Sgeulachd mu na h-ainmhidhean as sine.
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1969.175.A2
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Sgeulachd mu na h-ainmhidhean as sine.
Sgeulachd mu iolaire air latha uabhasach fhèin fuar. Cha do dh'fhairich i latha cho fuar a-riamh roimhe. Chaidh i a dh'fhaicinn seann damh feuch am faigheadh i a-mach an do dh'fhairich esan latha cho fuar. Cha do dh'fhairich agus mar sin chaidh i a-null gus a' chomhachag fhaicinn. Chuir i an aon cheist oirre ach cha do dh'fhairich ise latha cho fuar na bu mhotha. Ach thuirt i gu bheil breac ann an Loch Ceanainn a bha sean. Dh'fhalbh an iolaire a chur na ceist air a' bhreac. Thuirt esan gun robh latha ann a bha cho fuar 's gun robh e a' dèanamh roidean anns an loch gus e fhèin a chumail blàth. B' ann an uair sin a bhuail e a cheann ri creag, a dh'fhàg e leth-shùileach.
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Seòrsachadh
Tar-sgrìobhadh
Teàrlach Camshron (TC): Am breac? Breac na h-aon sùil ann an Coire na Ceanainn.
Uill, nise, tha treis mhòr on a bha seo ann. Tha cho fada bhon a bha am breac san lochan. Tha an lochan dìreach mu thrì fhaid an taighe seo. Agus tha cho fada bhuaithe, a charaid, gun robh Gàidhlig aig na h-eòin agus aig na h-uile rud a bh' ann an uair sin, 's tha glè fhada bhuaithe sin. Agus bha latha fuar ann, latha uabhasach fuar, agus bha an iolaire... tha fhios agad dè th' anns an iolaire?
IM: Tha.
TC: "Cha d' fhairich mi riamh a leithid," thuirt i.
'S bha i ag obair air na sgiathan aice, ach cha dèanadh i teas a chur oirre fhèin.
"Cha d' fhairich mi leithid seo riamh," thuirt i. "Ach thèid mi a-nunn do Shrath Oisein," thuirt i.
Bha sin thar air a' mhonadh.
"Tha seann damh an sin," thuirt i. "Tha e gu math sean. Thèid mi a-nunn feuch am faic mi e, 's cuiridh mi a' cheist ris," thuirt an iolaire, "an d' fhairich e leithid seo de dh'fhuachd riamh."
Tharraing i air a sgiath a-nunn. Dh'aithnich i an damh 's a thàinig i a-bhàn làmh ris.
"Èist seo, a charaid," thuirt ise, "an d' fhairich thu leithid seo de dh'fhuachd?"
"Cha d' fhairich mise," thuirt e, "riamh a leithid," thuirt e. "Ach innsidh mi dhut seo," thuirt an damh rithe. "Rach a-sìos do dh'Achadh nan Comhaichean..."
Tha sin thall ann an sin.
"Tha comhachag an sin," thuirt e. "Tha mise ceithir fichead 's a deich a dh'aois," thuirt an damh. "Ach tha ise an dùbladh, tha mi a' smaoineachadh, den aois agamsa," thuirt e.
Thàinig an iolaire... ghabh i sgiath a-rithist agus thàinig i a-nunn thar na beinne an sin à Srath Oisein. Agus thàinig i a-bhàn 's bha i a' bùrach 's a' ruamhradh, 's thachair i fhèin 's a' chomhachag. Chuir i an aon cheist ris a' chomhachag agus a chuir i ris an damh.
"Ò," thuirt a' chomhachag, "cha d' fhairich mise riamh a leithid," thuirt i. "Chan fhaigh mi oisinn idir a chumas mi fhìn blàth," thuirt i. "Riamh a leithid."
"Cha d' fhairich," thuirt an iolaire, "na mise," thuirt i.
"Ach fhaic seo," thuirt a' chomhachag. "Tha breac an Lochan Coire na Ceanainn," thuirt i. "Tha e air aon sùil," thuirt i. "Gabh sgrìob a-suas," thuirt i ris an iolaire.
Dh'fhalbh an iolaire a-suas, a rèir na h-eachdraidh, gu 'n robh i aig taobh an lochan. Bha i ag obair air gluasad an sin 's thàinig am breac [???] an-àird, a rèir na h-eachdraidh. Chuir i a' cheist ris, an d' fhairich e riamh leithid seo de latha.
"Dh'fhairich," thuirt e. "Dh'fhairich mi aon latha nas fhuaire na seo," thuirt e. "Bha mi cho fuar anns an lochan," thuirt e, "gun robh mi a' gabhail roidean mu chuairt," thuirt e, "feuch an cuirinn teas orm fhìn," thuirt e. "Agus anns an ùpraid a bh' ann," thuirt e, "nach do bhuail mi mo shùil," thuirt e, "an sgor-creige," thuirt e, "agus sin sin a dh'fhàg mise gus an latha an-diugh air an aon sùil."
Sin agaibh a-nise, a chàirdean, breac na h-aon sùil ann an Coire na Ceanainn.
IM: Ò tha sin math. Tha sin math a-nise.
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math