Rannsaich

Prògram Choinnich

Ceann-latha 25 May 1995
Àireamh a’ chlàir 4211
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

Program Choinnich 25.05.1995

Geàrr-chunntas

Dè bha ministearan a' dèanamh aig àm Fuadaichean nan Gàidheal?

Tha an t-Oll. Urr. Dòmhnall MacLeòid ag innse sgeulachd mu ochd teaghlaichean deug ann an Gleann Chailbhidh a chaidh am fuadach bho chionn 150 bliadhna. Chuir iad seachad an samhradh fo tarpaulin ann an làr Eaglais na Cròice [aig aon àm ann an siorrachd Chataibh, is chan e Ros is Cromba]. Tha e a' togail ceist mu àite na h-eaglaise air feadh na Gàidhealtachd. Bha ministear na Cròice a' seasamh gu daingeann ri taobh nan croitearan ach cha robh sin cumanta, agus bha tòrr teachdairean a' strìochdadh dha na h-uachdarain. Tha an t-Oll. Urr. MacLeòid a' dèanamh coimeas eadar Gàidheil nam Fuadaichean agus na h-Iùdhaich a' dol, gun sabaid, dha na campaichean tron Dàrna Cogadh. Bha muinntir Ghleann Chailbhidh gam faicin fhèin mar "the sinful generation". Tha e a' bruidhinn air an adhbhar nach d'fhuair iad fasgadh am broinn na h-eaglaise. Bhiodh iad a' dol dhan Eaglais Shaor a dh'adhradh air an t-Sàbaid. Chan eil fhios dè thachair dhaibh. Tha an t-Oll. Urr. MacLeòid ag innse mu bhith a' searmonachadh san Eaglais agus mu àite na h-Eaglaise ann a bhith a' strì airson còirichean fearainn. Tha e a' bruidhinn air 'na fuadaichean ùra' - daoine a' call an cuid obrach - chan eil mòran ghuthan air an togail an aghaidh sin. Tha na companaidhean mòra coltach ris na h-uachdarain.

Notaichean a' Chlàir

Croick Church was at one time in the county of Sutherland, rather than Ross and Cromarty.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Steòrnabhagh

Eilean - Leòdhas

Baile/Àite - Steòrnabhagh

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Cinn Chàrdainn

Baile/Àite - Gleann Chailbhidh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Cruth Inneal a' Chlàir

Dat