Rannsaich

Ailein Duinn

Luchd-clàraidh
Ceann-latha 18 August 1959
Àireamh a’ chlàir 47976
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1959.104.B4a; B4b

Àireamh an Teip Thùsail

SA1959.104

Geàrr-chunntas

Bha Ailean Donn agus nighean a' dol a phòsadh ged a bha leannan eile aige. Bha e a' dol a phòsadh na tè às na Hearadh agus cha robh an tè eile, a bha à Leòdhas, toilichte idir. Bha Ailean air turas cuain eadar Leòdhas agus na Hearadh. Bha a' mhuir dona agus chaidh a bhàthadh. Bha e air a ràdh gur e an tè Leòdhasach a bhàth e le buidseachd. Nuair a chuala an tè Hearach mu bhàthadh Ailein bhris a cridhe agus rè ùine bhàsaich i fhèin. Cha d' fhuaradh corp Ailein a-riamh agus bhiodh ise daonnan ag iarraidh, nuair a bhàsaicheadh i, gum biodh i air a tiodhlacadh ri taobh Ailein. Ach, leis nach deach an corp aige fhaighinn, chaidh an corp aicese a thoirt dhan chladh, le bàta. Astar beag air falbh thàinig droch shìde agus, anns an àite far an deach Ailean a bhàthadh, chaidh a' chiste aice dhan mhuir le neart na stoirme. Chunnaic na daoine a bha anns a' bhàta taibhse Ailein air an uisge agus chaidh an taibhse agus a' chiste sìos fon uisge còmhla. An dèidh sin bha latha brèagha, ciùin ann.

Mus do bhàsaich i, rinn an tè Hearach an t-òran seo anns a bheil i a' moladh Ailein agus a' caoidh gun deach a bhàthadh.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Na Hearadh

Eilean - Na Hearadh

Cànan

Gàidhlig

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math