Rannsaich

Sgeulachd mu bhàs Dhòmhnaill Dhuibh.

Ceann-latha 1964
Àireamh a’ chlàir 44818
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1964.8.B8

Àireamh an Teip Thùsail

SA1964.008

Geàrr-chunntas

Sgeulachd mu bhàs Dhòmhnaill Dhuibh.

Bha màgan a' leantainn Dòmhnall Dubh, Mac 'ic Ailein. Chaidh e air tìr ann an Canaigh agus dh'fhàs e bochd. Aon oidhche, dh'fhairich e fead chruaidh agus leum e às an leabaidh. Bha Raghnall mac Ailein Òig cuide ris agus chuir e air ais e. Thachair seo dà thuras eile agus thuit e marbh an treas turas. 'S e an donas a bha ga èigheach.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Na h-Eileanan Tarsainn

Eilean - Canaigh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Hugh MacKinnon (HM): Ach an cuala tusa riamh nuair a bha Dòmhnall... 's e Dòmhnall a bh' air, ceann-feadhna Mhic 'ic Ailein. Am fear a chaochail ann an Canaigh dhiubh. Am fear a bha an Donas às a dhèidh.

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Ò seadh, seadh.

HM: Nuair a dh'fhàg am màgan... nuair dh'fhalbh e leis a bhirlinn à Caisteal Tioram. Bha màgan a' falbh ann an lorg na birlinn a h-uile car a-mach a dh'Uibhist.

Agus co-dhiù, bha màgan, lean e e a h-uile car a-mach a dh'Uibhist. Chan eil mi cho cinnteach nach tug iad air bòrd na birlinn e cuideachd ach... uill, thug e tacan a-mach an Uibhist agus thill e an seo 's e a' tilleadh gu tìr-mòr a-rithist agus chaidh e air tìr ann an Canaigh agus dh'fhàs e bochd.

Agus bha e na laighe an sin 's ò, bha e ris a' bhàs. Agus an oidhche a bha seo, dh'fhairich e an fhead - fead bu chruaidhe a dh'fhairich duine riamh. Shaoileadh tu gun sgoilteadh i na creagan. Agus dh'èirich e na shuidhe anns an leabaidh, a' dol a leum às an leabaidh, gu èirigh a-mach. Agus cò bha còmhla ris ach Raghnall mac Ailein Òig, agus rug Raghnall air agus chàirich e air ais air a dhruim san leabaidh e a-rithist.

An ceann tacain, thàinig an dàrna fead, na bu chruaidhe na a' chiad thè. Thug e an ath leum às suas anns an leabaidh, 's rug Raghnall air 's leag e air a dhruim a-rithist e.

An ceann tacain, thàinig an treasamh fead, 's thug e an ath ionnsaigh gu èirigh, ach rug Raghnall air an treasamh turas agus leag e air a dhruim e, agus anns a' mhionaid dh'fhàg an anail Dòmhnall Dubh mac Raghnaill.

'S e an Donas a bha ga èigheach.

DE: 'S e. 'S e droch dhuine a bh' ann.

HM: Droch dhuine. An cuala tu siud roimhe?

DE: Chuala. Chuala.

HM: Ach an robh fhios agad gur e Raghnall mac Ailein Òig a bha ga...?

DE: Cha robh.

HM: Seadh, uill, 's e ma-thà. Raghnall mac Ailein Òig a bha ga shettladh anns an leabaidh.

DE: Dìreach. Agus 's e Dòmhnall... Dòmhnall Dubh?

HM: Dòmhnall Dubh. 'S e.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math