Rannsaich

Buachaille Caora Caomhaig.

Ceann-latha 1969
Àireamh a’ chlàir 49539
Pàirt 1
Pàirt 2

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1969.106.A1+B1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1969.106

Geàrr-chunntas

Buachaille Caora Caomhaig.

Bha aon mhac aig an rìgh. Bhàsaich a' bhanrigh. Chuir an rìgh air falbh a mhac gu àite dìomhair agus phòs e a-rithist. Bha mac eile aige bhon dàrna banrigh.

Chaidh innse dhan bhanrigh mun chiad ghille. Dh'iarr i a thoirt dhachaigh. Dh'fheuch i ri phuinnseanachadh ach dh'fhairtlich seo oirre. Rinn an gille caraid de tharbh a b' urrainn bruidhinn. Mharbh an tarbh a' mhuime. Dh'iarr an tarbh air a' ghille a mharbhadh airson 's gun toireadh e dha barrachd cuideachaidh. Nam marbhadh e e, gheibheadh an gille feadan ann am broilleach an tairbh. Uair sam bith a bhiodh an gille na èiginn, nan sadadh e am feadan, thigeadh an tarbh ga chuideachadh.

Fhuair an gille obair mar bhuachaille ghobhar aig cailleach. Bha trì fuamhairean agus am màthair a' fuireach faisg. Bha iad air gobhair a ghoid bhon chaillich. Nuair a nochd na fuamhairean agus am màthair ris a' ghille, aon fhuamhaire gach latha, shad e am feadan. Thàinig an tarbh agus mharbh e iad uile. Fhuair an gille na gobhair air ais maille ri ionmhas nam fuamhairean gu lèir.

Latha às dèidh latha bha an gille a' dol seachad air taigh an diùc, a' marcachd air each agus aodach rìomhach uime à ionmhas nam fuamhairean. Cha robh nighean an diùc a' tuigsinn cò an duine brèagha a bha seo. Oidhche às dèidh oidhche rinn i cuirmean agus bha aig a h-uile duine ri tighinn ann airson gun lorgadh i e. Cha deach an gille chun nan cuirmean. Mu dheireadh, fhuair i a-mach mun ghille a bha na bhuachaille ghobhar aig a' chaillich. Chaidh i chun an taighe, fhuair i còmhradh ris, agus phòs iad.

Chuala am fiosraiche an sgeulachd seo bho athair. Cha do dh'innis e i bho àm a' Chiad Chogaidh.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Seòrsachadh

AT300

Tar-sgrìobhadh

Dòmhnall Alasdair Johnson (DA): Chuala mise mar a bha siudach a bh' ann, ma-thà, aon triop, rìgh, agus bha e pòsta 's bha aona ghille aige. Agus bhàsaich an seothach a' bhean air. Agus dh'fhalbh e agus chuir e an gille gu ruige grianan an aona... aona chraoibh far am faiceadh e... grianan àlainn an aona chraoibh far am faiceadh e a h-uile duine 's far nach fhaiceadh duine e, agus banaltram leis a' dèanamh feum ban-sgoileir.

Agus bha e ann a shineach, agus bhiodh an rìgh, bhiodh e... bha anns a' bheinn-sheilg a' sealg 's bhiodh e a' tadhal an seothach 's a' fàgail pàirt dhen t-seilg aca. Agus 's ann a studaig e seo gum pòsadh e a-rithist. Agus rinn e sin; phòs e a-rithist. Agus bha aona mhac aige bhon bhoireannach a phòs e air deireadh.

Agus bha esan daonnan air falbh sa bheinn-sheilg, an rìgh. Agus cò thàinig rathad an taighe an latha a bha seo 's e anns a' bheinn-sheilg ach Eachlair Amhlair. Agus dh'fhaighneachd i dhen bhoireannach gu dè mar a bha i fhèin 's an rìgh a' còrdadh, 's thuirt am boireannach gun robh glè mhath.

"An-tà," ars ise, "'s tusa tha gòrach," ars ise.

"Carson sin?" ars ise.

"Tha am fear sin," ars ise... "tha gille aig an fhear sin," ars ise, "agus tha e ann an grianan àlainn an aona chraoibh," ars ise, "far am faic e a h-uile duine 's far nach fhaic duine e," ars ise, "agus banaltram leis," ars ise, "a' dèanamh feum ban-sgoileir dha. Agus," ars ise, "ged a... ged a bhiodh an rìgh marbh a-màireach," ars ise, "cha bhiodh sìon agadsa 's aig do mhac," ars ise. "Bha aon ghille aige bhuaipe seo bho... aig do mhac-sa," ars ise, "ach clìoradh air falbh," ars ise. "Bhiodh a h-uile sìon aig a' ghille aige," ars ise.

Agus:

"An-tà," ars ise, "cha chuala mi," ars ise, "gabadh riamh air."

"Ò uill," ars an Eachlair Amhlair, "tha sin ceart," ars ise. "Siud mar a tha." Agus: "Ach," ars ise, "nuair a thig... nuair a thig e a-nochd," ars ise, "thèid thusa dhan leabaidh," ars ise, "nuair a chì thu e a' tighinn," ars ise. "Agus," ars ise, "cuir balgam," ars ise, "de dh'fhìon dearg nad bheul," ars ise. "Agus nuair a thig e," ars ise, "'s a thèid e suas air do shàillibh," ars ise, "dhan rùm, cuir a-mach," ars ise, "am balgam às do bheul."

Uill, 's ann mar seothach a bha. Dh'fhalbh an Eachlair Amhlair. Agus bha ise timcheall, a' bhan-righinn, agus nuair a chunnaic i an rìgh an seo a' tighinn rinn i mar a dh'iarr an Eachlair Amhlair. Chaidh i dhan leabaidh, agus nuair a thàinig esan cha robh duine roimhe, agus thòisich e air siubhal an taighe, 's chaidh e dhan rùm aicese feuch an ann a bha i. Agus nuair a chaidh e suas dhan bhedroom aice chuir i a-mach am balgam às... dhen fhìon dearg às a beul. Agus:

"Och, och, mo chreach," ars esan. "Loisg sin mise reimhid," ars esan. "'S fheàrr dhòmhsa," ars esan, "a dhol," ars esan, "far a bheil fear-sgil," ars esan.

"Ò cha leig thu leas," ars ise, "a dhol far a bheil fear-sgil sam bith," ars ise. "Nì thu fhèin," ars ise, "mo sgil-sa," ars ise.

"Gu dè seo?" ars esan.

"Nach eil," ars ise, "gille agadsa," ars ise, "ann an grianan àlainn an aona chraoibh," ars ise, "far am faic e a h-uile duine 's far nach fhaic duine e, agus boireannach," ars ise "a' toirt an aire dha, a' dèanamh feum ban-sgoileir dha?"

"Ò tha sin ceart," ars esan. "Ach," ars esan...

"Agus," ars ise, "bheir thu dhachaigh," ars ise, "an gille ann a sheo," ars ise, "agus bidh mise cheart cho measail air agus a tha mi air mo mhac fhìn," ars ise.

"Ò an-tà," ars esan, "nì mise sin," ars esan, "ach beannachd dhutsa," ars esan, "agus mollachd do bheul d' ionnsaiche. Bheir mise dhachaigh an gille a-màireach," ars esan.

Uill, 's e seo an rud a rinn e. Dh'fhalbh e làrna-mhàireach dhan bheinn-sheilg, 's chaidh e dhan... nuair a bha e a' tighinn thadhail e anns a' ghrianan àlainn a bha seothach, agus thug e leis an gille, agus thug e dhachaigh e.

Uill, thàinig iad dhachaigh 's bha... ghabhadh ron a' ghille math gu leòr aice, 's bha iad gu dòigheil ann a shin, 's bha iad a' dol treis mar sineach. 'S bhiodh an gille a' falbh còmhla ri athair. Bha e air fàs na chnapach mòr, 's bhiodh e a' falbh dhan bheinn-sheilg còmhla ris.

