Rannsaich

Mar a fhuair Fear a' Churracain Ghlais a' Bhana-phrionnsa.

Ceann-latha 1956
Àireamh a’ chlàir 43710
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1956.3.2

Àireamh an Teip Thùsail

SA1956.003

Geàrr-chunntas

Mar a fhuair Fear a' Churracain Ghlais a' Bhana-phrionnsa.

Chaidh Fear a' Churracain Ghlais gu caisteal Rìgh Locha Trèig airson an nighean aige fhaighinn. Thug an dorsair trì rudan dha ri dhèanamh. Chaidh e agus mharbh e fuamhaire le seachd cinn. B' fheudar dha an uair sin ban-fhuamhaire le seachd cinn a mharbhadh. Thug e òr agus airgead bhuaipe agus thill e chun a' chaisteil. Bha aon rud eile aige ri dhèanamh. Rinn e sin agus fhuair e nighean an rìgh air ais leis.

Neach/Cuspair a' Chlàir

Fear a' Churracain Ghlais

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Tuath

Eilean - Uibhist a Tuath

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Dòmhnall MacDhùghaill: Seo mar a chuala mise a bh' ann mu dheidhinn Fear a' Churracain Ghlais nan trì boghannan caorach [sic] 's nan naoi saigheadan seilich a' dol a dh'iarraidh Nighean Rìgh Locha Trèig, agus mura faigheadh e i... mura faigheadh e i, i a bhith aca fhèin.

Dh'fhalbh e agus ràinig e an caisteal agus bhuail e an doras. Thàinig an dorsair 's dh'fhaighneachd e cò bh' ann 's thuirt e gun robh esan, Fear a' Churracain Ghlais nan trì boghannan caorach [sic] 's nan naoi saigheadan seilich a' dol a dh'iarraidh Nighean Rìgh Locha Trèig, agus mura faigheadh e i, i bhith aca fhèin. Chaidh an dorsair suas, agus thill e a-nuas, agus chuir e a-mach tè thuige, ach dh'aithnich esan nach e Nighean Rìgh Locha Trèig a bha sineach, 's thuirt e:

"Mura cuir sibh," ars esan, "a-nuas thugam i an-ceartuair, a' chlach as àirde a bhios anns a' chaisteal, 's i as ìsle a bhios ann an-ceartuair."

"Tha," ars an dorsair, "trì rudan agad ri dhèanamh mum faigh thu i. A' chiad rud," ars esan, "tha fuamhaire mòr a' fuireach anns a' ghleann ud shuas air a bheil seachd cinn agus feumaidh tu a mharbhadh."

"Ceart gu leòr, ma-thà," ars esan.

Dh'fhalbh e 's bha e a' siubhal gus an do ràinig e an gleann, 's chùm e suas an gleann agus ràinig e taigh an fhuamhaire. Bhuail e aig an doras. Thàinig am fuamhaire a-mach 's dh'fhaighneachd e cò bha seo. Thuirt e gun robh esan, Fear a' Churracain Ghlais nan trì boghannan caorainn 's nan naoi saigheadan seilich, agus dh'iarr e air tighinn a-staigh.

Chaidh e a-staigh 's shuidh e agus dh'èirich am fuamhaire agus chuir e cnot air an doras. Dh'èirich Fear a' Churracain Ghlais agus chuir e fhèin cnot air an doras. Dh'èirich am fuamhaire agus rinn e lasgan cridheil gàire a chuir an taigh air chrith. Dh'èirich Fear a' Churracain Ghlais. Rinn e fhèin lasgan cridheil gàire. Chaidh an taigh air chrith. Leum na cnotan far an dorais, agus nuair a leum, am bad a chèile gun deach e fhèin agus am fuamhaire.

