Rannsaich

Bha aig bean Fhinn ri taghadh cò na daoine bhiodh rin cur fa...

Ceann-latha January 1960
Àireamh a’ chlàir 45446
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1960.030.A3

Àireamh an Teip Thùsail

SA1960.030

Geàrr-chunntas

Bha aig bean Fhinn ri taghadh cò na daoine bhiodh rin cur far bàta; no bhiodh iad uile air am bàthadh.

Bha Fionn, a bhean agus athair-cèile, Dubhan, a-muigh air bàta. Bha trithead duine air bòrd còmhla riutha. Bha còig-deug dhiubh le Fionn agus còig-deug dhiubh le Dubhan. Nuair a thàinig droch shìde bha cuid dhe na daoine rin sadail dhan mhuir, no bhiodh iad uile air am bàthadh. Chaidh iarraidh air bean Fhinn an taghadh. Rinn i rann. Chaidh a h-athair agus a dhaoine uile a chur far a' bhàta.

Chuala am fiosraiche an sgeulachd seo bho Alasdair Mòr.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Aonghas MacIllFhialain (AM): Bha Fionn, bha e pòsta aig nighean Dhubhain, 's e a chanadh iad ris. Agus bha iad ann am bàta, deichnear air fhichead. Còig duine deug a chuideachd Dhubhain agus còig duine deug a chuideachd Fhinn. Agus bha a' bhean aig Fionn còmhla riutha.

Agus cha robh am bàta ach beag, 's thàinig droch latha orra, agus gum feumte roinn dhe na bh' innte a dhaoine a chur a-mach, no gum biodh iad... gun caillte air fad iad.

Agus 's e an lagh a rinn Fionn, on is e nighean Dhubhain a bha pòsta aige, agus gur e cuideachd a bha còmhla ris, còig duine deug dhiubh, gum fàgadh iad aicese e. Gin sam bith a dh'iarradh i a chur a-mach, gun rachadh iad a-mach.

Uill, dh'iarr ise orra an uair sin suidhe mun cuairt ann an ring, agus a h-uile fear air an tigeadh a naoi, gach naoidheamh fear, ga chunntais mun cuairt, gur e sin an duine a rachadh a-mach. Agus rinn i rann nuair a bha i gan cur nan suidhe. Agus thuirt i:

"Suidhibh air thùs," ars ise, "ceathrar o Fhionn
Le còig fhir dhubha nan dàil
A ghnàth-mhuinntir Dhubhain
Dithis o Mhac Cumhail a-nuadh
'S fear o Dhubhan nan each ruadha
Triùir on Fhinn as àille dreach
'S fear o Dhubhan tiùrr a-mach," ars ise.

"Cha suidh Fionn anns a' bhrugh bhàn
Gun dithis dhubha air a làimh chlì
'S dithis eile nam fochair sin
A mhuinntir Fhinn à Èirinn
Le dithis dhubha 's Dubhan dil," - b' e sin a h-athair -
"'S aon fhear fionn nam fochair sin
Dà laoch dhubha nan dèidh
'S dithis o Fhionn 's fear o Dhubhan."

Thòisicheadh air an cur a-mach, gan cunntais mun cuairt. Chuir i a-mach a h-uile duine a chuideachd a h-athar. 'S e a h-athair am fear mu dheireadh a chuir i a-mach. Bha a naoi a' tighinn air a... air fear a mhuinntir Dhubhain a h-uile turas. Gus an do chuir i a-mach a h-athair air an fhear bho dheireadh.

Calum MacIllEathain (CM): 'S ann... cò... aig Alasdair Mòr a bhiodh sin?

AM: 'S ann. 'S ann.

CM: Aig Alasdair Mòr. Ò seadh, dìreach. Tha sin math. Tha sin math. Sin agaibh e a-nist.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math