Agus bhiodh am fear beag a bh' ann a sheothach, am fear a bh' aige bhon bhean mu dheireadh a phòs e, bhiodh e a' falbh na choinneamh, agus bhiodh an gille seo, mac an rìgh eile, bhiodh e a' togail an fhir bhig agus ga chur air a ghualainn 's e a' tighinn, ga thoirt dhachaigh air a mhuin. Agus bha meas uabhasach aig an fhear bheag air a' ghille seo, air an fhear seo, agus cha dealaicheadh e ris fhad 's a bhiodh e a-staigh.

Ach co-dhiù, latha dhe na lathaichean, bha iad anns a' bheinn-sheilg, agus cò thàinig ach ise, an Eachlair Amhlair.

"Seadh," ars ise. "Thug e dhachaigh an gille," ars ise.

"Ò thug," ars ise.

"Seadh," ars ise, "dè mar a tha thu fhèin 's an gille," ars ise, "a' faighinn air aghaidh?"

"Ò chan eil sìon agamsa air," ars ise, "mu dheidhinn a' ghille," ars ise, "ach nach do rug mi e," ars ise. "Tha e cho measail agam," ars ise, "ri mo mhac fhìn," ars ise.

"Ho-o," ars ise, "'s tusa tha gòrach," ars ise. "Bu bheag do chuid-sa dhen àite a tha seo," ars ise, "nuair a bhàsaicheadh an rìgh," ars ise.

"Ò," ars ise, "ged bu bheag," ars ise, "dè rud a tha mise a' dol a dhèanamh ris?"

"Ò," ars ise, "'s fhurasta dhut rudeigin a dhèanamh," ars ise, "ma thogras tu fhèin."

"Ò," ars ise, "dè rud a tha mi a' dol a dhèanamh?"

"Uill," ars ise, "nach bi thu," ars ise... "bidh thu a' toirt dhaibh deoch daonnan," ars ise, "nuair a thig iad dhachaigh."

"Bidh," ars ise.

Agus:

"Cuir thusa," ars ise, "stuff anns an deoch dha," ars ise, "a phuinnseanaicheas e," ars ise, "agus cha bhi fhios aig duine sam bith," ars ise, "dè dh'èirich dha," ars ise.

Agus cò bha gan... gan cluinntinn ach am fear beag, agus cha do leig e dad air. Ach co-dhiù seothach, nuair a... feasgar sin nuair a thàinig iad...

Dh'fhalbh an Eachlair Amhlair, tharraing i air falbh. Agus nuair a thàinig bha... thàinig iadsan feasgar thachair am fear beag riutha mar a b' àbhaist dha. Bhiodh e a' tachairt riutha air an rathad, an coinneamh a' ghille eile. Agus thàinig iad dhachaigh, agus nuair a thàinig iad dhachaigh an seothach, bha dà ghlainne air a' bhòrd, a' feitheamh orra, ge bith gu dè an stuff a bh' annta, cha chuala mise e. Ach bha a' ghlainne aigesan air a cur air leth. Agus thugadh dha air leth i. Agus bha am fear beag a' dol mu chuairt agus caman aige, agus nuair a bha esan a' dol a chur a' ghlainne air a bheul thàinig e mu chuairt leis a' chaman agus bhuail e a' ghlainne agus dhòirt... leag e a' ghlainne 's dhòirt e i. Agus ò, thug a mhàthair ratal air a chàineadh, 's ò chaidh esan às a leth sa mhionaid. Cha robh a chridhe aice sìon a dhèanamh air.

Ach 's ann mar seo a bha. Dh'fhalbh iad an làrna-mhàireach. Agus làrna-mhàireach cò thàinig ach an Eachlair Amhlair air ais.

"Seadh," ars ise, "dè mar a chaidh dhut a-raoir?"

"Ò," ars ise, "dè mar," ars ise, "cha deachaidh," ars ise, "ach an t-iutharnach a bha sin," ars ise, "chuir e," ars ise, "a' ghlainne bho bheul," ars ise, "leis a' chaman," ars ise.

"'S carson," ars ise, "nach do chuir thusa," ars ise, "am fear sin," ars ise, "far nach fhaigheadh e grèim air?"

Agus... coma leat co-dhiù seothach, an oidhche sin nuair a thàinig iad agus... fhuair e seothach an oidhche sin a' ghlainne a chaitheamh bho bheul a' ghille eile a-rithist. Agus thuirt e ris an làrna-mhàireach:

"Nist," ars esan, "na òl deur dhen t-saoghal," ars esan, "dhe na glainneachan a gheibh thu siud," ars esan. "Tha mise ga iarraidh ort," ars esan.

Agus:

"Ò chan... chan òl," ars esan.

Agus 's ann mar seothach a bha co-dhiù. Uill, shàbhail e air a sineach. Chumadh an uair sin a-staigh e, agus 's ann a chuir... chuireadh a bhuachailleachd e. Agus bhiodh e daonnan a' buachailleachd, agus cha robh e a' faighinn do sgoil no sìon dhen t-saoghal no a dh'àite sam bith eile.

Agus bha e latha dhe na lathaichean agus bha e a' buachailleachd agus thug e an aire do tharbh a' tighinn air tòir nam beothaichean. Agus ghabh an tarbh a-nall agus chaidh e timcheall nam beothaichean, agus ghabh e a-nall far an robh esan, agus rinn esan airson teicheadh. Thuirt an tarbh ris:

"Na teich idir," ars esan. "A-màireach," ars esan, "thèid thusa," ars esan, "a dh'àite sam bith a thogras tu," ars esan, "agus," ars esan, "buachaillichidh mise dhut na beothaichean. Theirig dhan sgoil," ars esan, "agus buachaillichidh mise dhut na beothaichean," ars esan, "agus chan èirich beud dhaibh gus an tig thu. Agus bheir leat do leabhraichean agus thig ann a sheo sa mhadainn," ars esan.

'S ann mar seothach a bha. Rinn an gille sin. Agus thug e leis a leabhraichean agus chaidh e chun nam beothaichean. Agus nuair a chaidh e chun nam beothaichean bha an tarbh ann roimhe, agus dh'fhalbh e an uair sin. Thuirt e ris gum faod...

"Faodaidh tu a-nist," ars esan, "falbh dhan sgoil," ars esan.

'S e seo an rud a rinn an gille. Dh'fhalbh e dhan sgoil. Ach cha robh e fada co-dhiù a' dol dhan sgoil nuair a fhuaradh a-mach air e, gun robh e anns an sgoil. Agus chuireadh watch an seothach air... air an stoc feuch cò bha a' buachailleachd air a shon. Agus chunnacas an seothach gur e an tarbh a bha a' sìor thilleadh nam beothaichean nuair a rachadh iad do dh'àite ceàrr sam bith, gur e a bha a' dol romhpa 's gan tilleadh taobh eile.

Agus 's ann a rinneadh an seothach airson an tarbh a mharbhadh, cur às dha. Agus thuirt... an latha a bha seothach thuirt e ris... thuirt an tarbh ris:

"Nist," ars esan, "tha iad air faighinn a-mach mu mo dheidhinn-sa," ars esan, "agus," ars esan, "tha... tha iad a' dol ga... a' tighinn... tha iad airson mo mharbhadh," ars esan. "Ach," ars esan, tha iad a-mà-... bidh iad a-màireach," ars esan, "às mo dhèidh-sa," ars esan, "agus cròthaidh iad mi," ars esan, "'s bidh iad a' feuchainn ri mo chur a-staigh," ars esan, "dhan st-... dhan... dhan t-sabhal," ars esan, "airson mo mharbhadh," ars esan. "Ach," ars esan, "feuch thusa," ars esan, "nam faigh thusa," ars esan, "grèim faisg ormsa," ars esan, "agus ma gheibh thu grèim air adhairc ormsa, air bun adhairc ormsa," ars esan, "cùm do ghrèim," ars esan, "'s cha diofar dhut."

