Mar a thigeadh an crodh-mara gu tìr ann an Uibhist a Tuath a...
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1974.156.A2
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Mar a thigeadh an crodh-mara gu tìr ann an Uibhist a Tuath agus mar a gheibheadh duine grèim orra.
Tha am fiosraiche a' bruidhinn an toiseach air sgeulachdan air an robh cuimhne aige. Tha e cuideachd a' toirt cunntas air taighean-cèilidh.
Bhiodh an crodh-mara a' tighinn gu tìr air taobh an iar Uibhist a Tuath agus Bheinn a' Bhadhla. Bhiodh iad a' nochdadh aig ùine àraid dhen bhliadhna, a rèir na tìde-mara 's na gealaich. Bhiodh iad ag ithe lus a bhiodh a' fàs aig an àm sin. Nuair a bhiodh a' mhuir a' tràghadh, theireadh na buachaillean-mara rann gus na beathaichean a thàladh. Aig a' cheart àm, nan tilgeadh duine ùir orra, dh'fhuiricheadh an crodh air tìr. Bha cuid dhen bheachd gun robh pàirt de dh'fhuil a' chruidh-mhara fhathast ann an stoc Uibhist.
Àite a' Chuspair
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Paraiste - Uibhist a Tuath
Eilean - Uibhist a Tuath
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math