a' bheinn dubh leotha.

"Ò uill," ars an rìgh, ars esan, "cha d' fhiach e mòran," ars esan. "Leigidh sinn leis an-dràsta," ars esan, "feuch am faic sinn," ars esan, "gu dè tha na bheachd a dhèanamh," ars esan.

Chaidh guth bàs air airson treis agus bha St Clair, bhiodh e a' falbh gu tìr-mòr, agus dh'fhalbh e an triop a bha seo gu tìr-mòr agus gu dè a bh' aca ach sports - feuchainn feuch cò am fear-claidheamh a b' fheàrr. Bha iad ann am pàirc a-mach iomall a' bhaile agus chùm St Clair air aghaidh gus an do ràinig e, agus nuair a ràinig e cò bha na sheasamh anns an ring ach a bhràthair, 's ann aige bha first. Agus bha a' bhànrighinn, agus i na suidhe ri taobh Leadaidh Ambleton, agus bha St Clair na sheasamh air an cùlaibh agus thuirt a' bhànrighinn ris an leadaidh:

"Sin agad a-nist," ars ise, "fear a fhreagradh ortsa," ars ise, "agus chì mise agad e le m' òrdan," ars ise.

"An-tà," ars an leadaidh, "bhithinn glè choma de dh'fhear a gheibhinn anns an dòigh sin," ars ise, "mura tigeadh e le a làn thoil fhèin."

'S ann a ghabh a' bhànrighinn tàmailt airson cho suarach 's a chuir i an tairgse a bha i a' toir dhi. Nuair a chuala St Clair seo, cha do rinn e ach gabhail a-null far an robh a bhràthair, agus thuirt e ris:

"Uill, cha bhi first agad," ars esan, "gu 'm feuch thu mise," ars esan.

"Ò, ceart gu leòr," ars am fear eile.

Cha robh sìon a dh'fhios aig an fhear eile gum bu bhràthair dha St Clair air sàillibh a mhàthar, ach bha fhios aig St Clair taghta gum bu bhràthair dha esan. Start an dithis aca air a chèile, agus ann an dà mhionaid, bha e air a striopadh a-mach às an ring aig St Clair. Agus ghabh e a-nall far an robh an leadaidh agus thuirt e rithe:

"An-tà," ars esan, "'s ann air do shon-sa," ars esan, "a chluich mise an-diugh," ars esan.

Dh'èirich an leadaidh na seasamh agus rinn i modh air a bheulaibh agus thug i 'mòran taing' dha, mas ann air a son-se a rinn e e. Agus dh'fhalbh St Clair.

Agus thàinig e air ais gu ruige Barraigh. Agus, ach an Dia fhuair e seo a-mach, gun robh a bhràthair a' dèanamh airson an leadaidh a phòsadh, agus thuirt e ris fhèin nan gabhadh e dèanamh, gun cumadh esan bhuaithe i, airson spite.

Agus dh'fhalbh e fhèin agus am Frangach agus am Feadailteach gu tìr-mòr agus chaidh iad chun a' chaisteal aig Leadaidh Ambleton, agus bha fàinne aig St Clair a bha e airson a thoir dhi. Agus cha robh fios aige gu dè am plan air am faigheadh e am fàinne a thoirt dhi, nuair a gheibheadh e na bruidhinn.

Bha am Frangach 's am Feadailteach nan luchd-ciùil a bha uabhasach math air fidheall 's air clàrsaich, agus bha iad a' seinn a-muigh timcheall a' chaisteil, agus thàinig na searbhantan a-mach, agus cha robh na b' fheàrr na dhol a-staigh do hall a bh' ann airson dannsa. Ach thuirt am Feadailteach ri St Clair:

"Bheir thusa dhòmhsa," ars esan, "am fàinne," ars esan, "agus nì mise plan," ars esan, "air am faigh i e," ars esan.

