Nighean Rìgh Tìr nan Tonn
Neach neo-aithnichte
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Chunnaic Ruairidh Rubha nan Ròn ròin a' dannsa air an tràigh agus ghoid e bian a dh'fhàg iad air na creagan. Nuair a dh'fhalbh na ròin eile air ais dhan mhuir, bha ise air a fàgail air an tràigh, a' caoineadh. Thug Ruairidh dhachaigh i. Thuirt i ris gur ise Nighean Rìgh Tìr nan Tonn, ach gun robh i fo dhraoidheachd aig a muime a dh'fhàg i ann an riochd ròin.
Phòs Ruairidh an nighean. Bha iad còmhla fad bhliadhnaichean, agus bha triùir mhac aca, ach aon latha dh'iarr i air Ruairidh am bian aice a thoirt air ais dhi, oir bha i ag ionndrainn luchd a cridhe, na ròin. Nuair a fhuair i am bian, chaidh i air ais dhan mhuir agus chan fhaca Ruairidh tuilleadh i.
Notaichean a' Chlàir
Recorded at the Royal National Mòd.
Àite Clàraidh
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Àir
Paraiste - Inbhir Àir
Baile/Àite - Inbhir Àir
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math