Rannsaich

Mar a fhuair a' Ghobhar Ghlas a minn air ais nuair a dh'ith...

Ceann-latha 1964
Àireamh a’ chlàir 44227
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1964.6.A1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1964.006

Geàrr-chunntas

Mar a fhuair a' Ghobhar Ghlas a minn air ais nuair a dh'ith am madadh-ruadh iad.

Chaidh a' Ghobhar Ghlas dhan tràigh a dh'iarraidh maorach. Dh'fhàg i na minn a-staigh. Cheangail i snàithlean dearg agus snàithlean gorm mu a cois agus thuirt i riutha gun neach sam bith a leigeil a-staigh mura robh na snàithleanan sin orra. Thàinig am madadh-ruadh. Dh'iarr iad air a chas a chur fon doras. Cha leigeadh iad a-staigh e airson 's nach robh na snàithleanan air. Dh'fhalbh e, chuir e snàithlean dearg 's gorm air a chois agus leig iad a-staigh e. Dh'ith e na minn. Thill a' Ghobhar Ghlas agus chaidh i gu diofar thaighean a' lorg nam meann. Mu dheireadh, thàinig i gu taigh a' mhadaidh-ruaidh. Leig e a-staigh i agus thuit e na chadal. Sgoilt ise a bhrùth agus leum na minn a-mach.

Chuala am fiosraiche an sgeulachd bho a mhàthair, a chaochail ann an 1924. Bha bràthair a mhàthar, Aonghas, math air sgeulachdan.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Seòrsachadh

AT123

Tar-sgrìobhadh

Hugh MacKinnon (HM): Bha a' Ghobhar Ghlas latha an sin, bha i a' falbh dhan tràigh a dh'iarraidh maorach airson a teaghlach fhèin 's bha... dh'fhàg i a-staigh na trì minneanan, am Miona-ghlas 's am Poca Ceana-ghlas 's an Gille-buic. 'S nuair a bha i a' falbh thug i earalas orra nach robh a chridhe aca an doras fhosgladh do neach sam bith a thigeadh a dh'ionnsaigh an taighe gus an tilleadh ise. Agus bha i a' dol a chur comharradh oirre fhèin nuair a bha i a' falbh, 's e sin... an comharradh a bha sin, bha i a' dol a cheangal dà shnàithlean mu cois, snàithlean dearg 's snàithlean gorm, agus neach sam bith a thigeadh a dh'ionnsaigh an dorais, bha aca ri iarraidh air a chas a chur a-staigh fon doras, agus mura faiceadh iad an snàithlean dearg 's an snàithlean gorm a bha seo air a chois a thigeadh a-staigh fon doras, cha b' e ise a bh' ann.

"'S canaidh sibh ris... neach sam bith a thig, 'Ò tha mo mhàthair-sa... bha snàithlean dearg 's snàithlean gorm mu chas ar màthair-ne.'"

Agus mura robh seo air cas... air a' chois a thigeadh a-staigh fon doras chan fhaodte an doras fhosgladh.

Ach co-dhiù, thàinig am Madadh-ruadh. Chuir e a-staigh a chas fon doras agus dh'iarr e an doras fhosgladh. Thuirt e gu...

"Tha ur màthair an seo air tilleadh."

Agus 's ann an uair sin a thuirt iad ris:

"Cuir a-staigh do chas fon doras agus aithnichidh sinn an e ar màthair fhèin a th' ann."

Agus chuir e a chas a-staigh fon doras 's cha robh snàithlean no rud eile mu chois. Agus thuirt iadsan:

"Ò chan e ar màthair-ne a tha sin idir. Bha snàithlean dearg 's snàithlean gorm mu chas ar màthair-ne."

Co-dhiù, dh'fhalbh am Madadh-ruadh an uair sin agus chaidh e a shitinn an fhigheadair, agus fhuair e pìos de shnàithlean dearg agus de shnàithlean gorm agus cheangail e siud mu chois.

Thill e air n-ais gu taigh na Gobhar Ghlas agus bhuail e a' chòmhla agus dh'iarr... chuir e a chas a-staigh... dh'iarr e... thuirt e gun robh am màthair air tilleadh a-nis às an tràigh. Agus thuirt iad ris... thuirt iad:

"Cuir a-staigh do chas on chòmhla 's aithnichidh sinn an e ar màthair fhèin a th' ann."

'S chuir e a-staigh a chas on chòmhla 's bha snàithlean dearg 's snàithlean gorm gu h-eireachdail mu chois.

Dh'fhosgail na creutairean a bha a-staigh an doras agus fhuair am Madadh-ruadh a-staigh agus ann am priobadh na sùl dh'ith e suas a h-uile h-aon aca, na trì minneanan, am Miona-ghlas 's am Poca Ceana-ghlas 's an Gille-buic.