Agus co-dhiù...

"Agus," ars esan, "thig," ars esan, "do mhuime a-mach," ars esan, "a choimhead," ars esan, "an euchd a tha thu air a dhèanamh," ars esan. "Ach ma thig i a-mach," ars esan, "cha tèid i a-staigh," ars esan, "cho math 's a thàinig i a-mach," ars esan.

Uill, 's ann mar seothach a bha. Chuireadh brath anns gach àite, 's chruinnich daoine 's chruinnich coin 's a h-uile seòrsa, 's thòisicheadh air cròthadh an tairbh. Thòisicheadh air a chròthadh 's timcheall nan taighean, an steading a bh' aca. Agus dh'fhalbh esan agus uair dhe na h-uairean 's e a' dol seachad air, rinn an tarbh car air a shocair, agus thug esan cruinn-leum agus rug e air bun adhairc air. Agus chùm e grèim air, agus chuir... chaidh brath a-staigh an seothach thuicese gu... i a thighinn a-mach 's gum faiceadh i an t-euchd a bha an gille a bha seothach air a dhèanamh am measg na bh' ann de dhaoine, agus gum b' e an call rud sam bith a bhith ga dhèanamh ceàrr air.

Agus anns an àm a bha an tarbh a' dol timcheall an rathad eile, agus nuair thàinig ise far oisinn an àite a bh' ann co-dhiù, bha an tarbh a' tighinn dìreach timcheall a cheann aige, agus, dìreach anns an tighinn seachad, dìreach, chuir e adhairc dìreach anns a' chorp aice, dìreach, 's chaith e seachad air a ghualainn i. 'S dh'fhalbh e an uair sin 's thug e... thug e am monadh air.

Agus bha iad a' falbh sa mhonadh gus an d' fhuair iad clìoras na daoine 's na coin 's a h-uile sìon a bha às an dèidh. Thuirt an tarbh ris an uair sin:

"Faodaidh tu a-nist mise... mise a leigeil às," ars esan.

Agus rinn e sin. Leig e às e. Agus bha iad a' dol air aghaidh, agus thuirt e ris an uair sin:

"Nist," ars esan, "marbhaidh tu mise," ars esan.

"Ò cha mharbh," ars an gille, ars esan, "mise thu air na chunnaic mi riamh," ars esan. "Ge bith gu dè rud a nì mi cha mharbh mi thu."

"Uill, marbhaidh," ars esan. "Cha bhi thu... chan eil mise gu sìon a dh'fheum dhut tuilleadh," ars esan. "Ach," ars esan, "ma mharbhas tu mi," ars esan, "nì mi feum dhut gu bràth," ars esan. "Agus," ars esan, "bidh thu glè mhath air mo shàillibh fhathast," ars esan.

Ò cha robh an gille a-muigh no a-mach airson a mharbhadh. Ach laigh an tarbh air a seothach oir 's gum feumadh e a mharbhadh.

"Agus," ars esan, "nuair a mharbhas tu mise," ars esan, "feuch am broilean agam," ars esan, "agus gheibh thu," ars esan, "rud mar gum biodh feadan ann a shin," ars esan. "Agus," ars esan, "glèidh sin, agus uair sam bith a bhios tu nad èiginn," ars esan, "ge bith cò bhios," ars esan, "gad... a' dèanamh sìon sam bith ceàrr," ars esan, "tilg am feadan thuige," ars esan, "agus bidh mise na àite."

Uill, 's ann mar seothach a bha. Dh'fhalbh an gille, agus ged a bha e ga mharbhadh, bha e a' caoineadh a' marbhadh an tairbh. Ach mharbh e e co-dhiù, 's thug e às am broilean 's dh'fheuch e e 's fhuair e am feadan mar a thuirt e.

Uill, dh'fhalbh e an uair sin, agus thuig e... thuig e aige fhèin nach ruigeadh e leas aghaidh a thoirt air taigh athar. Ach chùm e roimhe co-dhiù, 's bha e a' falbh fad na h-oidhche. Agus anns a' mhadainn thàinig e gu baile. Agus chùm e air a' bhaile sineach, agus thàinig e a-staigh gu taigh iomallach a bh' ann. Agus chaidh e chun an dorais agus bhuail e an doras. Agus bha boireannach ann a shin. Thàinig i chun an dorais agus dh'fhosgail i an doras dha. Agus dh'fhaighneachd i cò às a thàinig e, 's thuirt e gun tàinig e pìos math a dh'astar. Agus dè... dè bha fa-near dha, 's thuirt e gun robh e ag iarraidh obair.

"An-tà, gu dearbh," ars ise, "slàn na dè fhèin orm fhìn," ars ise. "An seirbheiseach a bh' agam," ars ise, "am buachaille a bh' agam airson nan gobhar," ars ise, "dh'fhalbh e bhuam an-dè," ars ise, "agus cha d' fhuair mi teansa," ars ise, "air duine fhaighinn fhathast," ars ise. "Agus gu dearbh," ars ise, "bhithinn glè thoilichte," ars ise, "nan gabhadh tu an obair bhuam," ars ise, "gu... gun dèanadh tu buachaille airson nan gobhar," ars ise.

"Ò," ars esan, "glè cheart," ars esan. "Nì mise sin," ars esan.

Uill, 's ann mar seothach a bha. Thug a' chailleach a-staigh e, 's thug i dha biadh 's a h-uile chur air dòigh. Agus:

"Gabhaidh tu," ars ise, "rest an-diugh," ars ise, "ann a sheo," ars ise. "Tha thu air tighinn astar fada," ars ise, "agus gabhaidh tu rest ann a sheo an-diugh," ars ise. "Agus a-màireach," ars ise, "falbhaidh tu leis na gobhair," ars ise. "Agus tha iad ann," ars ise, "dà fhichead ghobhar," ars ise.

Agus 's ann mar seothach a bha co-dhiù. Làrna-mhàireach rinn e deiseil airson falbh leis na gobhair. Agus:

"Nist," ars ise, "ge bith cà... tha trì fuamhairean," ars ise, "air an rathad an sin agus am màthair," ars ise. "Agus," ars ise, "air na chunna tu riamh," ars ise, "aig do dhaoine," ars ise, "na teirig faisge an àite aca," ars ise. "Ge bith cà 'm bi thu," ars ise, "leis na gobhair," ars ise, "na teirig faisge an àite," ars ise, "aca co-dhiù," ars ise, "no bidh thu fhèin 's na gobhair a dhìth," ars ise. "Tha mise," ars ise, "air gu leòr a chall dhiubh," ars ise, "o chionn ùine a-nist," ars ise, "aon trì fichead gobhar eile," ars ise, "air a chall," ars ise, "ge bith cà robh," ars ise, "am buachaille a bh' agam," ars ise, "cà robh e gan call."

"Ò cha tèid gu dearbh," ars esan, "mise ann," ars esan, "ge bith gu dè... far an tèid mise, cha tèid mi an comhair nan daoine-uaisle a tha sin," ars esan.

Ach co-dhiù dh'fhalbh e, agus bha e a' dràibheadh roimhe na gobhair agus chùm e air aghaidh. Agus thug e seothach an aire do... dhan àite a bha seothach air ùrlar a' ghlinne a bha seo, agus gàrradh mòr brèagha air a beulaibh, pìos a-bhos bhon taigh, agus craobh anns a' mheadhan aige. Agus dh'fhalbh e agus ghabh e chun a' ghàrraidh. Ràinig e an gàrradh 's ghabh e chun a' ghàrraidh agus chuir e a dhruim ris a' ghàrradh agus leag e beàrn ann, agus chuir e a-staigh na gobhair ann. Agus dh'fhalbh e fhèin agus chaidh e gu ruige mullach na craoibhe. Dhìrich e anns a' chraoibh, agus thòisich e ri seinn an fheadain a bha seothach.