Dh'fhalbh St Clair agus thug e am fàinne dhan Fheadailteach. Bha am Feadailteach agus e a' bruidhinn ris an table maid aicese, agus i a-muigh, a' dannsa, agus thuirt am Feadailteach:

"An-tà, gu dearbh," ars am Feadailteach, "'s mi fhèin tha gun fhios a'm," ars esan, "gu dè rud a nì mi," ars esan.

"Dè sin?" ars ise.

"Leabhra, tha," ars esan, "ban-naomh a choinnich mi," ars esan, "agus thug i dhomh fàinne òir," ars esan, "agus chuir i mar fhiachaibh orm," ars esan, "a thoir do thè aig an robh maighdeanas," ars esan, "nach tuirt guth ri fear riamh," ars esan, "agus 's beag tha a dh'fhios agamsa," ars esan, "cà 'il an tè sin," ars esan.

"An-tà, 's aithnte dhòmhsa," ars ise, "tè a tha mar sin.

"Cò?" ars am Feadailteach.

"Tha mo bhana-mhaighistir," ars ise.

"A bheil thu cinnteach?" ars esan.

"Tha mi cho cinnteach ann," ars ise, "agus gun toirinn mo mhionnan air," ars ise, "nach tuirt duine riamh guth rithe," ars ise, "airson pòsadh."

"An-tà, ma tha thu cinnteach ann," ars esan, "bheir mise dhut am fàinne gus a thoirt dhi. Agus mura bheil i mar sin," ars esan, "ma ghabhas i e," ars esan, "bidh e fada, fada nas miosa dhìse na bhios e dhòmhsa," ars esan.

Dh'fhalbh e agus thugadh am fàinne dhan... dhan table maid, agus a-staigh a bha i sin far an robh an leadaidh.

"Ah ghiall," ars ise, "ach na daoine a tha a-muigh an siud," ars ise.

"Dè na daoine a th' ann, a ghalathad?" ars an leadaidh.

"Nach tug fear aca," ars ise, "fàinne òir dhòmhsa," ars ise, "a fhuair e o bhan-naomh," ars ise. "'S chuir i mar fhiachaibh air," ars ise, "a thoir do thè aig an robh maighdeanas, 's nach tuirt fear guth riamh rithe," ars ise. "Agus thuirt mise ris," ars ise, "gum b' aithnte dhòmhsa tè a bha mar sin, agus gum b' e sin sibhse."

"Dè, a ghalathad, am fios a th' agadsa gu dè mar a dh'fhaodainn-sa bhith?" ars an leadaidh.

"Tha fios agamsa air," ars ise, "ceart gu leòr," ars ise. "Faic am fàinne" ars ise.

Dh'fhalbh i agus thug i am fàinne dhan leadaidh agus sheall an leadaidh air an fhàinne, agus bha ainm St Clair ann am broinn an fhàinne, agus thuig i taghta cò a bh' aice.

"Ò ma-tà," ars ise, "mòran taing dhutsa," ars ise, "airson seo a thoir thugamsa," ars ise, "agus gabhaidh mise seo," ars ise, "agus can riutha," ars ise, "nach ruig iad a leas [?car às] an t-àite anns a bheil iad a-nochd," ars ise.

Chaidh an nighean a-mach air ais agus dh'fhaighneachd am Feadailteach dhi:

"Seadh," ars am Feadailteach, "an do ghabh i e?"

"An-tà, ghabh," ars ise, "agus a Dhia, "'s i bha toilichte," ars ise, "agus thuirt i ribh," ars ise, "nach ruigeadh sibh a leas carachadh às an àite anns a bheil sibh a-nochd."

"Ò glè mhath," ars am Feadailteach, "tha mise clìor ma-thà," ars esan.

Nuair a ghabh a h-uile duine mu thàmh, thàinig an leadaidh a-mach, agus fhuair St Clair na bruidhinn, agus dh'innis i dha gun robh a bhràthair a' dèanamh airson a pòsadh 's gun robh a cuideachd fuathasach fhèin toilichte i ga phòsadh.

