Dh'fheuch fear làidir aig MacNèill Bharraigh ri brath a thoi...
Neach neo-aithnichte
Gillies, Flora, 1901-1999 (5958)fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1960.089.B4
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Dh'fheuch fear làidir aig MacNèill Bharraigh ri brath a thoirt do thighearna Chlann Raghnaill.
Bha bràthair seanair an fhiosraiche na fhear làidir aig MacNèill Bharraigh. Bha aige ri brath a thoirt do thighearna Chlann Raghnaill. Nuair a ràinig e caisteal Chlann Raghnaill dh'iarr e an tighearna fhèin fhaicinn, ach chuir esan a' bhean-taighe ga ionnsaigh. Cha robh am fear làidir toilichte idir agus thog e air. Chuir an tighearna còignear às a dhèidh airson am brath a ghabhail ach chuir am fear làidir an ruaig orra. Mu dheireadh, thug am fear làidir am brath do thighearna Chlann Raghnaill nuair a thàinig e a Bhàgh a' Chaisteil.
Àite Clàraidh
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Paraiste - Barraigh
Eilean - Bhatarsaigh
Àite a' Chuspair
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math