Ach cha robh e fad an sin co-dhiù nuair a chualas:

"Air fith fath fuathagaich air barraibh an albhagaich, 's fhada bha mo chorp air feadh ga meirgeadh 's toll a' feitheamh air grèim dhe d' fheòil 's balgam dhe d' fhuil, a mhic an Albannaich."

Agus:

"An-tà, dà thrian dhen eagal ort fhèin," ars esan, "agus trian ormsa. Chan eil fhios a'm," ars esan, "carson a bhiodh an trian sin fhèin orm," ars esan.

Agus:

"Bheir mise ort," ars esan, "nuair a ruigeas mise thu," ars esan, "nach bi agad ach gigean air gach goigean dhìot," ars esan.

Agus thàinig e a-nuas, agus bha an talamh a' dol air chrith leis na ceumannan a bh' aige a' tighinn. Agus:

"Thig a-nuas," ars esan...

Nuair a ràinig e a' chraobh an sineach thuirt e ris:

"Thig a-nuas às a sin gu h-ealamh."

"Seo," ars esan, "beir air... beir air seo bhuam," ars esan.

"Tilg orm e," ars am fuamhaire.

Thilg e sìos am feadan thuige, 's bha an t-òganach a bha sin air a bheulaibh. Am bad a chèile a ghabh an dithis aca. Agus far bu bhuige a rachadh iad fodha, rachadh iad fodha gu 'n glùin agus far bu [???] a rachadh iad fodha rachadh iad fodha gu 'n sùilean. Agus thòisich a' charachd. Agus nuair a bha am feadan seachd sgìth a' carachd ris, bhac e bhuaithe 's leum e na tharbh 's chuir e adhairc anns a' mhionach aige 's bhuail e ri talamh e.

"Am bàs os do chionn, a bhèist," ars esan, "gu dè d' èirig?" ars esan.

"Ò 's iomadh rud sin," ars am fuamhaire, ars esan, "ach chan eil sìon a th' agam," ars esan, "nach fhaigh thu," ars esan, "ach leig leam mo bheatha," ars esan.

"Dè," ars esan, "na bheil agad?"

"Tha," ars esan, "a h-uile seòrsa agam," ars esan, "as urrainn duine ainmeachadh," ars esan. "Tha," ars esan, "tha fàlairidh agam," ars esan, "nach do... nach do mharcaich duine riamh a leithid," ars esan. "'S tha... tha de dheiseachan agam," ars esan, "dhe gach seòrsa," ars esan, "nach... nach b' urrainn duine sam bith," ars esan, "cur air na b' fheàrr," ars esan. "Tha," ars esan, "de dh'òr 's de dh'airgead agam, rud," ars esan, "nach tèid agam air a chunntais. Agus tha... tha sgàthan agam," ars esan, "'s tha cìr agam," ars esan, "'s nuair a chìreas mi mo cheann 's a sheallas mi anns an sgàthan," ars esan, "bidh fiamh an òir far an dàrna taobh dhe mo cheann agus fiamh an airgid far an taoibh eile," ars esan. "Agus gheibh thusa," ars esan, "a h-uile sìon dheth sin," ars esan, "ach leig leamsa mo bheatha," ars esan.

"Thalla," ars an tarbh, ars esan. "Bidh sin agam agus do bheatha," ars esan.

Agus thugadh an ath fhùcadh dha agus chuireadh crìoch air an fhuamhaire.

"Seo a-nist," ars an tarbh, ars esan, "thig a-nuas à sin," ars esan, "agus thalla agus gabh sealbh anns an siud," ars esan. "Agus dreasaig thu fhèin agus gabh do chuairtean," ars esan, "agus cha diofar dha na gobhair far a bheil iad," ars esan, "gus an tig thu."

Uill, 's ann mar seothach a rinn mac an rìgh. Thàinig e a-nuas agus ghabh e sìos gu pàileas an fhuamhaire agus thòisicheadh air coimhead air a feadh, agus dhreasaig e e fhèin suas. Chuireadh deise àlainn a bh' air ann a shineach de... a bha car ga fhiotadh, agus chìr e e fhèin leis a' chìr, agus sheall e san sgàthan, 's nigh e e fhèin 's sheall e anns an sgàthan. 'S bha e mar a thuirt am fuamhaire. Bha... shaoileadh tu gun robh fiamh an òir far an dàrna taobh agus fiamh an airgid far an taoibh eile.

Dh'fhalbh e an uair sin agus ghabh e san stàball 's thugadh a-mach an fhàlairidh, agus chìreadh le calg 's an aghaidh a cuilg i, agus thugadh dhi botal fìon 's buileann cruithneachd, 's leumadh anns an dìollaid, 's dh'fhalbh e.

Agus mar a chaidh e rathad gach àite chaidh e rathad a' bhaile a bh' aca fhèin, agus am baile anns an robh e aig a' chaillich na sheirbheiseach.

Agus bha diùc ann a shineach agus bha nighean aige. Agus mar a chaidh e rathad gach àite chaidh e rathad... cuairt air a sineach, agus chan fhaca duine riamh a leithid seothach a mharcaiche air feadh an àite idir - an fhàlairidh a bh' aige agus a h-uile seòrsa agus mar cho... cho snog 's a bha e fhèin. Agus 's ann a thuit an nighean a bha seothach ann an trom ghaol air an duine, ged nach do rinn i ach sealladh dheth fhaicinn.

Agus chuir esan cuairt a bha sineach co-dhiù. Dh'fhalbh e 's thill e air ais, 's chuir e a-staigh an fhàlairidh 's chuir e... ghabh e aig a h-uile sìon, 's ghlas e suas a' phàileas. Agus thàinig e an uair sin dhan ghàrradh agus thòisich e air cruinneachadh nan gobhar thall 's a-bhos air feadh an àite a bh' ann, agus bha fichead eile aige a bharrachd. Agus dh'fhalbh e dhachaigh leis... chun na caillich, agus bha beul na h-oidhche ann mun do ràinig e.

"Ò Dhia," ars a' chailleach, ars ise, "nach tu bha fada gun tighinn."

"Ò 's mi," ars esan. "Bha mi," ars esan, "air feadh nan [?gaireachadh] a bha shuas an siudach o mhochthrath," ars esan, "agus tha mi air dubh-thoirt fairis ann," ars esan. "Agus," ars esan, "tha..."

"Am faca thu... tha mi 'n dòchas an Dia," ars ise, "tha na gobhair agad sgràthail buidheach," ars ise, "tha mi 'n dòchas, a Dhia," ars ise, "nach robh thu rathad àite an fhuamhaire leotha."

"Ò Dhia," ars esan, "'s mise, Dhia, nach robh sin," ars esan. "Agus bu teann orm e," ars esan, "[???] chan fhaca mise am fuamhaire," ars esan, "no rud eile," ars esan.

"An-tà," ars ise, "'s fheàrr dhut thu fhèin a nighe 's a ghlanadh," ars ise. "Tha," ars ise... "bha òganach an seothach," ars ise, "air feadh a' bhaile seothach an-diugh," ars ise, "'s chan fhacas riamh a leithid ann," ars ise, "de dhuine cho eireachdail ris," ars ise, "agus dhen bheothach a bha foidhe," ars ise, "a cheart cho brèagha ris," ars ise. "Agus," ars ise, "tha nighean òg aig an diùc a tha seothach suas an-diugh," ars ise, "'s tha cruinneachadh mòr gus a bhith aice a-nochd," ars ise, "a h-uile duine a tha san àite ga chruinneachadh gu pàrtaidh, feuch am faic i coltas an òganaich a chunnaic i an-diugh. Agus 's fheàrr dhut," ars ise, "thu fhèin a chur air dòigh 's a ghlanadh 's a dhol ann."