"Ach ma thig an gnothach cho cruaidh orm," ars ise, "'s gum feum mi a dhèanamh," ars ise, "feuchaidh mi ri brath a leigeil thugadsa," ars ise.

"Uill, cuimhnich sin ma-thà," arsa St Clair.

Thill St Clair 's am Feadailteach 's am Frangach gu ruige Barraigh, ach cha robh e fad an sin nuair a fhuair e seo a-mach gun robh a bhràthair a' dèanamh airson a pòsadh, agus dh'fhalbh e gu tìr mòr. Agus nuair a ràinig e an caisteal, gu dè an latha a ràinig e ach an latha a bha a bhràthair agus an leadaidh a' dol a phòsadh, agus bha a bhràthair an dèidh tighinn, agus bha e ann an rùm a' cur uime agus bha an leadaidh ann an rùm eile a' cur uimpe, agus bha eaglais bheag a-mach às a' chaisteal, 's ann a bha iad a' dol a phòsadh.

Fhuair St Clair a-staigh agus fhuair e a-mach an rùm anns an robh ise, agus cha do rinn e ach breith air achlais oirre, agus gabhail a-mach tron eaglais, 's e an rathad a ghabh e leatha, agus leigeadh an [???], gun robh am boireannach air a goid.

A-mach a bha a bhràthair às a dhèidh agus nuair a bha St Clair sìos tron eaglais, cò...

[Stad sa chlàradh an seo.]

Nuair a bha e sìos tron eaglais, cò nochd a-mach air an doras às a dhèidh ach a bhràthair. Agus sheas St Clair:

"An ann a' tighinn ga toir bhuam a tha thu?" ars esan.

"A cheart cho cinnteach 's a striop mise thu," ars esan, "a leithid seo a phàirc," ars esan, "striopaidh mi an ceann dhìot air bheulaibh na h-altarach mura till thu."

Thill a bhràthair leis an eagal, 's cha robh ach tharraing St Clair, e fhèin 's an leadaidh, agus cà 'n deach iad ach gu ruige Èirinn, agus nuair a chaidh iad air tìr ann an Èirinn, thuirt ise:

"An-tà, 's bochd a dh'èirich e dhomh fhèin, gu dearbh," ars ise, "a bhith a' falbh nam reubalaiche mar seo," ars ise, "agus gura beag a ruiginn a leas e," ars ise.

"An ann air an t-aithreachas a ghabhail a tha thu?" arsa St Clair.

"An-tà, chan iongnadh ged a ghabhadh," ars ise.

"Ò ma-thà," ars esan, "'s math an t-àm," ars esan, "agus mo bheannachd leat," ars esan.

Agus nuair a shìn e a làmh a' dol a dh'fhàgail beannachd aice, shil a dà shùil, agus nuair a chunnaic e i a' tòiseachadh air caoineadh, thill e agus rug e air achlais oirre.

"Ò uill, ma-thà," ars esan, "cha bhi thu a' falbh nad reubalaiche nas fhaide," ars esan.

Ghabh iad suas do dh'eaglais a bha os cionn a' chladaich, àite ris an can iad Carraig Fhearghais ann an Èirinn, agus phòs iad ann a shin. Agus thàinig e a-nall gu ruige Barraigh, e fhèin 's an leadaidh, agus cha robh an leadaidh riamh cho toilichte anns a' chaisteal agus a bha i aig St Clair ann am Barraigh, le ceòl 's le toileachadh, 's cha robh duine am Barraigh nach ruitheadh gan ionnsaigh leis a h-uile sìon a bhiodh aca, 's cha robh sìon a dhìth oirre nas motha na bh 'oirre anns a' chaisteal anns an robh i.

