Rannsaich

Mo Chridhe Trom, Mo Shùil Silteach

Ceann-latha March 1953
Àireamh a’ chlàir 4431
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1953.48.1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1953.048

Geàrr-chunntas

'S e cumha a th' anns an òran luaidh seo anns a bheil an tè a rinn an t-òran ag ràdh:

"Mo chridhe trom, mo shùil silteach, Mhàiri nach freagair thu mise? Mhàiri nach freagair thu m' èigh? Cha dùisg ceòl a tha fon ghrèin thu. Cha dùisg pìob nan dos ga gleus thu. Cha dùisg glaodh do mhàthar fhèin thu."

Tha am boireannach ag innse mar a tha na fir air cruinneachadh gu tòrradh na h-ìghne, 's chan ann gu a rèiteach no a pòsadh. Tha am boireannach air an oidhche roimhe a chur seachad os cionn ciste Màiri, agus an-diugh tha i air bruach a lice.

Notaichean a' Chlàir

Transcribed in the School of Scottish Studies. 23 lines sung.

See:
'Òrain Luaidh Màiri Nighean Alasdair' (K. C. Craig) p. 75

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Òran

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math