Rannsaich

Prògram Choinnich

Ceann-latha 28 March 1995
Àireamh a’ chlàir 4491
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

Program Choinnich 28.03.1995

Geàrr-chunntas

A' cuimhneachadh mar a laigh itealan air an tràigh an Griomasaigh.

Bha Lachlann Moireasdan na ghille òg nuair a laigh a' chiad itealan air tràigh Ghriomasaigh ann an 1935. Chan fhaca e itealan gus an uair sin fhèin. Laigh itealan an sin dà thuras eile. B' ann le luchd-siubhail a bha iad a' tighinn, seach obair-teasairginn, agus b' e Scottish Airways a bha gan ruith. Tha cuimhne aig Lachlann gun robh pìleat ann leis an ainm Barkley agus fear eile, Hankins.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Steòrnabhagh

Eilean - Leòdhas

Baile/Àite - Steòrnabhagh

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Tuath

Eilean - Griomsaigh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Tar-sgrìobhadh

Coinneach MacÌomhair (CM): Chuala sinn an-dè mu na h-itealain a laigh trì turais air Cladach Iolaraigh ann an Uibhist a Tuath. Thathas a' dol a thogail càrn mar chuimhneachan air a sin. Bha Dòmhnall Dòmhnallach a' smaoineachadh gun do laigh tè turas ann an Griomasaigh cuideachd. Dh'fhaighnich sinn an robh cuimhne aig duine air a leithid. Bha, ma-thà, aig Lachlann Phàdraig, Lachlann Moireasdan, a bhruidhinn rium às dèidh a' phrògraim, agus tha Lachlann agam an-dràsta air ceann eile an loidhne. Madainn mhath, a Lachlainn.

Lachlann Moireasdan (LM): Madainn mhath, a Choinnich.

CM: Ciamar a tha sibh an-diugh?

LM: Ò chan eil guth ri ràdh.

CM: Innis dhomh beagan mu dheidhinn an itealain a thàinig... a tha cuimhne agaibh air a bhith a' tighinn sìos ann an Griomasaigh, ma-thà.

LM: Uill, bha mise a' dol dhan sgoil aig an àm a laigh a' chiad tè. Tha trì fichead bliadhna on uair sin. 'S ann ann an nineteen thirty-five, tha mi a' smaoineachadh, a bh' ann. Agus thàinig... thàinig a dhà eile, land a dhà eile às dèidh sin. 'S ann air an tràigh, sìos dìreach fon taigh-sgoile. Sin a dh'fhàg sinne ga faicinn, agus abair thusa gun robh annas againn dhith, agus... ach cha do leig an tidsear idir sìos chun na tràghad sinn. Agus 's e... 's ann le saor a bha ag obair mu na taighean-sgoile, fear Gallta, fear MacCoinnich, 's ann leis an duine sin, 's ann a... 's ann a land i a' chiad turas. An ath thuras a thàinig i a-nuas, 's ann le fear a mhuinntir an eilein fhèin, fear Dòmhnall Mac a' Phiocair, a bha a' tighinn dhachaigh gu tiodhlacadh athar. Agus an treas uair a thàinig i a-nuas, 's ann le boireannach a bhuineadh dhan àite. Bha i riamh ag obair ann an Ameireaga gus an do retire i, agus bha i air tighinn dhachaigh an uair sin a dh'fhuireach, còmhla ri a bràthair an Griomasaigh. Sin na trì tursan, cho fad 's is aithne dhòmhsa.

CM: Agus na do ghille òg an uair sin, dè bha sibh a' smaoineachadh, a bhith a' faicinn an itealain a tha seo a' tighinn a laighe sìos air an tràigh?

LM: Ò bha annas... bha annas mòr againn dhen ghnothach a bh' ann. Cha robh... chan fhaca sinne... chan fhaca sinne riamh plèan chun a sin fhèin.

CM: 'S carson nach do leig an tidsear sìos sibh? An e feagal a beatha a ghabh i fhèin?

