spacer
spacer

Sgeulachd mu na h-ainmhidhean as sine.

Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
Tiotal a' Chlàir - Sgeulachd mu na h-ainmhidhean as sine.
Fiosraichean - Charles Cameron
Luchd-clàraidh - Dr Iain MacAonghuis

Geàrr-chunntas - Sgeulachd mu na h-ainmhidhean as sine.

Sgeulachd mu iolaire air latha uabhasach fhèin fuar. Cha do dh'fhairich i latha cho fuar a-riamh roimhe. Chaidh i a dh'fhaicinn seann damh feuch am faigheadh i a-mach an do dh'fhairich esan latha cho fuar. Cha do dh'fhairich agus mar sin chaidh i a-null gus a' chomhachag fhaicinn. Chuir i an aon cheist oirre ach cha do dh'fhairich ise latha cho fuar na bu mhotha. Ach thuirt i gu bheil breac ann an Loch Ceanain a bha sean. Dh'fhalbh an iolaire a chur na ceist air a' bhreac. Thuirt esan gun robh latha ann a bha cho fuar 's gun robh e a' dèanamh roidean anns an loch gus e fhèin a chumail blàth. B' ann an uair sin a bhuail e a cheann ri creag, a dh'fhàg e leth-shùileach.

Fad a' Chlàir (h:m:s) - 00:03:18
Àm Clàraidh - 1969.11
Cànan - Gàidhlig
Seòrsa - Sgeulachd
Cruinneachadh - Sgoil Eòlais na h-Alba

Àireamh a' Chlàir - 50430
Àireamh an Teip Thùsail - SA1969.175
Àireamh a' Chlàir Thùsail - SA1969.175.A2
Càileachd an Fhuaime - Math
Cruth Inneal a' Chlàir - R2R

Seòrsachadh - AT221;

Notaichean a' Chlàir -

Ceangal Maireannach - http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/50430/1




Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA