Croitean agus croitearachd an Diùra.
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1971.119.A17; SA1971.119.B1
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Croitean agus croitearachd an Diùra.
Chaidh am baile a roinn na chroitean 120 bliadhna bhuaithe [air a ràdh ann an 1971]. Bha mòran feannagan-taomaidh ann uaireigin, far a bheil am mòr-fhearann an-diugh. Bha iomair aig gach croitear ri linn seanair an fhiosraiche. Bhiodh gach croitear a' cleachdadh iomair eadar-dhealaichte gach bliadhna. Bha croitean beaga ann an Àird Fheàrnail agus Taigh a' Chorrain. Cha robh caoraich aig na croitearan beaga, ach bhiodh suas ri ceithir beathaichean mairt aca. Bhiodh seachd aig na croitearan mòra. B' àbhaist gille a bhith air fhastadh mar bhuachaille airson sùil a chumail air beathaichean a' bhaile air fad. An-diugh, tha sia-deug beathaichean mairt agus 24 caora aca. Bidh na croitearan a' gabhail tarbh air mhàl bhon "Department", le gach croitear a' toirt ionaltradh trì latha am fear dha.
Àite a' Chuspair
Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal
Paraiste - Diùra
Eilean - Diùra
Àite Clàraidh
Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal
Paraiste - Diùra
Eilean - Diùra
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math