Còig air fhichead seanfhaclan. Tha am fiosraiche gam mìneach...
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1960.120.B26-B50
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Còig air fhichead seanfhaclan. Tha am fiosraiche gam mìneachadh.
Is e an duine an t-aodach 's chan e a' cholann chreuchdach.
Is e an duine an t-aodach agus is e a' chaora a' chlòimh.
Chan fhidir an seideach an seang.
Is fheàrr iomall na pailte na teis-meadhan a' ghanntair.
Ruigidh each mall muileann.
Gheibh a h-uile cù a là fhèin.
Is ann air a shon fhèin a nì an cat an crònan.
Mas math ceòl, fòghnaidh feadaireachd.
Cha tèid a' bhrèaghachd seach an craiceann.
Cha bhruich brèaghachd a' phoit.
Cha tig às a' phoit ach an toit a bhios innte.
Thèid sgùmban ri dhùthchas.
Bean gun leanabh bean gun leisgeul.
Bean le leanabh bean air leth-làimh.
Is fheàirrde brà a breacadh gun a bristeadh.
Is fheàirrde baile ball-bùird a bhith ann.
Dihaoine gu fàs 's Dimàirt gu gearradh.
Diluain mall cinnteach.
Rud a nithear Diluain bidh e luath no bidh e mall.
Imprig Shathairne mu thuath 's imprig Luain a' dol mu dheas; ged nach biodh agam ach an t-uan 's ann Diluain a dh'fhalbhainn leis.
Far an caill thu do dhaoine a dh'fhuireach ann 's far an caill thu do chrodh a dh'fhalbh às.
Nuair a thig ri duine, thig ris uile.
Cha do chleachd am bodach biodag a chur ann.
Cois-ceum coilich air Là Nollaig.
Uair a' ghille-chonnaidh Là na Bliadhn' Ùire.
Àite Clàraidh
Siorrachd - Meadhan Lodainn
Paraiste - Dùn Èideann
Baile/Àite - Dùn Èideann
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math