"An-tà," ars esan, "'s ise a bhios treis mar sin," ars esan. "Tha mise seachd sgìth mar a tha mi," ars esan, "ged nach rachainn an sin," ars esan.

Agus dh'fhalbh e agus thug e an leabaidh air.

Ach co-dhiù seothach, dh'èirich e an làrna-mhàireach 's rinn e deiseil, 's fhuair e a bhiadh, 's rinn e deiseil airson falbh leis na gobhair 's dh'fhalbh e.

Agus ràinig e an-diugh a-nist am fuamhaire aig an robh e an-dè, agus chùm e seachad air agus... gus an do ràinig e an dàrna fear. Agus nuair a ràinig e an dàrna fear, rinn e mar a rinn e an-dè. Chaidh e chun a' ghàrraidh agus leagadh beàrn anns a' ghàrradh 's chàireadh a-staigh na gobhair.

Agus dh'fhalbh e fhèin agus chaidh e dhan chraoibh, mar a rinn e an... aig an fhuamhaire eile, agus thòisich e ri seinn an fheadain. Agus cha robh e fad an sin co-dhiù nuair a chualas shìos:

"Air fith, fath, fuathagaich air barraibh an albhagaich, 's fhada bha mo chorp air feadh ga meirgeadh 's toll a' feitheamh air grèim dhe d' fheòil 's balgam dhe d' fhuil, a mhic an Albannaich."

Agus:

"An-tà, dà thrian dhe d' eagal ort fhèin," ars esan, "agus trian ormsa, agus chan eil fhios a'm carson a bhiodh an trian sin fhèin orm," ars esan.

"Bheir mise ort," ars esan, "nuair a ruigeas mise thu," ars esan, "nach bi agad ach gigean air gach goigean," ars esan.

Agus ghabh e a-nuas an seothach chun na craoibhe. Agus ma bha am fuamhaire an-dè, ma bha e calma, bha am fear seo na bu chalma na e. Ach co-dhiù seothach, ràinig e faisg air a' chraoibh 's dh'èigh e:

"Thig a-nuas à sin gu h-ealamh," ars esan, "agus bheir mise ort," ars esan, "nach tig thu a-staigh tro mo ghàrradh-sa," ars esan, "ach na thàinig."

Agus:

"Seo," ars esan, "beir air seo dhomh," ars esan.

"Tilg orm e," ars am fuamhaire.

Thilg e sìos am feadan chun an fhuamhaire, 's bha an t-òganach air a bheulaibh. Thòisich a' charachd, 's cha robh iad fada a' carachd co-dhiù nuair a - bha am fear seo gu math na bu treasa - nuair a leum esan air ais, agus leum e na tharbh, agus ghabhadh chun an fhuamhaire agus chuireadh ri talamh e. Chuireadh adhairc anns a' chorp aige agus bhuaileadh ris an talamh e. Agus:

"Am bàs os do chionn, a bhèist," ars esan, "gu dè d' èirig?"

"Ò," ars esan, "'s iomadh rud sin a th' agam," ars esan, "ach," ars esan, "chan eil sìon a th' agam," ars esan, "nach fhaigh thusa," ars esan, "ach leig leamsa mo bheatha," ars esan.

Agus 's ann mar seothach a bha co-...

"Ò," ars... ars esan, "gu dè," ars esan, "na bheil agad?" ars esan.

"Ò tha a h-uile seòrsa," ars esan, "a b' urrainn duine iarraidh," ars esan, "agam," ars esan. "Tha de dh'òr 's de dh'airgead agam," ars esan, "nach eil fhios a'm gu dè dhèanainn ris," ars esan. "Agus," ars esan, "tha," ars esan, "a h-uile seòrsa de dh'aodach 's a h-uile sìon a dh'fheumas tu agam," ars esan. "Agus tha sgàthan agam," ars esan, "anns am faic mi," ars esan, "nuair a chìreas mi mi fhìn," ars esan. "le cìr a th' agam," ars esan, "agus a sheallas mi anns an sgàthan," ars esan, "chì mi," ars esan, fiamh an òir far an dàrna taobh dhe m' aodann agus fiamh an airgid far an taoibh eile dheth," ars esan. "Agus gheibh thu," ars esan, "a h-uile sìon a th' ann," ars esan, "ach leig leam mo bheatha," ars esan.

"Thalla," ars an tarbh, ars esan, "bidh sin agam agus do bheatha."

Agus chuireadh crìoch air an fhuamhaire.

Agus nuair a chuireadh crìoch air an fhuamhaire co-dhiù, thuirt e ris-san an uair sin:

"Thig a-nist a-nuas às a sineach," ars esan, "agus thalla agus gabh... gabh sìos," ars esan, "agus gabh charge," ars esan, "anns a h-uile sìon a tha siud," ars esan.

Agus...

[Stad sa chlàradh an seo agus an teip air teireachdainn.]

"Thig a-nist a-nuas agus gabh charge anns a h-uile sìon a tha siudach."

Agus dh'fhalbh an tarbh às a shealladh, agus thàinig an gi-... thàinig esan an uair sin, mac an rìgh, thàinig e a-nuas, agus chaidh e sìos gu pàileas an fhuamhaire. Agus ma bha a' phàileas a bha an-dè ann math 's ann a bha math i seo.

Agus sgioblaich e 's ghlan e e fhèin 's chuir e e fhèin air dòigh 's thriomaig e e fhèin suas leis a h-uile sìon agus fhuair e deiseil agus thugadh a-mach an fhàlairidh a bh' aig an fhuamhaire, agus dh'fhalbh e air chuairt leatha.

Agus nuair a dh'fhalbh e seothach, nuair... ma... chaidh e timcheall an àite far an robh e fhèin ag obair, agus chaidh e timcheall taigh an diùc a bh' ann a sheothach. Agus ma chunnaic i seothach an-diugh e 's ann a bha... 's ann a bha an duine an seo an-diugh. Agus cha robh ach co-dhiù nuair a chuir esan a chuairtean 's a bha an t-àm aige tilleadh sìos airson falbh leis... na gobhair a thoirt dhachaigh, thill e air ais, agus chuir e a-staigh an fhàlairidh agus ghabh e aig a h-uile sìon agus ghlas e suas an t-àite.

Agus dh'fhalbh e leis na gobhair an uair sin, agus bha fichead eile aige a bharrachd a' falbh an-diugh, agus bha ceithir fichead aige an uair sin. Agus chùm e air agus bha beul na h-oidhche ann mun do ràinig e taigh na caillich far an robh e ag obair. Agus:

"Ò dhuine, dhuine," ars ise, "tha... tha barail mhath agam," ars ise, "gu bheil thu," ars ise, "a' dol a rathad," ars ise, "nam fuamhairean," ars ise. "Cò as," ars esan... ars ise, "a tha thu a' toirt nan gobhar a tha seo?" ars ise.

"Tha mi," ars esan, "gam faighinn air feadh na beinne ann an creagan," ars esan, "'s ann an sgarbaichean," ars esan, "'s ann am figeanan an siud 's an seo," ars esan. "Sin far a bheil mi gam faighinn," ars esan.

"Ò seadh. Tha iad sgràthail buidheach agad," ars ise. "Feumaidh mise," ars ise, "a dhol," ars ise, "far a bheil an saor," ars ise, "airson tuilleadh chuman a dhèanamh," ars ise, "airson a' bhainne aca."