LM: Chan eil mi a' tuigsinn bho shealbh carson nach do leig i sìos sinn. 'S e a bh' air feum a dhèanamh dhuinn, nam biomaid a' faighinn sìos 's am plèan fhaicinn, dìreach, 's a dhol ri taobh. Agus tha mi a' smaoineachadh gur e tè le na ceithir sgiathan a bh' innte - biplane.

CM: Agus a bheil càil a chuimhne agad cò leis a bha i? No cò bha ga ruith?

LM: Ò, tha mi a' smaoineachadh gur e Scottish Airways a bh' ann, gur e... tha mi a' smaoineachadh gur e Captain Barclay, gur e... feumaidh gur e a bh' ann. No, bha fear eile ann, New Zealander, Hankins, tha mi a' smaoineachadh. Sin agad an aon fheadhainn as aithne dhòmhsa a bha a' tighinn an uair sin dha na h-eileanan. Ach 's e Scottish Airways a bhiodh ann.

CM: Nach robh fear Fresson ann cuideachd?

LM: Ò uill, dh'fhaodadh...

CM: Ach 's dòcha gur ann taobh Inbhir Nis a bha esan a' tighinn a-nall a Steòrnabhagh. Ach a-rithist, mas e agus gu bheil duine sam bith aig a bheil fhios cò iad sin, bhithinn ro-thoilichte cluinntinn mun deidhinn cuideachd. Dè cho freagarrach agus a tha an tràigh a th' ann an Griomasaigh ann an sin airson itealan a bhith a' laighe ann?

LM: Ò uill, bha airson iteal beag dhen t-seòrsa ud, bha i freagarrach gu leòr. Tha mi cinnteach gun robh aon sia ceud slat de thràigh chruaidh ann, agus nuair a bhiodh an làn a-muigh, bha an tràigh bha i... bha i math... bha i math math airson... airson gun laigheadh iad oirre.

CM: Agus mar sin dheth, na... an t-itealan a bha sinn a' cluinntinn mu dheidhinn an-dè, 's ann a bhathas ga chleachdadh airson daoine a bha a' tighinn... a' dol a dh'ospadal, no a' tighinn à ospadal. An tè a thàinig... an tè a bha a' tighinn sìos ann an Griomasaigh, cha b' ann mar sin a bha i idir. 'S e bh' ann ach dìreach tè a bha daoine, follaiseach, an dèidh pàigheadh air a shon.

LM: Ò 's e, gu dearbh fhèin. Sin an gnothach a bha annasach. Chan eil fhios a'm idir mu dheidhinn sin. Bhiodh e... bhiodh e math fhaighinn a-mach gu dè an dòigh anns a... anns an robh iad idir a' tighinn le... cò dha a bha iad a' pàigheadh na triop, mar gum b' eadh.

CM: Agus dè a' chosgais a bh' ann.

LM: Agus dè a' chosgais a bh' ann. Sin an rud a bhiodh math. Ach gu mì-fhortanach, an duine a rinn mi iomradh riut an-dè, fear Dòmhnall Mac a' Phiocair a bh' ann, bhàsaich e dìreach ann an November sa chaidh, agus bha e... cha chreid mi nach robh e ninety-six.

CM: Uill, Lachlainn, tha thu gar fàgail ann an sin le ceist no dhà eile. Fiosrachadh...

LM: Tha, gu dearbh fhèin e.

CM: Ceud mìle taing dhut airson an fhiosrachaidh mu dheidhinn an itealain sin a bhith a' tighinn sìos trì turais ann an Griomasaigh. Ceist no dhà againn ann an siud fhathast. Cò leis a bha na h-itealain a bha sin? Cò bha gan stiùireadh? Agus dè bha e a' cosg tè aca fhaighinn chun na h-eileanan, airson laighe aig starsaich do dhorais fhèin?

LM: Tha sin ceart.

CM: Mòran taing dhut, a Lachlainn.

LM: Mar sin leibh, a Choinnich.

CM: Lachlann Moireasdan ann an sin, an Griomasaigh. Agus mas e 's gu bheil fhios aig duine agaibh air freagairt gin dhe na ceistean a tha siud, bidh sinn ro-thoilichte cluinntinn bhuaibh.

Cruth Inneal a' Chlàir

Dat

Càileachd an Fhuaime

Math