Bhiodh St Clair a' dol gu tìr-mòr uaireannan agus bhiodh e... cha robh guth bàs air a dhol... cha robh e a' cluinntinn guth air sìon mu dheidhinn gu dè a thachair. Ach gu dè a bha, phòs a bhràthair an uair sin an tè a bha St Clair suas rithe nuair a bha e anns a' chaisteal, agus bha ise anns a' chaisteal a bh' aig St Clair, agus bha farmad uabhasach aice ris an Leadaidh Ambleton. Bha i a' cluinntinn cho toilichte 's a bha i aig St Clair ann am Barraigh, agus 's e St Clair cus bu docha leatha na am fear a fhuair i, agus cha robh fios aice gu dè an dìoghaltas a dhèanadh i air o nach do phòs e i fhèin.

Agus 's ann a bhribe i bàillidh a bh' aice, fear MacIllFhialain, feuch an tigeadh e le saothach gu ruige Barraigh, feuch am faigheadh e grèim air St Clair. Agus thàinig am fear sin, agus nuair a nochd iad ri Barraigh, thugadh bhuaithe a h-uile seòl a bh' aice, agus chuireadh suas flag gun robh i ann an èiginn. Agus chunnaic St Clair i agus 's ann a dh'fheumadh e a dhol a-mach ga h-ionnsaigh le bàta feuch am faigheadh e a toir a-staigh, gun fhios nach robh rud innte a dhèanadh feum do dhaoine bochda.

Nuair a ràinig iad, anns a' mhionaid chaidh àradhan a chur a-nuas ri cliathaich 's dhìrich St Clair suas. Thugadh sìos gu h-ìseal do rùm e 's cha robh fhios dè an toileachadh a rinneadh ris. Nuair a fhuaireadh shìos e, ghlasadh ann a shin e, agus dh'iarradh air an fheadhainn a bha sa bhàta tarraing gu tìr. Cha robh aca sin ach tarraing 's thog i a cuid seòl 's dh'fhalbh i. Cha robh dad ceàrr a-nist oirre.

Nuair a thill iad sin 's a dh'innis iad dhan leadaidh mar a thachair dhaibh, 's gun do chaill iad St Clair, thòisich i sin air rànaich 's air tuiream, na dh'fhàgadh aicese de dhìlleachdain 's gun fhios gu dè a dhèanadh i.

Bha iad uabhasach fhèin duilich. 'S ann a dh'fhalbh an seo am Feadailteach agus am Frangach agus an gille aig St Clair - bha e ochd bliadhn' deug an uair sin - gu tìr mòr, feuch am faigheadh iad a-mach dè a' chrìoch a chaidh air. Agus nuair a ràinig iad, chaidh iad air tìr. Sgaoil iad o chèile, 's bha iad a' dèanamh suas ri chèile far an tachradh iad. Agus cà 'n deach an gille ach rathad a' chaisteil a bh' aig athair, agus chunnaic bean bhràthair athar e 's ghabh i leithid a nòisean dheth, 's e na ghille brèagha 's na ghille foghainteach. 'S ann a dh'fhaighneachd i dheth am biodh e deònach fuireach na shaighdear a' geàrd a' chaisteil. Thuirt esan gum bitheadh.

Ò, 's i a bha toilichte, 's bha an gille aig a' chaisteal 's cha robh e a' faighinn a-mach sìon, ach bha e a' faicinn ceathrar a' dol a-mach às a' chaisteal a h-uile h-oidhche aig deich uairean 's a' tighinn a-staigh sa mhadainn, 's cha robh fhios aige on t-saoghal cà robh iad a' dol. Ach dh'fhalbh e seo air chèilidh a thaigh a' bhàillidh agus taigh MhicIllFhialain, agus dh'aithnich e a' bhiodag aig athair crochte ann an taigh MhicIllFhialain, agus thuirt e ris fhèin cinnteach gu leòr gur ann an seo a chaidh a' chrìoch air.

Ach bha an gille a' bruidhinn ri tè dhe na searbhantan aicese daonnan, agus dh'fhaighneachd e dhith an latha a bh' ann a sheo:

"Gu dè... càit a bheil," ars esan, "an ceathrar a tha siud a' dol a h-uile h-oidhche, a tha mi a' faicinn a' dol a-mach às a' chaisteal?" ars esan.

"Ò, chan eil fhios a'm," ars ise.