"Ò chan eil sin gu diofar leamsa," ars esan. "Chan eil mise ach a' dèanamh mo... mo dhiùtaidh," ars esan. "Tha mise a' falbh leotha ann a shiud," ars esan, "'s tha mi a' siubhal 's tha mi gan cur anns a h-uile feur as fheàrr na chèile a gheibh mi," ars esan. "Agus," ars esan, "far am faic mi gobhar," ars esan, "tha mi ga toirt leam 's ga cur a-staigh dhan dròbh."

Ò cha robh air seothach ach seo fhèin.

"Siuthad ma-tha," ars ise, "gabh do bhiadh," ars ise, "agus nigh 's glan thu fhèin," ars ise, "agus thèid thu a-nochd," ars ise, "chun a' chruinneachaidh a tha siud co-dhiù," ars ise.

"Dè an cruinneachadh a tha sin?" ars esan.

"Ò tha," ars ise, "nighean an diùc," ars ise, "bha... chunnaic i fear an-diugh," ars ise, "a' dol seachad an seo, 's chunna sinn uile e," ars ise, "'s b' e sin an duine," ars ise, "agus a' bhrùid a bha foidhe," ars ise. "Agus tha an ath chruinneachadh gus a bhith aice a-nochd," ars ise, "feuch am faic i aon sealladh eile dheth," ars ise, "no a bheil e idir anns an àite," ars ise, "no gu dè seòrsa duine a th' ann."

"An-tà," ars esan, "'s esan... 's ise a bhios treis," ars esan, "mun tèid mise ann," ars esan. "Tha mi seachd ochd sgìth o mhochthrath," ars ise, "a' dì-... a' dìreadh chreagan 's ghlinn 's bhotaichean," ars esan, "aig... a' ruith ghobhar," ars esan, "'s a' cruinneachadh ghobhar," ars esan, "agus chan eil mi a' dol a dh-... a leithid sin a dh'àite a-nochd," ars esan. "Tha mi a' dol dhan leabaidh."

'S e seo an rud a rinn e co-dhiù. Nuair a fhuair e air dòigh 's a fhuair e a shuipear 's a h-uile sìon air dòigh, dh'fhalbh e 's thug e an leabaidh air. Dh'èirich e an làrna-mhàireach, agus dh'fhalbh e leis na gobhair nuair a fhuair e air dòigh, a fhuair e a bhracaist 's a h-uile sìon. Agus chùm e roimhe.

Agus bha e a-nist a' falbh 's ràinig e an t-àite... ràinig e gàrradh a' chiad fhuamhaire, agus ghabh e seachad air. Agus ràinig e seo an gàrradh aig an dàrna fear, agus ghabh e seachad air. Agus ràinig e an treas fear. Agus dh'fhalbh e agus nuair a ràinig e an gàrradh aige, chaidh e chun a' ghàrraidh, agus chuir e a dhruim ris a' ghàrradh agus leagadh beàrn anns a' ghàrradh agus chuireadh a-staigh na gobhair ann.

Agus rinn e mar a b' àbhaist dha. Dh'fhalbh e 's dhìrich... shreap e fhèin gu ruige craobh ann a shineach anns a' ghàrradh agus thòisich e ri seinn an fheadain.

Ach cha robh e fada air sineach, ag obair air sineach, nuair a chualas am fear a bha shìos ag èigheach:

"Air fith fath fuathagaich air barraibh an albhagaich, 's fhada bha mo chorp air feadh ga meirgeadh 's toll a' feitheamh air grèim dhe d' fheòil 's air balgam dhe d' fhuil, a mhic an Albannaich."

"Ò," ars esan, "dà thrian dhe d' eagal ort fhèin," ars esan, "agus trian ormsa," ars esan, "agus chan eil fhios a'm carson a bhiodh an trian sin fhèin orm," ars esan.

"Ò bheir mise ort," ars esan, "nuair a ruigeas mise thu," ars esan, "gum bi gigean air gach goigean dhiotsa," ars esan, "agus nach cuir thu a-staigh do ghobhair nam ghàrradh-sa a-màireach," ars esan.

Agus ghabh e suas agus bha... thòisich an talamh ri dol air chrith fo... fon chraoibh. Agus nuair a ràinig e suas faisg air a' chraoibh, dh'èigh e air:

"Thig a-nuas a-nist gu h-ealamh às a sin," ars esan.

"Nì mi sin," ars esan, "ach beir thusa air seo," ars esan.

"Tilg orm e," ars esan, "ge bith gu dè rud a th' ann."

Thilg e sìos am feadan, agus bha an t-òganach air beulaibh an fhuamhaire. Agus cha robh e fad sam bith a' carachd ris an fhuamhaire sin nuair a thionndaidh e na tharbh. Agus an Dia, bha am fear seo gu math na bu sgairteile na càch. Ach a dh'aindeoin gnothaich co-dhiù fhuair e dìreach adhairc a chur foidhe agus a bhualadh ris an talamh. Agus dhinn e an adhairc gu math anns a' chorp aige an uair sin.

"Am bàs os do chionn, a bhèist," ars esan, "gu dè d' èirig?"

"Ò," ars esan, "'s iomadh rud sin a th' agam," ars esan. "Chan eil sìon a smaointicheas duine air," ars esan, "nach... nach eil agam," ars esan, "eadar òr 's airgead," ars esan, "agus ionntas sam bith eile," ars esan, "dhen a h-uile seòrsa. 'S tha fàlairidh agam," ars esan, "nach do... deach marcaiche riamh ann an dìollaid na b' fheàrr. Agus," ars esan, "gheibh thusa," ars esan, "a h-uile sìon dhiubh sin," ars esan, "ach leig leamsa mo bheatha."

"Thalla," ars an tarbh, ars esan, "bidh sin agam," ars esan, "agus do bheatha còmhla ris."

Agus thugadh an ath fhùcadh dha 's chuireadh crìoch air an fhuamhaire. Agus thuirt an tarbh ris an uair sin:

"Thig a-nist a-nuas," ars esan, "agus gabh charge anns a h-uile sìon a tha sin," ars esan, "agus coimhead às a dhèidh," ars esan.

Agus co-dhiù seothach, dh'fhalbh an tarbh 's bha am feadan roimhesan nuair a thàinig e a-nuas air a' chnoc. Agus cha do rinn esan ach am feadan a thogail leis, agus dh'fhalbh e 's ghabh e sìos chun na pàileis. Agus ma bha a' phàileas a bh' aig càch math 's ann a bha math pàileas an duine seo. Agus cha robh sìon a smaoinicheadh duine nach fhaiceadh e. Agus mar a bha gach sìon ann bha a h-uile... bha a' chìr 's an sgàthan a bha seo aigesan mar a bha aig càch. Nuair a nigheadh e e fhèin 's a chìr... bhiodh e a' cìreadh a chinn, 's nuair a shealladh e anns an sgàthan shaoileadh leis gun robh an dàrna taobh dhe cheann... dhe aodann na òr agus an taobh eile na airgead.

Agus thug e a-mach an fhàlairidh an seo. Dhreasaig e e fhèin suas, agus thugadh a-mach an fhàlairidh an seothach agus chaidh e san dìollaid agus dh'fhalbh e leatha. Agus ma... ghabh e na [?raoghachan] a b' àbhaist dha a ghabhail agus gu h-àraid timcheall taigh an diùc.

Agus bha ise a-muigh air an uinneig 's bha i ga choimhead. Ò, leig i na ràin 's na lasagan aiste sineach. Agus nach bochd nach fhaighte grèim air. 'S cha do rinn esan ach spor a thoirt dhan làir... dhan fhàlairidh, 's cha robh an ath shealladh aice air. Agus dh'fhalbh e 's chùm e air 's chaidh e gu pàileas an fuamhaire a bha seothach, agus chuireadh a-staigh an fhàlairidh 's chìreadh 's dhreasaigeadh 's thugadh botal fìon 's buileann cruithneachd dhi, 's dh'fhàgadh ann a shineach i. Agus ghlas e an uair sin suas a' phàileas 's dh'fhalbh e chun nan gobhar, agus bha fichead eile aige a bharrachd a-nochd a-rithist.

