MacLeòid Dhùn Bheagain agus mar a fhuair e cuidhteas am Buil...
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1963.016.B8
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
MacLeòid Dhùn Bheagain agus mar a fhuair e cuidhteas am Builidh.
Dh'fheumadh MacLeòid cìs a phàigheadh dhan Bhuilidh no fear fhaighinn a dh'fheuchadh e. Thuirt MacLeòid gun robh fear aige, Iain Garbh, airson fheuchainn. Ach bha Iain Garbh, a bha a' diùltadh màl a phàigheadh do MhacLeòid airson Ratharsaigh, air a dhol a-mach air MacLeòid. Nuair a ràinig e an caisteal, dh'iarr MacLeòid air Iain Garbh a dhol a steach a chòmhradh mun ghnothach. Dhiùlt e dhol a-steach air eagal 's gum marbhadh MacLeòid e. Rinn e air falbh dhachaigh. Chuir MacLeòid am Builidh às a dhèidh agus dh'iarr e air dèiseag a thoirt dha mun tòin. Rinn e sin agus mharbh Iain Garbh e. 'S ann an dèidh dha a dhol dhachaigh a chuala Iain Garbh carson a chuir MacLeòid fios air. Nan robh fios air a bhith aige ro làimh, cha robh e air carachadh bhon taigh.
Neach/Cuspair a' Chlàir
Iain Garbh
Àite a' Chuspair
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Paraiste - Diùrinis
Eilean - An t-Eilean Sgitheanach
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math