Ach ann an ùine gun a bhith fada thill a' Ghobhar Ghlas bhochd às an tràigh, 's thàinig i dhachaigh 's cha robh sgeul air a h-aon dhe h-àl. Agus bha i air a toirt às. Cha robh fhios aice dè a dhèanadh i.

Agus dh'fhalbh i a choimhead air an son agus chaidh i gu taigh na Faoileig an toiseach agus dhìrich i suas a dh'ionnsaigh an fhàrlais agus... agus dh'èigh... an Fhaoileag 's i a-staigh:

"Cò tha siud air mullach mo bhothain bhig chrùsgaich, chràsgaich, nach leig a-mach smùid mo theallachain fhad 's a bhios mi a' bruich mo bhonnachain?"

"'S mise seo, a' Ghobhar Ghlas, 's mi air mo thoirt às a' sireadh mo chuid mheann."

"Air an talamh a tha fodhad 's air an adhar os do chionn 's air a' ghrèin ud seachad sìos," ars an Fhaoileag, "chan fhaca mise riamh do chuid mheann."

Dh'fhalbh i sin gu taigh na Feannaig 's dhìrich i gu... a dh'ionnsaigh mullach an t-simileir a-rithist, 's dh'èigh an Fheannag 's i a-staigh:

"Cò tha siud air mullach mo bhothain bhig chrùsgaich, chràsgaich, nach leig a-mach smùid mo theallachain fhad 's a bhios mi a' bruich mo bhonnachain?"

"'S mise seo, a' Ghobhar Ghlas, 's mi air mo thoirt às a' sireadh mo chuid mheann."

"Air an talamh a tha fodhad 's air an adhar os do chionn 's air a' ghrèin ud seachad sìos, chan fhaca mise riamh do chuid mheann," ars an Fheannag.

Dh'fhalbh i sin 's chaidh i gu taigh an Fhithich, agus dhìrich i gu mullach taigh an Fhithich, a dh'ionnsaigh an t-simileir a-rithist, agus dh'èigh am Fitheach 's e a-staigh:

"Rochdada, rochdada," ars am Fitheach, "cò tha siud air mullach mo bhothain bhig chrùsgaich, chràsgaich, nach leig a-mach smùid mo theallachain fhad 's a bhios mi a' bruich mo bhonnachain?"

"'S mise seo, a' Ghobhar Ghlas, 's mi air mo thoirt às a' sireadh mo chuid mheann."

"Air an talamh a tha fodhad 's air an adhar os do chionn 's air a' ghrèin ud seachad sìos, chan fhaca mise riamh do chuid mheann," arsa... ars am Fitheach.

Cha robh fhios aice seo on t-saoghal dè an taobh a bheireadh i a h-aghaidh, agus dh'fhalbh i gu taigh a' Mhadaidh-ruaidh. Ach co-dhiù, thug am Madadh-ruadh a-staigh i, agus bha teine mòr brèagha aige air, agus bha e a' faireachdainn uabhasach toilichte dheth fhèin 's bha iad uabhasach càirdeil, e fhèin agus a' Ghobhar Ghlas, agus shin e e fhèin air beulaibh an teine agus thòisich ise air cniadachadh a chinn le làimh agus thuit am Madadh-ruadh na chadal.

Agus chunnaic a' Ghobhar Ghlas, chunnaic i seann mheangan de sgian bheag mheirgeach an àiteiginich agus leum i agus rug i air seo agus sgoilt i a' bhrù aige, agus a-mach à broinn a' Mhadaidh-ruaidh leum na trì minneanan, am Miona-ghlas 's am Poca Ceana-ghlas 's an Gille-buic a cheart cho beò 's a bha iad riamh, agus tharraing i fhèin 's iad fhèin dhachaigh agus bha iad... bha iad beò slàn riamh tuilleadh.

Agus dhealaich mise riutha.

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Ò uill, tha sin laghach. Agus an urrainn dhuibh innse dhomh a-nis cò aig a chuala sibh i seo?

HM: Ò, chuala mi aig mo mhàthair i.

DE: Dìreach. 'S bha i aig daoine eile timcheall...?

HM: Ò bha i aig gu leòr. Ò bha, bha. Tha mi cinnteach gum faigheadh tu anns a h-uile taigh i an uair ud. Anns a' chuid mhòr a thaighean co-dhiù.

DE: Ach 's e sgeulachd airson chloinne...?

HM: 'S ann airson chloinne a bha i. Ò 's ann. Ga h-innse dhuinn nuair a bha sinn nar... nar balaich bheaga.

DE: Ò uill, tha i math cuideachd. 'S dè fhad 's o chaochail ur màthair?

HM: Chaochail i ann an nineteen twenty-four.

DE: 'S bha mòran seanchais aicese?

HM: Ò bha. Roinn mhath aice, bha. Ach 's bràthair mo mhàthar a b' fheàrr.

DE: Seadh, dìreach. Dè chanadh iad ris-san?

HM: Aonghas Fhionnlaigh. Aonghas Fhionnlaigh. Shin Aonghas MacCormaig.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math