Agus dh'fhalbh e dhachaigh agus thòisich... bha e gan dràibheadh dhachaigh roimhe, agus bha an t-anmoch ann mun do ràinig e; bha e na b' anmoiche a-nochd.

"Ah dhuine, dhuine," ars a' chailleach, ars ise, "chan eil fhios a'm," ars ise, "gu dè idir," ars ise, "an seòrsa duine a th' annad," ars ise, "ach ge bith gu dè mar a tha thu," ars ise, "tha thu math dhòmhsa co-dhiù," ars ise. "Chan eil latha nach eil thu a' toirt fichead gobhar thugam," ars ise, "a bharrachd," ars ise. "Agus tha mo chuid fhìn," ars ise, "gus a bhith agam a-nist," ars ise.

"An-tà," ars esan, "chan ann gun damaiste dhòmhsa," ars esan, "a tha sin."

"Ò chan eil fhios a'm idir," ars ise. "Ach," ars ise, "ge bith gu dè mar a tha thu," ars ise, "tha thu... tha thu," ars ise, "math dhòmhsa ceart gu leòr," ars ise. "Ach tha mi 'n dòchas," ars ise, "a Nì Math," ars ise, "nach... nach eil thu a' dol an comhair," ars ise, "nam fuamhairean."

"Och," ars esan, "nach eil fhios agaibh nam bithinn... rachainn-sa rathad nam fuamhairean nach tiginn-sa an seo."

"Ò tha mi cinnteach," ars ise, "nach tigeadh," ars ise. "Agus tha na gobhair agad," ars ise, "tha iad... tha iad sgràthail buidheach," ars ise, "agus tha iad air a dhol bhuaithe gu bainne," ars ise. "Chan eil rathad... àiteachan agamsa a chumas am bainne aca," ars ise, "agus feumaidh mi tuilleadh measraichean a dhèanamh," ars ise, "airson nan gobhar," ars ise.

"Ò nach fhaod sibhse sin," ars esan.

Agus:

"Ma-thà," ars ise, "faigh deiseil a-nist," ars ise, "agus nigh thu 's dreasaig thu fhèin," ars ise, "'s gabh do bhiadh," ars ise, "agus gum biodh tu a' falbh," ars ise. "Tha cruinneachadh mòr an seo a-nochd a-rithist an siud."

"Ah dhuine, dhuine," ars esan, "an d' fhuair i grèim air an duine sin fhathast idir?" ars esan.

"Ò tha e coltach leam nach d' fhuair," ars ise. "Agus ma bha an duine an-dè... na lathaichean eile brèagha 's ann a bha brèagha an duine an-diugh."

Agus:

"Ò uill," ars esan, "nach ann ann a tha an gnothach tubaisteach," ars esan, "nach b' urrainn dhi," ars esan, "grèim a dhèanamh air."

"Ò tha e coltach leam," ars ise, "nach b' urrainn," ars ise. "Ach," ars ise, "tha a h-uile duine a tha san àite," ars ise, "cruinn aice a-nochd," ars ise, "feuch am faic i e," ars ise, "am measg nan daoine," ars ise.

"'S chan eil i," ars esan, "'ga fhaicinn nam measg?"

"Chan eil," ars ise. "Chan fhaic i sealladh air idir," ars ise, "ach an sealladh a bha i a' faicinn air a' dol seachad air an taigh."

"Ò ma-thà," ars esan, "chan eil mise a' dol dhan a' chonsart a-nochd," ars esan.

Ach coma leat co-dhiù, dh'fhalbh e agus thug an leabaidh air. Agus an làrna-mhàireach dh'èirich e gu math tràth, agus fhuair e deiseil 's fhuair e a bhracaist, agus nuair a fhuair e a bhracaist rinn e deiseil airson falbh, agus dh'fhalbh e an uair sin. Agus ghabh e timcheall nan gobhar agus thug e leis iad.

Ghabh e air falbh co-dhiù 's bha e a' falbh fada, 's ràinig e seothach a' chiad fhuamhaire. Chaidh e seachad air a sin. 'S ràinig e an dàrna fear. Chaidh e seachad air a' ghàrradh aig an fhear sin. Ràinig e an treas fear, fear an-dè. Chaidh e seachad air a' ghàrradh aig an fhear sin, agus ràinig e seothach pàileas eile, agus dh'fhalbh e agus bha gàrradh an sin, de ghàrradh brèagha, agus dh'fhalbh e agus leag e beàrn anns a' ghàrradh, agus chuireadh a-staigh na gobhair ann. Agus chaidh e fhèin gu ruige craobh a bha sin, agus thòisich e ri seinn an fheadain.

Ho-hò. Cha b' fhada gus an cuala e:

"Ho-hò. B' fhurasta aithneachadh gur ann a' seiceineach 's a' suirghe a tha mo chuid mac-sa, nuair a tha thusa air tighinn seachad orra agus air tighinn thugamsa an seothach. Ach bheir mise ort, nuair a ruigeas mise thu, nach bi agad ach na bheir thu gu a chionn agus nach bi dhìotsa ach gigean air gach goigean dhìot."

Agus nochd cailleach mhòr a-nuas an sineach, agus bha fiacail aice, feum... a' dèanamh feum bata dhi, agus bha feum... tè eile aice a' dèanamh an rathaid dhi agus tè eile a' dèanamh solas dhi. Trì fiaclan na claigeann. Agus ghabh i a-nuas, agus b' e sin a' chailleach. Ma bha na fuamhairean calma 's ann a bha calma a' chailleach. Ghabh i a-nuas, agus:

"Thig a-nuas," ars ise, "gu h-ealamh às a sin," ars ise, "agus bheir mise ort," ars ise, "ma chaidh thu seachad orrasan," ars ise, "nach tèid thu seachad ormsa."

Agus:

"Seo ma-thà," ars esan, "beir air seo."

"Tilg orm e," ars ise.

Dh'fhalbh e 's thilg e sìos am feadan, 's bha an tarbh na sheasamh air a beulaibh. Ghabhadh chun na caillich. Thòisich a' charachd, 's thòisich an obair. 'S an Dia, ged a bha na fuamhairean làidir 's ann a bha làidir a' chailleach. Ach bha an tarbh ga chluich, agus uair dhe na h-uaireannan bhuail e ann an tè dhe na fiaclan aice, agus bhrist e i.

"Thalla," ars ise, "tha a' chiad ghaiseadh an siud annamsa," ars ise.

Agus nuair a chuala an tarbh an seothach dh'iarr e... bha e... chun nam fiaclan aice a bha e uile agus mu dheireadh gus an do chuir e aiste na trì. Agus nuair a chuir e aiste sineach bha a' chailleach gun fheum. Cha do rinn e ach adhairc a chàradh sa mhionach aice agus a bualadh ris an talamh. Agus:

"Am bàs os do chionn, a bhèist," ars esan, "gu dè d' èirig?"

"Ho-hò," ars ise. "B' fhurasta aithneachadh," ars ise, "gur e seothach a dh'èirich dha mo chuid mac-sa" ars ise, "mun do ràinig thusa seo," ars ise. "Tha," ars ise, "de dh'èirig agamsa," ars ise, "rud nach tèid agam air innse dhut," ars ise, "dhen a h-uile seòrsa a smaointicheas duine air," ars esan. "Tha a h-uile seòrsa agam," ars ise, "de dh'òr 's de dh'airgead," ars ise.

"Ò ma-thà," ars an tarbh, ars esan, "bidh sin agam," ars esan, "agus do bheatha còmhla ris."

Agus chuireadh crìoch air a' chaillich.