Bha iad bogan eabair am mullach chreagan 's chnoc agus nuair a bu lugha bhiodh iad fodha, bhiodh iad fodha chun nan glùinean, agus nuair a bu mhotha bhiodh iad fodha, bhiodh iad fodha gu na sùilean, gus mu dheireadh thall an do smaointich Fear a' Churracain Ghlais gun robh e am measg a nàimhdean agus fad o chàirdean, agus chuir e bacag aotrom aighearach air an fhuamhaire, agus chuir e a dhruim ri talamh. Thug e a-mach an claidheamh agus shad e na seachd cinn dheth.

Thill e air n-ais gu Locha Trèig 's bhuail e aig an doras agus dh'fhaighneachd an dorsair cò bh' ann, 's thuirt e gun robh esan, Fear a' Churracain Ghlais nan trì boghannan caorainn 's nan naoi saigheadan seilich, agus gun robh e a' tilleadh air n-ais a-rithist; gun do mharbh e am fuamhaire.

"Uill," ars esan, "tha dà rud agad ri dhèanamh fhathast. Tha," ars esan, "ban-fhuamhaire ann an gleann eile agus feumaidh tu ise a mharbhadh an toiseach."

Thill e air n-ais. Ràinig e far an robh a' bhan-fhuamhaire a' fuireach. Chùm e suas agus chuala e a' bhan-fhuamhaire a' tighinn. Ma bha am fuamhaire air an robh na seachd cinn fiadhaich, bha a' chailleach seachd uairean na b' fhiadhaiche. A h-uile turas a bha i a' sèideadh a h-anail bha i ga chur air n-ais trì cheumannan, agus a h-uile turas a bha i a' tarraing a h-anail thuice bha i ga tharraing thuice ceum. Ach a dh'aindeoin sineach chùm Fear a' Churracain Ghlais roimhe agus am bad a chèile gun deach e fhèin 's a' chailleach.

Bha iad bogan eabair am mullach chreagan 's chnoc 's nuair a bu lugha reigheadh iad fodha, reigheadh iad fodha chun nan glùinean, agus nuair a bu mhotha reigheadh iad fodha, reigheadh iad fodha gu na sùilean, gus mu dheireadh thall smaointich Fear a' Churracain Ghlais a-rithist gun robh e am measg a nàimhdean agus fad o chàirdean, agus chuir e bacag aotrom aighearach air a' chaillich, agus chuir e a druim ri talamh. Chuir e a chas air a h-amhaich agus dh'fhaighneachd e:

"Dè," ars esan, "d' èirig, a chailleach?"

"Ò tha," ars ise, "èirig mhath. Leig thusa air mo chois mi. Tha drung òir agus drung airgid agamsa anns a' ghleann ud shuas agus 's ann leat iad."

"'S ann leam sin," ars esan, "agus do cheann còmhla ris," agus shad e an ceann dhith.

Ach ma shad bu shuarach an t-sabaid a bh' aige roimhe seach an t-sabaid a bh' aige an uair sin a' cumail na ceann on cholainn gus an do reoth an fhuil.

Thill Fear a' Churracain Ghlais air n-ais chun a' chaisteil agus bhuail e san doras a-rithist, 's dh'fhaighneachd an dorsair cò bh' ann 's thuirt e gun robh esan, Fear a' Churracain Ghlais nan trì boghannan caorainn 's nan naoi saigheadan seilich a' dol a dh'iarraidh nighean Rìgh Locha Trèig, agus gun do rinn e an dà rud a dh'iarradh air a dhèanamh mar-thà.

Uill, thuirt an dorsair ris gun robh aon rud eile aige ri dhèanamh fhathast. Chan eil cuimhn' a'm dè an treas rud a bh' ann ach tha cuimhn' a'm gun robh cunntais air gun do chuir e crìoch air a' ghnothach sin cuideachd, agus gun do thill e air n-ais agus gun d' fhuair e nighean Rìgh Locha Trèig airson a pòsadh, 's thug e dhachaigh i agus bha iad gu toilichte riamh às a dhèidh sin.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math