Rannsaich

Sgrìob Liath an Earraich.

Ceann-latha 02 August 1953
Àireamh a’ chlàir 4180
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1953.173.2

Àireamh an Teip Thùsail

SA1953.173

Geàrr-chunntas

Sgrìob Liath an Earraich - mar a thug bean biadh do sheann bhodachan grànda.

Thàinig fear òg dhachaigh an dèidh obair agus fhuair e gun robh a bhean air am bòrd ullachadh le mòran bìdh mar ìm is càise. Thuirt e rithe gum b' fheàrr dhi pàirt den bhiadh a ghleidheadh gus an tigeadh Sgrìob Liath an Earraich. Greis an dèidh sin thàinig seann bhodachan grànda peallach, agus dh'fhaighnich a' bhean dha am b' e esan Sgrìob Liath an Earraich. Thuirt e gum b' e, agus thug i dha na bha i air a ghleidheadh de bhiadh mar a dh'iarr an duine aice. Nuair a bha an duine aice fhèin a' fàs fann leis an acras, thuirt e gun robh an t-àm aice pàirt den bhiadh a bha air a ghleidheadh a thoirt a-mach, ach dh'innis i dha gun robh i air a thoirt seachad do Sgrìob Liath an Earraich - an duine truagh a bha air tadhal oirre.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Seòrsachadh

AT1541

Tar-sgrìobhadh

Niall MacFhionghain (NM): Tha e air innse air ioma dòigh mu dheidhinn Sgrìob Liath an Earraich, agus seo dòigh dhen a chuala mise e. Bha càraid òg ann, agus bha an duine a-mach fad an latha gu math tràth anns a' Mhàrt a' [?rùdhadh], agus thàinig e... thàinig e dhachaigh, 's nuair a thàinig e bha a h-uile greadhnachas air a' bhòrd; pailteas de dh'ìm 's de chàise. Agus:

"Ò, dhìol," ars esan, "dh'fhaodadh tu..." ris a bhean, "dh'fhaodadh tu a bhith air pàirt dheth seo fhàgail gus an tigeadh Sgrìob Liath an Earraich."

Agus:

"Ò ma-thà," ars ise, "nì mi sin."

Agus cha robh guth tuilleadh air. Bha am bòrd gu math lom aige tuilleadh fad an earraich. Ach latha dhe na làithean, thàinig seann bhodhachan grànda, stiallach, phiollagach an rathad, agus dh'fhaighnich a' bhean dheth:

"An tusa Sgrìob Liath an Earraich?"

"Ò tha gu dearbh, is mi," ars esan, "agus 's e fìor Sgrìob Liath an Earraich a th' annamsa."

"Ò ma-thà," ars ise, "tha rud agamsa ann a sheo, a dh'iarr an duine orm... agam orm a ghleidheadh dhut gus an tigeadh tu."

Agus thug i a-nuas an t-ìm 's an càise a ghlèidh i seachad cho cùramach fad an t-siubhail gu sin, agus thug i dha e 's dh'fhalbh e leis gu toilichte. Greis às dèidh sin, nuair a bha an t-earrach gus a bhith seachad, agus an duine a' fàs fann, thuirt e:

"Uill, gabhamaid a-niste pàirt dhe na chuir thu air a' bhòrd dhinn an toiseach.

"Ò dhìol," ars a' bhean, "nach tug mi seachad e."

"Cò dha," ars esan, "a thug thu e?"

"Thug," ars ise, "do Sgrìob Liath an Earraich, an creutair truagh dheth a thàinig e timcheall ann a sheo. Dh'aithnich mi gur h-e a bh' ann, agus dh'fhaighnich mi dheth, 's thuirt e gur h-e, 's thug mi dha uile e."

Iain MacAonghuis (IM): Agus a-nise, cha b' e, mar gum bitheadh, Sgrìob Liath an Earraich fhèin a bh' ann idir? Fhios agaibh, mar a chuala mise an stòiridh an triop ud 's e Sgrìob Liath an Earraich fhèin a bha san duine, ach cha b' e sin e mar a chuala sibhse idir an sgeulachd ud?

NM: Ò chan e. Cha robh seo ach... ach dìreach gun do ghabh an duine an t-ainm bhon a thug bean an taighe dha e.

IM: Dìreach sin. Glè mhath.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math