Rannsaich

Fear à Cinn Tàile a rinn an gnothach air cailleach Sgitheana...

Ceann-latha 20 March 1960
Àireamh a’ chlàir 45301
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1960.067.A2

Àireamh an Teip Thùsail

SA1960.067

Geàrr-chunntas

Fear à Cinn Tàile a rinn an gnothach air cailleach Sgitheanach.

Bha fear à Cinn Tàile air an robh Uilleam MacRath a bha cliùiteach mar fhear aig an robh inntinn gheur agus a bha math air gearradh-cainnte. Bha Dòmhnall Gorm, tighearna Shlèite, air a nàrachadh le Uilleam aig a bhanais fhèin. Chuir e geall gun dèanadh a' chiad chailleach Sgitheanach air an tachradh e a' chùis air Uilleam, nan tilleadh e gu bràth dhan eilean. Air a' chiad chothrom, chaidh Uilleam dhan Eilean Sgitheanach. Choinnich e ri cailleach an sin a bha a cheart cho comasach ris fhèin agus bha iad a' bearradaireachd air a chèile airson greis. Aig a' cheann thall ge-tà, fhuair Uilleam làmh-an-uachdair, agus rinn e às le cliabh làn òir.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Eilean - An t-Eilean Sgitheanach

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Eilean - An t-Eilean Sgitheanach

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math