Rannsaich

Mac 'ic Ailein air a mharbhadh ann am blàr.

Ceann-latha January 1960
Àireamh a’ chlàir 45482
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1960.030.B3

Àireamh an Teip Thùsail

SA1960.030

Geàrr-chunntas

Mac 'ic Ailein air a mharbhadh ann am blàr.

Bha cogadh eadar Alba agus Sasainn. Cha robh Dòmhnall Mòr airson a dhol dhan chogadh agus theich e. Thàinig duine far an robh e a thuirt ris gun tilleadh e sàbhailte dhachaigh às a' chogadh ach nach tilleadh Mac 'ic Ailein.

Air an t-slighe dhan chogadh, thadhail iad air boireannach airson seun a chur orra. Ged a dh'aontaich e an seun a chur air, cha robh Mac 'ic Ailein a' creidsinn ann. Thug am boireannach òrdugh dha gun bhruidhinn ri duine air an t-slighe gus am bruidhneadh iadsan ris. Cha do chuir e diù anns an òrdugh aice. Thuirt i cuideachd ris gum b' e droch chomharra a bhiodh ann dha nam biodh doras eaglais àraidh fosgailte nuair a rachadh e seachad. Bha an doras fosgailte.

Mar a chaidh fhàidheadaireachd, cha do thill Mac 'ic Ailein às a' chogadh. Chaidh a mharbhadh le bonn sia-sgillinn air a losgadh à gunna.

Neach/Cuspair a' Chlàir

Mac 'ic Ailein

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Cànan

Gàidhlig

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math