Rannsaich

Duan na Muilidheartaich agus Duan na Ceàrdaich.

Ceann-latha March 1953
Àireamh a’ chlàir 4473
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1953.48.3

Àireamh an Teip Thùsail

SA1953.048

Geàrr-chunntas

Duan na Muilidheartaich agus Duan na Ceàrdaich.

Tha Ceit, Bean Eairdsidh Raghnaill, ag innse naidheachd mu Dhuan na Muilidheartaich agus Duan na Ceàrdaich. B' e uilebheist oillteil a bh' anns a' Mhuilidheartaich a chuireadh a dh'Èirinn le Rìgh Lochlainn. Mharbh Fionn MacCumhail agus na gaisgich aige a' Mhuilidheartach. Chaill Mac an Luinn, an claidheamh aig Fionn, a chumhachd, agus b' fheudar do dh'Fhionn a dhol gu ceàrdach dhraoidheil gus an claidheamh fhaghairt às ùr. Dh'fheumte an claidheamh fhaghairt ann am fuil duine beò, neo-chiontach. Bha an gobha an sin a' feitheamh, 's gun fhios aige gun do chuireadh a dh'iarraidh a mhàthar, agus nuair a thàinig i a-steach mharbh e i leis a' chlaidheamh.

Notaichean a' Chlàir

See:
'Folksongs and Folklore of South Uist' (M. F. Shaw) p. 29
'Leabhar na Fèinne' (J. F. Campbell) p. 59 and p. 65
'Stories from South Uist' (MacLellan/Campbell) p. 14

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Ceit Dhòmhnallach: Dè ach chuir... chuir... chuir Rìgh Lochlainn a-nall, fhios agaibh, bèist, 's e a' Mhuilidheartach a bh' oirre, 's bha duan eile air leth dhi sin, 's dha mac. Chuireadh a-nall a dh'Èirinn i, fhios agaibh. Agus tha e coltach gur e an claidheamh aig Fionn a bha ga marbhadh, còmh' ris a' chòrr dhen Fhinn nuair a thionndaidh iad oirre uile. Agus cha ghabhadh an claidheamh obrachadh tuilleadh gus an rachadh e ann am fuil duine beò, neoichiontach. Agus an dòigh anns an do rinneadh Duan na Ceàrdach, nuair a chruinnich na sìthichean 's a chaidh iad gu ceàrdach Chlann 'ic an Lìobhainn, thuirt cuideigin ri màthair a' ghobha gun robh an gobha ga h-iarraidh, 's thàinig ise a-staigh. 'S cha robh an gobha ach a' feitheamh leis a' chlaidheamh ann 's teallach, fhios agaibh. 'S bha dùil aige gur e cuideigin eile a bh' ann 's chuir e an clobha na mhàthair... seadh, an claidheamh. Chuir e an claidheamh na mhàthair. Sin an dòigh anns an tug iad an draodhachd dheth.

Sin mar a bha e air innse, ge brith an e an fhìrinn a th' ann, cò aige tha brath.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math