"Bheil fhios agad," ars esan, "a bheil duine am prìosan an seo aca?"

"Ò, chan eil fhios a'm," ars ise.

"An-tà, mo làmh-sa gu bheil fios agadsa air," ars esan. "Carson a tha thu ga cheiltinn ormsa?" ars esan.

"Ò, tha duine bochd an sin," ars ise, "a bh' ann am Barraigh," ars ise, "ann am prìosan aca," ars ise, "agus cha chreid mi nach e a-nochd fhèin an oidhche mu dheireadh aige," ars ise. "Tha e cho math dha am bàs fhaighinn agus an riasladh a th' air."

Agus ò, cha do leig esan sìon air nuair a chuala e seo. Ach feasgar, dh'fhalbh e a-mach às a' chaisteal, agus bha e a' dol a smaointinn feuch gu dè an aon rud a dhèanadh e. Ach cò thachair air ach am Feadailteach 's am Frangach, agus dh'fhaighneachd iad dheth an d' fhuair e sgeul air athair.

"Ò fhuair," ars esan, "tha e ann am prìosan ann a sheo aca," ars esan, "agus tha mi a' tuigsinn gur e a-nochd fhèin an oidhche bho dheireadh aige" ars esan. "Ach thallaibh sibhse, agus goidibh ceithir eich," ars esan, "à stàball air choreigin," ars esan, "agus biodh iad agaibh ann a sheo aig deich uairean," ars esan, "agus thig mise a-mach," ars esan, "feuch gu dè a nì sinn dheth."

Dh'fhalbh am Feadailteach 's am Frangach agus thill mac St Clair a-staigh dhan chaisteal agus nuair a bha e deich uairean, rinn e airson tighinn a-mach. Agus bha geàrd air a' chaisteal. Chan fhaigheadh duine a-staigh an dèidh dheich uairean, a-staigh no a-mach. Bha an geàrd roimhe agus dh'fhaighneachd an geàrd dheth cà robh e a' dol.

"Ò bidh thusa coma," arsa mac St Clair, "cà 'il mi a' dol."

"Cha bhi mi coma cà 'il thu a' dol," ars esan. "Nach tusa tha air fàs bold," ars esan, "airson aon [???] a thàinig thusa an seo, nuair a tha thu gus a bhith a-mach 's a-staigh aig uair sam bith a thogras tu. Till gu h-allamh." ars esan.

"An ann dhutsa?" arsa mac St Clair, 's e breith air a' bhiodaig. Stob e a' bhiodag ann 's mharbh e e.

Ghabh e a-mach 's cò bha roimhe ach am Feadailteach 's am Frangach 's na h-eich aca. Ghabh iad a-staigh a dh'ionnsaigh a' phrìosain. Bha an geàrd a-staigh còmhla ri St Clair anns a' phrìosan, an ceathrar, agus nuair a dh'fhairich St Clair iad a' tighinn chun an dorais:

"Ò," ars esan, "tha sibh air tighinn, a dhiabhalaibh," ars esan. "Tha e coltach gur h-e a-nochd an oidhche mu dheireadh agamsa," ars esan.

Nuair a chuala an gille bruidhinn athar, cha do rinn e ach bacadh 's thàinig e air an doras le shàil 's rinn e pìosan dheth. A-staigh a bha an triùir aca 's thòisich an t-sabaid. Cha robh anns an rùm ach ochd troighean 's bha an ochdar a' sabaid ann. Agus thug iad a-mach St Clair agus mharbh 's bhreab iad an geàrd. 'S bha na h-eich romhpa 's cha do rinn iad ach leum air muin nan each agus tarraing air falbh leotha. Thàinig iad gu ruige Barraigh agus sin an oidhche a bha a' bhanais cheart aig mac... aig St Clair ann am Barraigh, agus aig a h-uile duine a bh' ann nuair a thill e air ais.

