Rannsaich

Ban-bhuidseach Chille Chomhghain agus am bodach Barrach.

Ceann-latha 1959
Àireamh a’ chlàir 42113
Pàirt 1
Pàirt 2
Pàirt 3
Pàirt 4
Pàirt 5

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1959.51.B1_53.B1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1959.051

Geàrr-chunntas

Ban-bhuidseach Chille Chomhghain agus am bodach Barrach.

Chaidh bodach à Barraigh le mhac bu shine, Iain, gu Bun Abha a dh'iarraidh fiodh gus taigh a thogail. Nuair a bha iad a' tilleadh, chuireadh gu tìr iad le stoirm a dh'èirich eadar Muile agus Àird nam Murchan. Fhuair iad fasgadh o chailleach agus an nighean aice, a bha fìor bhòidheach. Dh'fheuch iad ri faighinn air falbh an ath latha, ach cha robh a' ghaoth fàbharach agus b' fheudar dhaibh tilleadh air ais. Thill iad gu taigh na caillich agus chuir iad seachad an oidhche anns an taigh aice.

An ath latha, thuirt am boireannach ris gun robh an aimsir fhathast car stoirmeil. Chaidh am bodach Barrach a-mach, agus an ceann greis thachair e ri cìobair. Dh'innis an cìobair dha gur e bana-bhuidseach a bh' anns a' bhoireannach, agus gun robh i gan cumail air ais. Chuir e am bodach Barrach gu boireannach eile a chuidicheadh e gus faighinn air falbh o chumhachd na bana-bhuidsich. Dh'iarr i seo air a' bhodach uisge-beatha sònraichte fhaighinn on taigh-sheinnse, a chuireadh na boireannaich nan cadal, oir is gum faigheadh am bodach agus a mhac air falbh. Thug i dha gartan ratha le trì snaidhmeannan. Dh'fhaodadh e a' chiad dhà fhuasgladh, gus leigeil leis a' bhàta seòladh na bu luaithe, ach cha robh math dha an treas snaidhm fhuasgladh air adhbhar sam bith.

Chaidh cùisean gu math, agus bha am bodach agus a mhac ann am Barraigh mun tàinig an oidhche. On a bha e a' faireachdainn sàbhailte, smaoinich am bodach gum fuasgladh e an treas snaidhm. Dh'èirich stoirm uabhasach. Rinneadh milleadh air a' bhàta agus fhuair an gille droch bhuille mun cheann. Nuair a chaidh iad air tìr, chuir am bodach an gartan ratha mun lot. An ath latha, chuimhnich e gun tuirt am boireannach ris gum feumadh e an gartan ratha a losgadh nuair a thigeadh e dhachaigh. Chuir e lìon toman-eallaich na àite, agus sguir an lot a shileadh fala.

Leighis an gille, agus thog athair an taigh. An ath bhliadhna, agus air an aon latha gach bliadhna an dèidh sin, dh'fhosgail an lot a-rithist. Nuair a dh'eug am bodach, fhuair a mhac an t-àite a bh' aig athair, ach cha do shoirbhich leis. Aig a' cheann thall, reic e an t-àite, agus chaidh e gu Albainn Nuadh. Bha e beò gus an robh e seachad air ceithir fichead bliadhna a dh'aois.

Notaichean a' Chlàir

The contributor heard this story from his father.

Neach/Cuspair a' Chlàir

Bana-bhuidseach Chille Chomhghain

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math