Rannsaich

Cìdh an Fhidheall

Ceann-latha 1972
Àireamh a’ chlàir 50426
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

MOD 1972 GR00020 Reel7

Geàrr-chunntas

Port-à-beul. Tha sèist an òrain a' toirt iomradh air fidheall air bòrd. Anns na rannan tha an t-ùghdar a' bruidhinn air nighean urra mhòir. Chunnaic e i san dùn a' dèanamh sùgradh ri MacLeòid.

Notaichean a' Chlàir

Sung by the winner of the port-à-beul competition at the Royal National Mòd in Inverness, 1972.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Inbhir Nis is Am Bànath

Baile/Àite - Inbhir Nis

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Òran

Cruinneachadh

BBC

Tar-sgrìobhadh

Cìdh 'n fhidheall, far an fhidheall,
Cìdh 'n fhidheall, far an fhidheall,
Cìdh 'n fhidheall, far an fhidheall,
Cuir an fhidheall air a' bhòrd.
Cìdh 'n fhidheall, far an fhidheall,
Cìdh 'n fhidheall, far an fhidheall,
Cìdh 'n fhidheall, far an fhidheall,
Cuir an fhidheall air a' bhòrd.

Nighean bean Thobhtaiche Dubha,
Nighean bean Thobhtaiche Dubha,
Nighean bean Thobhtaiche Dubha,
Agus piuthar Raghnaill Òig.
Nighean bean Thobhtaiche Dubha,
Nighean bean Thobhtaiche Dubha,
Nighean bean Thobhtaiche Dubha,
Agus piuthar Raghnaill Òig.

Nighean urra mhòir thu,
Nighean urra mhòir thu,
Nighean urra mhòir thu,
Agus ogha 'n duine chòir.
Nighean urra mhòir thu,
Nighean urra mhòir thu,
Nighean urra mhòir thu,
Agus ogha 'n duine chòir.

Chunna mi san Dùn thu,
Chunna mi san Dùn thu,
Chunna mi san Dùn thu,
A' dèanamh sùgradh ri MacLeòid.
Chunna mi san Dùn thu,
Chunna mi san Dùn thu,
Chunna mi san Dùn thu,
A' dèanamh cunntas ri MacLeòid.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math