Bha an gille, cha robh e an uair sin, bha e seachad air ochd bliadhn' deug, 's cha robh e ach a-staigh, 's cha robh obair ann dha. 'S ann a dh'fhalbh an gille gu tìr-mòr 's liost e anns an arm, na phrivate. Bha an seo sports aca, race each, 's bha an rìgh fhèin a' feuchainn ann. Bha a' phàirc aig taobh aibhne, agus dè rinn an t-each a bh' aig an rìgh ach a leithid a theas a ghabhail, 's chaill an rìgh command air, agus a-mach air an abhainn a bha e, agus an rìgh air a mhuin, agus chaill an rìgh e dìreach ann am meadhan na h-aibhne. Agus bha an rìgh air thuar a bhith bàthte, agus thuirt an gille aig St Clair:

"A bheil duine idir ann," ars esan, "a shàbhaileas an rìgh?" ars esan.

"An sàbhail thu fhèin e?" ars an comanndair.

"Chan eil fhios a'm," ars esan.

Dh'fhalbh e 's gheàrr e a-mach air an abhainn, agus nuair a bha an rìgh a' dol fodha dìreach, fhuair e grèim air, agus shnàmh e gu tìr leis. Agus cha robh facal cainnte aig an rìgh.

Thugadh air falbh do dh'ospadal e 's fhuaradh dotairean. 'S nuair a fhuair an seo an rìgh gu math, dh'fheumadh e fhaighinn a-mach cò shàbhail e. Dh'innis iad dha gur e saighdear a shàbhail e. Cha robh ach gum feumte a thoir air a bheulaibh-san. Chaidh an comanndair far an robh mac St Clair 's thuirt e ris gum feumadh e a-nist a dhol air bheulaibh an rìgh.

"Ò, ceart gu leòr," arsa mac St Clair.

Dh'fhalbh an comanndair leis. Nuair a ràinig e, dh'innis e gun robh an duine aige, 's dh'iarr an rìgh a chur a-staigh far an robh e. Chaidh mac St Clair a-staigh 's nuair a chaidh e a- staigh, chaidh e air a ghlùin air bheulaibh an rìgh.

"Ò èirich, èirich," ars an rìgh. "Na bi a' dol air do ghlùin dhòmhsa idir," ars esan. "'S ann a bu chòir dhòmhsa a dhol air mo ghlùin dhut," ars esan. "Shàbhail thusa mo bheatha dhòmhsa," ars esan, "ach cha do shàbhail mise do bheatha dhutsa idir," ars esan. "Chan ann airson sin a tha mi gad iarraidh," ars esan, "ach airson duais a thoir dhut," ars esan, "airson mo bheatha a shàbhaladh," ars esan. "Agus gheibh thu a-nist do rogha iarrtas ormsa," ars esan.

"An-tà, ma-thà," arsa mac St Clair, "cha bhi m' iarrtas mòr," ars esan. "Agus 's e m' iarrtas oirbhse," ars esan, "àite fhèin a thoirt air ais," ars esan, "dhan fhear a th' agaibh fo choill ann am Barraigh," ars esan, "St Clair Monteith," ars esan, "a thugadh bhuaithe," ars esan, "leis a' mhealltaireachd," ars esan, "'s leis na breugan," ars esan. "Agus 's mac dha mise," ars esan.

"An-tà, air do shon-sa, ma-thà," ars an rìgh, "gheibh e sin," ars esan.

Chaidh am fear eile a chur às a' chaisteal an uair sin, agus fhuair St Clair ann na àite, agus bha e fhèin 's a bhràthair rèidh riamh tuilleadh, 's an dàrna h-aon aca a' dol a chèilidh air an aon eile, 's cha tàinig sìon eatorra tuilleadh, agus 's e a mhàthair a rinn a h-uile rud a bh' ann, agus bha iad dòigheil gu leòr tuilleadh an dèidh sin.

CM: Tapadh leibhse a-nist. Tha mi an dòchas gu bheil sin air ceart a-niste, agus... Agus 's ann aig Dòmhnall mac Dhonnchaidh a chuala sibh an naidheachd a bha sin?

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math