Rannsaich

A' chiad MacNèill Bharraigh.

Ceann-latha August 1968
Àireamh a’ chlàir 51290
Pàirt 1
Pàirt 2

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1968.148.B4+149.A1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1968.148

Geàrr-chunntas

A' chiad MacNèill Bharraigh.

Thug Rìgh Alba fear leis an ainm MacNèill à Èirinn dhan arm aige airson cogadh an aghaidh nan Sasannach. Bha e na chaiptean. Bha e a' suiridhe air nighean duine uasail agus dh'fhàs i trom. Dh'iarr i air seann saighdear faighneachd dhan Chaiptean an toireadh e am pòsadh air adhart. Dhiùlt e.

Rinn an seann saighdear agus a bhean airson an nighean a chuideachadh agus dh'fhalbh iad leatha. Fhuair iad bàta aig Caol Loch Aillse. Bha dùil aca a dhol dhan Eilean Sgitheanach ach fhuair iad iad fhèin ann am Barraigh.

Fhuair iad taigh ann am Barraigh. Bha pàiste aig an nighean air an robh an t-ainm Coinneach. Dh'fhalbh ise air ais dhachaigh agus thog an seann saighdear agus a bhean an gille ann am Barraigh. Phòs i an Caiptean às dèidh sin agus bha mac eile aice, Uilleam Dubh. Bha Coinneach agus Uilleam Dubh nan gaisgich. Dh'ionnsaich an seann saighdear obair-chlaidheimh do Choinneach ann am Barraigh agus chaidh Uilleam Dubh dhan arm.

Thàinig Uilleam Dubh a Bharraigh le arm a chreachadh bheathaichean. Rinn Coinneach a chùis orra agus chuir e far an eilein iad. Leis cho treun ‘s a bha e, dh'iarr an Rìgh air Coinneach daoine a thoirt leis à Barraigh airson sabaid an aghaidh nan Sasannach. Mus do dh'fhag e an dachaigh, dh'innis bean an t-seann saighdeir dha nach b' iad a phàrantan.

Thug iad a' bhuaidh air na Sasannaich agus rinn an Rìgh cuirm dhaibh. Dh'aithnich fear a bha ri obair-chlaidheimh còmhla ri Coinneach gur e dòigh sabaid an t-seann sàighdeir a bh' aige. Dh'aithnich feadhainn à Barraigh màthair Choinnich. Aig cuirm eile, choinnich Coinneach ris an tè a phòs e. Bha dithis ghillean aca, fear dhiubh dam b' ainm Ruairidh, a bha air ainmeachadh às dèidh an t-seann saighdeir. B' esan a' chiad MacNèill Bharraigh.

Chuala an neach labhairt an sgeulachd seo bho athair.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math