Cò gu Leigeadh na Gamhna a Dheoghal
Fiosraichean
Luchd-clàraidh
Ceann-latha
03 May 1960
Àireamh a’ chlàir
45379
Pàirt 1
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
CannaOT.6
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
'S e tàladh beag a tha seo.
Àite Clàraidh
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Paraiste - Uibhist a Deas
Eilean - Uibhist a Deas
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Tar-sgrìobhadh
Cò gu leigeadh na gamhna a dheoghal
Na gamhna a dheoghal, na gamhna a dheoghal
Cò gu leigeadh na gamhna a dheoghal
Gur banchag bhleoghain mi fhìn.
Cò gu leigeadh mo leanabh gu làr
Mo leanabh gu làr, mo leanabh gu làr
Cò gu leigeadh mo leanabh gu làr
Gur banaltram dha mi fhìn.
Na gamhna a dheoghal, na gamhna a dheoghal
Cò gu leigeadh na gamhna a dheoghal
Gur banchag bhleoghain mi fhìn.
Cò gu leigeadh mo leanabh gu làr
Mo leanabh gu làr, mo leanabh gu làr
Cò gu leigeadh mo leanabh gu làr
Gur banaltram dha mi fhìn.
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math