spacer
spacer

Mar a fhuair am madadh-ruadh làmh-an-uachdair air a' mhadadh...

Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
Tiotal a' Chlàir - Mar a fhuair am madadh-ruadh làmh-an-uachdair air a' mhadadh...
Fiosraichean - Hugh MacKinnon
Luchd-clàraidh - Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach

Geàrr-chunntas - Mar a fhuair am madadh-ruadh làmh-an-uachdair air a' mhadadh-allaidh.

Fhuair am madadh-ruadh 's am madadh-allaidh buideal làn ime air an tràigh. Thiodhlaic iad e sa ghainmhich. Chaidh am madadh-ruadh a-mach grunn tursan, ag ràdh gun robh e a' dol gu baisteadh. Nuair a chaidh iad a choimhead air a' bhuideal bha e falamh. Thuig am madadh-allaidh gun robh am madadh-ruadh air an t-ìm ithe. Air an t-slighe dhachaigh chunnaic am madadh-allaidh faileas na gealaich ann an grunnd bac-mòine. Thuirt am madadh-ruadh gur e mulachag chàise a bh' ann agus gum faigheadh iad grèim oirre nan cuireadh am madadh-allaidh earball dhan uisge. Rinn e seo. Reòth an t-uisge leis cho fuar 's a bha e agus chaidh earball an sàs. Ghairm am madadh-ruadh a h-uile ainmhidh a bha mun cuairt agus stiall iad am madadh-allaidh às a chèile.

Chuala am fiosraiche an sgeulachd seo bho a mhàthair.

Fad a' Chlàir (h:m:s) - 00:05:53
Àm Clàraidh - 1964
Cànan - Gàidhlig
Seòrsa - Sgeulachd
Cruinneachadh - Sgoil Eòlais na h-Alba

Àireamh a' Chlàir - 44229
Àireamh an Teip Thùsail - SA1964.006
Àireamh a' Chlàir Thùsail - SA1964.6.A2
Càileachd an Fhuaime - Math
Cruth Inneal a' Chlàir - R2R

Seòrsachadh - AT15; AT2;

Notaichean a' Chlàir -

Ceangal Maireannach - http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/44229/1




Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA