Rannsaich

Am madadh-ruadh, am madadh-allaidh agus an crog ime.

Ceann-latha November 1965
Àireamh a’ chlàir 42950
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1965.135.A4

Àireamh an Teip Thùsail

SA1965.135

Geàrr-chunntas

Mar a dh'ith am madadh-ruadh crog ime gun fhiosta air a' mhadadh-allaidh.

Fhuair madadh-ruadh agus madadh-allaidh crog ime air a' chladach agus dh'fhalaich iad e gus an tigeadh Sgrìob Liath an Earraich. Bha am madadh-ruadh a' dèanamh leisgeulan agus a' dol a-mach a dh'ithe an ime gus an robh an crog falamh.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Seòrsachadh

AT15

Tar-sgrìobhadh

Peggy MacDonald (PM): Am madadh-ruadh 's am madadh-allaidh? Nuair a fhuair iad an crog ime air a' chladach, an e?

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Seadh, 's e. Ciamar a bha seo a' dol?

PM: Bha am madadh-ruadh 's am madadh-allaidh, chaidh iad chun a' chladaich, agus fhuair iad crog ime. Agus thuirt am madadh-ruadh ris a' mhadadh-allaidh:

"Cuiridh sinn seo," ars esan, "gus an... am falach gus an tig Sgrìob Liath an Earraich."

An e sin mar a bha? Agus dh'fhalbh iad, agus chaidh iad seo dhachaigh. Agus chaidh am madadh-ruadh a-mach.

"Thèid, thèid, thèid, thèid," ars esan.

"Dè ris a tha thu?"

"Fear a tha gam iarraidh gu goisteachd," ars esan.

Agus co-dhiù dh'fhalbh am madadh-ruadh, agus thug e a leòr às a' chrog a fhuair e. Agus bha am madadh-ruadh an siud... agus nuair a thill e dhachaigh.

"Dè an t-ainm a thug sibh air an fhear ud?" ars am madadh-allaidh.

"Sìos o bheul," ars esan.

An e sineach a bh' ann? Agus chaidh e seo a-mach oidhche eile.

"Thèid, thèid, thèid, thèid," ars esan. Agus:

"Gu dè... cà 'il thu a' dol?" ars am madadh-allaidh.

"Fear a tha gam iarraidh gu goisteachd," ars esan.

Agus dh'fhalbh e, agus nuair a thill e:

"Dè an t-ainm a thug sibh air an fhear ud?" ars am madadh-allaidh.

"Mu leth," ars esan.

Agus co-dhiù, bha iad an seo a-staigh 's [?laigh] iad. Chaidh am madadh-ruadh a-mach a rithist.

"Thèid, thèid, thèid, thèid," ars esan.

"Cò tha gad iarraidh a-nist?" ars esan.

"Ach fear tha gam iarraidh gu goisteachd," ars esan, am madadh-ruadh.

Agus nuair a thàinig e an triop a bha seo:

"Dè an t-ainm a thug sibh air an fhear ud?"

"Tha sgrìob a thòin," ars esan.

"[???] ainm a thug sibh air."

Bha e fhèin air an crog ithe. An ann mar sineach a bha i aig Aonghas?

DE: Tha mi a' smaoineachadh gur ann.

PM: Dè?

DE: Tha mi a' smaoineachadh gur ann.

PM: [???] gun robh Aonghas e fhèin a' cur [???]. Siud mar a chuala mise i.

DE: Seadh. Och, glè mhath. Glè mhath.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math