Rannsaich

Mar a tha clòimh air a dath le sealastair, fraoch agus crota...

Luchd-clàraidh
Ceann-latha 18 August 1959
Àireamh a’ chlàir 47969
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1959.104.B2a; B2b

Àireamh an Teip Thùsail

SA1959.104

Geàrr-chunntas

Mar a tha clòimh air a dath le sealastair, fraoch agus crotal, agus na dathan a tha gach fear dhiubh a' dèanamh.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill: Dath an t-seileastair. Tha thu a' cruinneachadh bun an t-seileastair a tha ri fhaighinn fon talamh agus ga nighe. Tha thu an uair sin ga phronnadh meanbh agus ga chur air poit air teine, a' goil fad an latha. Tha thu an sin ga shìoladh agus a' cur sùgh bun an t-seileastair air ais anns a' phoit. Tha thu an uair sin a' cur na clòimhe am bogadh anns a' phoit, agus a' leigeil leatha goil air an teine fad an latha. Tha thu an uair sin ga toirt às, agus ga tiormachadh, agus tha dath glas air a' chlòimh. Dath an t-seileastair.

Dath an fhraoich. Tha thu a' cruinneachadh bàrr an fhraoich agus ga chur ann am poit làn uisge air an teine, a' goil fad an latha. Tha thu an uair sin ga shìoladh agus a' cur sùgh an fhraoich anns a' phoit air ais. Tha thu a' cur na clòimhe am bogadh ann an alm, ann am ballan de dh'uisge teth, an uair sin ga fàsgadh às, agus ga cur ann an sùgh an fhraoich anns a' phoit agus a' leigeil leis a sin goil fad a dhà no trì de dh'uaireannan. Tha thu an sin a' toirt na clòimhe às a' phoit, ga tiormachadh, agus tha dath brèagha buidhe oirre an uair sin. Dath an fhraoich.

Dath a' chrotail. Tha thu a' buain a' chrotail a tha ri fhaighinn a' fàs air creagan agus ga chur ann an grunnd poite air an teine. Tha thu an uair sin a' cur beagan clòimhe air a' mhuin sin, tuilleadh crotail air uachdar na clòimhe sin, agus tuilleadh clòimhe air uachdar a' chrotail, agus mar sin air n-adhart gus am bi a' phoit làn. Tha thu an sin a' lìonadh na poite le uisge agus a' leigeil leatha goil fad an latha, 's a' sìor chumail uisge ùr innte, mar a bhios e a' sùghadh. Nuair a bhios e air goil fad an latha, tha a' phoit ga toirt dheth, a' chlòimh ga toirt aiste, ga nighe 's ga tiormachadh, agus tha dath trom ruadh oirre. Dath a' chrotail.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math