Alasair MacColla
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1968.147.A+B1
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Alasair MacColla
Bha tuathanach ann an Earra-Ghaidheal dham b' ainm Colla Dòmhnallach. Bhàsaich a bhean agus a h-uile duine dhen chloinn aige ach Alasdair. Cha robh Colla a' smaoineachadh gun robh Alasdair cho treun ris a' chloinn eile. Bha e a' fuireach còmhla ris na seirbheisich agus cha robh athair a' coimhead ris.
Bha Alasdair air fàs mòr nuair a bha tarbh a' tighinn a-steach dhan iodhlainn gach oidhche agus a' dèanamh milleadh. Aon oidhche, thairg Alasdair faire a chumail air. Thug e na ceithir casan dheth. Bha athair Alasdair moiteil às agus bha e duilich nach robh e a' coimhead as a dhèidh mar a bha còir aige. Thug e a-steach dhan taigh mhòr e. Dh'ionnsaich e dha sabaid le claidheamh agus bogha-saighde.
Chaidh mac Dhiùc Earra-Ghaidheal agus Alasdair dhan chogadh ann an Èirinn. Bha Colla na sheann duine agus chaidh e a dh'fhuireach còmhla ris an Dìuc. Rinn Alasdair MacColla ainm mòr dha fhèin ann an Èirinn.
Bha Colla na shealgair ainmeil. Bha dara mac an Diùc a' dol ga mharbhadh airson cho math ‘s a bha e air sealg seach e fhèin. Thuig Colla seo agus thionndaidh e air mac an Diùc agus mharbh e e. Theich Colla gu eilean ach lorg an Diùc agus a dhaoine e agus mharbh iad e. Fhuair Alasdair MacColla naidheachd air bàs athar ann an Èirinn. Fhuair e cuideachd litir a bha còir a dhol gu mac Dhìuc Earra- Ghaidheal. Bha an litir ag iarraidh air mac an Diùc Alasdair a mharbhadh airson gum faigheadh na Caimbeulaich am fearann aca. Thug Alasdair an aghaidh air mac an Diùc mu dheidhinn seo. Thairg uachdaran mòr à Èirinn arm do dh’Alasdair airson a chuideachadh a' sabaid an aghaidh nan Caimbeulach. Dh'iarr Alasdair cuideachd air feadhainn de Chlann ‘ic Ailein tighinn dhan arm còmhla riutha. Sheòl iad uile dhan Chorpaich. An toiseach choinnich iad ri tighearna a' Bhaile Bhric a bha na Chaimbeulach. Mharbh Alasdair e. Choinnich iad an uair sin ri arm nan Càimbeulach agus thug iad buaidh orra. Fhuair Alasdair MacColla fearann athar uile air ais agus chaidh na Caimbeulaich gu lèir a mharbhadh neo sgapadh.
Chuala am fiosraiche an sgeulachd seo bho athair.
Neach/Cuspair a' Chlàir
Alasdair MacColla; Colla Dòmhnallach
Àite a' Chuspair
Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math