Rannsaich

Dh'fhairtlich air maor iasgair a chur às an fhearann.

Luchd-clàraidh
Ceann-latha 18 August 1959
Àireamh a’ chlàir 47936
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1959.104.B1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1959.104

Geàrr-chunntas

Dh'fhairtlich air maor iasgair a chur às an fhearann.

Bha am maor aig a' Chòirneal Gòrdan a' feuchainn ri Dòmhnall fhuadach às an fhearann airson gun robh e cho math air iasgach, ach dh'fhairtlich air. Aon latha, bha an còirneal agus am maor aig an fhadhail, oir bha an còirneal ag iarraidh breac gun làrach dubhain airson a dhealbh a thogail. Cha b' urrainn dhaibh iasg fhaighinn. Chuir am maor a dh'iarraidh Dhòmhnaill. Thog Dòmhnall breac às an fhadhail le làmh.

Cha deach Dòmhnall a chur às an fhearann mar a bha am maor an dòchas. An àite sin, 's ann a rinn an còirneal e na fhear-gleidhidh na fadhlach le cead air na dh'fheumadh e fhèin de dh'iasg. Cha b' urrainn dhan mhaor feuchainn ri chur às an fhearann tuilleadh.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill: Nuair a fhuair an Còirneal Gòrdanach an oighreachd, fhuair e maor dhachaigh às an Eilean Sgitheanach airson sgìreachd cho mòr... airson a bhith a' gleidheadh an èisg air fadhail Thogh.

A' bhliadhna a bha seo, thàinig an Gòrdanach dhan dùthaich, agus bha e ag iasgach air an fhadhail agus am maor còmhla ris. Cha robh iad a' faighinn dad a dh'iasg idir, no ga fhaicinn san fhadhail na bu mhotha.

"Ò, a rìgh," ars an Gòrdanach, "nach robh breac air a shadadh a-staigh anns an fhadhail gam ionnsaigh gun lot dubhain a dhèanamh air, agus gum faighinn a dhealbh a tharraing a' leumadaich air tìr. An fhiosraich thu," ars esan ris a' mhaor, "duine sam bith mun cuairt a dhèanadh an gnìomh dhomh? Gu dearbh, bhithinn fada na chomain."

A-nist, bha aon duine sònraichte a' fuireach anns an àite, agus bha gràin uabhasach aig a' mhaor air, agus dh'fheuch e iomadach dòigh air a chur às an fhearann ach bha a' chùis a' faileachdainn air. Agus 's e fear ainmeil a bh' ann airson glacadh bhreac. Bha fios aig a' mhaor gum faigheadh e breac dhan Ghòrdanach cho luath agus a ruigeadh e taobh na fadhlach, agus bha e ag ràdh ris fhèin, nuair a chitheadh an Gòrdanach cho innealta 's a bha an duine seo air na bric, gum fògradh e às an fhearann e, an rud a dh'fhailich air fhèin a dhèanamh.

Dh'fhalbh am maor a dh'iarraidh an duine a bha seo, dham b' ainm Dòmhnall mac Nèill 'ic Dhòmhnaill, agus dh'innis e dha an turas air an robh on Ghòrdanach. "Agus," ars e fhèin, "chan eil iasg ri fhaicinn air an fhadhail an-diugh idir."

"Ò," arsa Dòmhnall ris a' mhaor, "cha robh an fhadhail riamh gun iasg oirre."

Dh'fhalbh e còmhla ris a' mhaor agus ràinig iad an fhadhail far an robh an Gòrdanach. Agus rinn Dòmhnall ùmhlachd dha mar a bha freagarrach, agus ghabh e suas taobh na fadhlach an uair sin agus e ag amharc san uisge gus an do ràinig e àite sònraichte a bha e cinnteach nach robh ach ainneamh riamh gun bhreac a bhith na laighe ann. Chrom e ann an sin air a dhà ghlùin agus thruis e a mhuilichinn suas chun na guailne, agus chàirich e a làmh sìos anns an uisge agus a-staigh fo chruime boghta. Agus cha robh a làmh aon mhionaid ann am bogadh ann nuair a shad e a-staigh am breac mòr brèagha a bha sin a rinn e grèim air, air dhos earbaill, a dh'ionnsaigh na blianaig a bh' air a chùlaibh.

Anns an spot am faca an Gòrdanach am breac a' tighinn air tìr agus a' leumadaich air a' chnoc, chàirich e an camara ris agus tharraing e a dhealbh. Ghabh e an uair sin a-nall far an robh Dòmhnall agus chuir e a làmh air a ghualainn. "Nist," ars e fhèin ris, "às a seo suas, fhad 's a thèid agad air a dhèanamh, bidh tusa a' gleidheadh na fadhlach a chionn cha ghabh i gleidheadh ort. Agus gleidhidh tusa air càch i, agus bidh d' fheumalachd fhèin dhen iasg agad saor bhuamsa."

Thug an Gòrdanach an uair sin am breac dha gus a thoirt leis dhachaigh nuair a fhuair e a dhealbh a tharraing, agus bha am maor uabhasach mì-thoilichte nuair a chunnaic cho math agus a chaidh a' chùis do Dhòmhnall, ach cha robh comas aige air a leasachadh, agus bha Dòmhnall stèidhichte na chuid fearainn riamh on latha sin.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math