Rannsaich

Còig air fhichead seanfhaclan. Tha am fiosraiche gam mìneach...

Luchd-clàraidh
Ceann-latha 01 July 1960
Àireamh a’ chlàir 50636
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1960.121.A27-A51

Àireamh an Teip Thùsail

SA1960.121

Geàrr-chunntas

Còig air fhichead seanfhaclan. Tha am fiosraiche gam mìneachadh.

A-màireach Diluain 's an t-seachdain cho buan 's a b' àbhaist.

An-diugh Diciadain is thriall an t-seachdain.

Is bloigh an là Disathairne.

Is iomadh rud a tha an cuile Moire.

Gum bu lìonta a bhios ur cuile.

Mas leat cuid an t-saoghail 's leat daoine an domhain.

Chan iarr an taic ach cur na ceann.

Is deacair a thoirt à làimh a chleachdas.

Is blàth an fhuil ged a b' ann an craiceann nan con.

Glèidh rud seachd bliadhna agus gheibh thu feum dha.

Cha luaithe clach le gleann na feasgar fann foghar.

Foghar gu Nollaig 's geamhradh gu Fhèill Pàdraig.

Trì là dhen Iuchar san Fhaoilleach agus trì là dhen Fhaoilleach san Iuchar.

Mar as luaithe a' ghailleann is ann as buain a' ghaillean.

Thuirt an Gearran ris an Fhaoilleach... (rann)

Slacan an làimh òinsich.

Cha ruig an cù càm air a bhith thall 's a-bhos.

Is fheàrr am mothachadh na an t-aithreachas.

Is fheàrr a bhith cinnteach na bhith caillteach.

Is fheàrr tilleadh math na droch fhuireach.

Ged a dhèanainnsa toll chuireadh tusa tarrang ann.

Buail an tarrang air a ceann.

A' chuiseag a bhios anns an t-sitig, is i as fheàrr a dh'fhàsas.

Nuair a nì am bodach am miastadh is ann a thogas e an gàrradh.

Call na sgillinn agus buinig a' bhonn-a-sia.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Meadhan Lodainn

Paraiste - Dùn Èideann

Baile/Àite - Dùn Èideann

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Eile

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math