"Nist," ars esan, an tarbh, "thig a-nuas a-nist, agus gabh cùram dhen a h-uile sìon a tha sin. Chan eil an còrr agad dhen t-seat," ars esan, "an seo tuilleadh, dhen t-seòrsa," ars esan, "agus bi a-nist a' gabhail cùram dheth seo," ars esan.

Dh'fhalbh e 's thàinig e a-nuas co-dhiù, 's bha am feadan roimhe air a' chnoc. Agus nuair a thàinig e a-nuas an uair sin dh'fhalbh e sìos agus chaidh e gu taigh na caillich 's... agus shiubhail e a h-uile h-àite 's dh'fhalbh e an uair sin agus thill e agus chaidh e gu taigh... thug e leis an fhàlairidh a bh' aicese, agus chaidh e gu taigh an treas fuamhaire a mharbh e. Agus dhreasaig e e fhèin ann a shineach, agus chìr e e fhèin, agus chuir e e fhèin suas cho topail 's a b' urrainn dha, agus dh'fhalbh e leis an fhàlairidh, agus chaidh e a ghabhail cuairt mar a b' àbhaist. 'S mar a chaidh e timcheall gach àite, chaidh e timcheall taigh an diùc.

Bha ise air an uinneig 's i mar gum biodh i a' coimhead a-mach air a shon, agus chunnaic i e, 's ò, 's ann a bha seothach... 's ann an seothach a bha an duine. Agus ò, cha robh sìon dhen t-saoghal ach...

'S e oidhche Shathairne a thachair a bhith ann. Agus cha robh... co-dhiù seothach bha i a-nist... bha ise a-nist mar gum biodh i air amharas a ghabhail air. Cha robh duine dhe na bha san àite nach robh a' cruinneachadh ach gille na cailliche a bha seo, agus cha robh e a' dol uair sam bith dhan... dhan chruinneachadh a bha ise a' dèanamh.

Agus chaidh esan co-dhiù, nuair a thill e leis an fhàlairidh, chaidh e chun a... chuir e a-staigh an fhàlairidh, 's chuir e a h-uile sìon air dòigh 's ghlas e suas a h-uile sìon. Agus chaidh e an uair sin, ghabh e timcheall na gobhair, agus bha an uair sin na gobhair aige uile, agus dh'fhalbh e dhachaigh leotha, agus ràinig e a' chailleach.

"Ò dhuine, dhuine," ars a' chailleach, ars ise. "Chan eil fhios a'm," ars ise, "dè a chanas mi riut," ars ise.

"Ò," ars esan, "cha chan sìon," ars esan.

"Tha thu," ars ise... "tha na gobhair agamsa a-nist," ars ise, "uile," ars ise, "a chaill am fear eile," ars ise, "ge bith cà 'n d' fhuair thusa iad," ars ise.

"Fhuair," ars esan, "air feadh chreagan 's garbhlaich," ars esan, "air feadh na beinne an siud," ars esan, "gan cur à fideagan thall 's a-bhos," ars esan. "Agus," ars esan, "gu bheil mi air toirt fairis," ars esan.

Agus:

"Siuthad ma-thà," ars ise, "gabh do bhiadh," ars ise, "agus chan eil cruinneachadh... cha chuala mi gabadh," ars ise, "cruinneachadh no sìon a-nochd."

Ach co-dhiù cò thàinig dhan... dha taigh na caillich ach nighean an diùc a bha seo. Agus 's e oidhche Shathairne a bh' ann. Agus bha esan agus bha e a' dol a shioftadh. Agus bha e a' dol... bha e latha a' dol seachad oirre air an taigh, agus bha e cho teth agus bha a' bhroilleach fosgailte, agus thug i an aire dhan... do bhall-dòbhrain a bh' aig a' chìch cheàrr aige ann a sheothach, air an duine a bh' ann. Agus chaidh esan co-dhiù suas dhan rùm agus bha e a' sioftadh an dèis a' bhìdh, agus dè chaidh ise ach a phiobadh air. Agus thug i an aire dha, gun robh am ball-dòbhrain air, agus bho bha... doras... geòbadh air an doras, agus thug i an aire dha, gun robh am ball-dòbhrain air, gur e seo an t-òganach. Agus cha do rinn i ach phut i a-staigh an doras.

"Ò," ars ise, "'s tusa," ars ise, "a cheart òganach," ars ise, "a bha a' toirt mo char asamsa," ars ise.

"An e mise?" ars esan.

"Ò 's tusa a th' ann," ars ise. "Dìreach tusa," ars ise, "agus bha... bha mi dìreach... ghabh mi a' bharail ort," ars ise, "gura tu a bh' ann," ars ise.

Agus:

"Och," ars esan, "cha mhise a bh' ann idir," ars esan.

"Ò 's tu," ars ise. "Agus," ars ise, "chan eil agad ri dhol às," ars ise, "ach feumaidh tu mise a phòsadh," ars ise.

"Ò uill," ars esan, "chan eil fhios a'm dè mu dheidhinn sin," ars esan.

Agus:

"Ò," ars ise, "feumaidh."

Ach 's e seo an rud a bh' ann co-dhiù. Phòs e fhèin agus nighean an diùc a bha seothach. Agus cha robh sìon a dh'fhios aca cò... dè seòrsa duine a bh' ann, gus an do dh'innis e dhi aon latha. Agus thuirt e an uair sin ris an diùc fhèin cuideachd. Thuirt e:

"Feumaidh sinn a-nist a dhol," ars esan, "agus tòiseachadh air tarraing ghnothaichean," ars esan, "dhachaigh," ars esan. "Tha ionntas gu leòr an siud againn," ars esan, "ri tharraing dhachaigh," ars esan.

Agus:

"Gu de," arsa... "an t-ion-... an t-ionntas a tha sin?" arsa... ars an diùc, ars esan.

"Tha," ars esan, "na trì fuamhairean," ars esan, "agus a' chai-... am màthair," ars esan, "a bh' air an rathad an seo," ars esan. "Tha na pàileasan aca agamsa uile," ars esan.

"A bheil?" ars an diùc.

"Ò tha," ars esan.

Ò cha robh an uair sin ach fhuaradh na caraidsean 's dhen h-uile seòrsa, caraids, ge bith gu dè na caraidsean a bh' ann an uair sin. 'S dh'fhalbhadh agus thairngeadh air àite, agus thog e an uair sin pàileas dha fhèin agus dhan bhean.

Agus dh'fhàg mise e fhèin 's a' bhean anns a' phàileis, ach cha chuala mi riamh gun deach e a choimhead athair no duine eile dhen t-seòrsa a bhuineadh dha. Agus sin mar a chuala mise an sgeulachd aig an duine sin.

Aonghas Iain Dòmhnallach (AI): Ò uill, tha sin dìreach math dha-rìribh. Agus cò aige a chuala sibh i seo a-nist?

DA: Chuala aig m' athair.

AI: Aig ur n-athair a-rithist.

DA: 'S e.

AI: Agus an cuala sibh duine sam bith eile ag innse seo a bharrachd air ur n-athair?

DA: Cha chuala gu dearbh. Cha chuala mise duine riamh ga h-innse.

AI: 'S chan eil fhios agaibh cà 'n cuala esan i.

DA: Ò chan eil fhios a'm. Cha do... cha do cheasnaich mise e cà 'n cuala e no cò aige a chuala e i no sìon. Cha do cheasnaich.

AI: Agus cuin a dh'innis sibh an stòiridh seo mu dheireadh a-nist?

DA: Ò 's ann aig, a ghràidhein, 's ann aig an Dia tha brath cuin a dh'innis mi air deireadh i. Cha do dh'innis co-dhiù bhon... on chiad chogadh.

AI: Ò uill, uill.

DA: Cha do dh'innis. Tha fhios a'm air a sin.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math