Rannsaich

Iomain ann an Eige.

Ceann-latha August 1965
Àireamh a’ chlàir 45738
Pàirt 1
Pàirt 2
Pàirt 3

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1965.126.7

Àireamh an Teip Thùsail

SA1965.126

Geàrr-chunntas

Iomain ann an Eige.

Bha iad ri iomain air Tràigh Lathaig ann an Eige gu 1925. Fiosrachadh mionaideach air a bhith a' taghadh nan sgiobaidhean, a' dearbhadh dè an taobh a bha na sgiobaidhean a' cluich, agus a' cur a-mach nan coileagan. Cha robh riaghailtean ann. Tha am fiosraiche ag ainmeachadh nan làithean sònraichte air am biodh iad ri iomain. Bhiodh iad ag òl ron gheam, agus tha am fiosraiche ag innse mu aimhreit aig geamachan. Chunnaic esan suas ri 30 duine air gach taobh; bodach 80 bliadhna a dh'aois nam measg. Bhiodh iad a' cluich casruisgte san t-sneachd. Ainmean air diofar phàirtean den chluich agus fiosrachadh mionaideach mun bhàlla, na camain agus mar a bha an geam air a chluich. Bha iomain aig a' chloinn dhaibh fhèin. Fiosrachadh mu dhroch bhuillean a fhuair daoine ag iomain agus cuimhneachain air geamachan.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Na h-Eileanan Tarsainn

Eilean - Eige

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math