Rannsaich

Sgeulachd mun ghobhair ghlais a dh'fhàg a minn agus mar a mh...

Fiosraichean
Ceann-latha August 1968
Àireamh a’ chlàir 44786
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1968.183.B2

Àireamh an Teip Thùsail

SA1968.183

Geàrr-chunntas

Sgeulachd mun ghobhair ghlais a dh'fhàg a minn agus mar a mheall madadh-ruadh iad.

Sgeulachd mun ghobhair ghlais a dh'fhàg a minn ann am bothan. Thug i dhaibh rabhadh gun an doras fhosgladh airson creutair sam bith gus an tilleadh i. Ach mheall madadh-ruadh iad agus dh'fhalbh e leotha. Nuair a thill a' ghobhar ghlas, chaidh i gu taigh a' mhadaidh-ruaidh agus fhuair i na minn.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Ceit Dix: Chaidh a' Ghobhar Ghlas dhan tràigh 's bhris an sràbh a cas, agus 's ann a dh'fheumadh i a dhol dhan bhaile mhòr ga leigheas. Agus thuirt i ris na trì [?minne meanbhair], an Gille Tarbhaidh 's am Balach Buic:

"Nis," ars ise, "na leigibh duine sam bith a-staigh dhan taigh no dhan bhothan gus an tig mise. Cuiridh mi," ars ise, "snàithlean dearg, snàithlean uaine, 's snàithlean liath air mo spòg, 's cuiridh mi mo spògag bheag fo bhonn na còmhla, agus nuair a chì sibh gur e mi a bhios ann, leigidh sibh a-staigh mi."

Agus cha robh i fad sam bith air falbh nuair a chuala iad:

"Fosgail, fosgail, 's mi do mhàthair. Fosgail, fosgail, 's mi do mhàthair."

"Cuir do spògag bheag a-staigh fo bhonn na còmhla, 's innsidh sin an tu mo mhàthair."

Nuair a chuir e a spògag bheag a-staigh fo bhonn na còmhla:

"Cha tu, cha tu, cha tu mo mhàthair. Cha tu, cha tu, cha tu mo mhàthair."

"Ò, dè mar a bha fhios agad air do mhàthair?"

"Bha snàithlean dearg, snàithlean liath, 's snàithlean uaine air cois mo mhàthar... spòg mo mhàthar."

Dh'fhalbh am mada-ruadh 's e cho seòlta, agus chuir e a h-uile dath a bha sin air a spòg fhèin, agus:

"Fosgail, fosgail, 's mi do mhàthair. Fosgail, fosgail, 's mi do mhàthair."

Chuir...

"Cuir do spògag bheag a-staigh fo bhonn na còmhla, 's faithnichidh mise an tu mo mhàthair."

Chuir e a spògag bheag a-staigh fo bhonn na còmhla.

"'S tu, 's tu, 's tu mo mhàthair. 'S tu, 's tu, 's tu mo mhàthair."

Dh'fhalbh iad nan ruith 's dh'fhosgail iad an doras. Cò bha seo ach am mada-ruadh. Dh'fhalbh e leotha.

Cha robh iad ach air falbh nuair a thàinig a' Ghobhar Ghlas dhachaigh, agus ghabh i straight gu taigh a' bho-... a' mhada-ruadh, 's thuirt e rithe:

"Cò tha siud air mullach mo bhothain bhig, chriùsgaich, chreabhsgaich nach leig goil dham choireachan 's nach leig bruich dham bhonnachan, 's nach leig dha mo leanabain balgam dhen uisge a thoir thugam?"

"Mise seo, a' Ghobhar Ghlas, air a dhol às, ag iarraidh na trì [?minne meanbhair], am Boc Tarbhaidh 's an Gille Buic."

"Air an talamh a tha fo m' chasan, 's air an adhar a tha os mo chionn, 's air a' ghrian a tha a' dol sìos, chan fhaca mise riamh do chuid mheann."

Ach bha i treiseag ag èisteachd agus 's ann a chuala i a-staigh esan a' dèanamh deiseil na poite airson na meann a chur ann. Ò chaidh a' Ghobhar Ghlas a-staigh tron an taigh, agus leis an eagal a ghabh am mada-ruadh theich e. Agus fhuair i na minn dhachaigh leatha, agus cha do dh'fhàg i riamh tuilleadh iad, eagal gun tigeadh am mada-ruadh nan comhair tuilleadh.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math