Rannsaich

Tàladh Dhòmhnaill Ghuirm

Ceann-latha January 1956
Àireamh a’ chlàir 52741
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1956.024.B1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1956.024

Geàrr-chunntas

Anns an òran luaidh seo, tàladh do Dhòmhnall Gorm Shlèite, tha iomradh ga thoirt air an t-sìde ghrianaich, gun smal air na reultan. Thathas a' guidhe sìde mhath do mhac an rìgh nuair a thig e.

Tha cuspair an òrain ag atharrachadh agus tha iomradh ann air long a thàinig a-steach don bhàgh, le trì cruinn sheilich, stiùir òir, agus tobar fìona 's tobar fìor-uisge ann an deireadh a' bhàta.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Òran

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Nàill ì bho ho hì
Nàill ì bho ho hì

Ghrian 's i 'g èirigh o
Nàill ì bhò hò
Ghrian 's i 'g èirigh o
Naill ì bho ho hì
'S i gun smal oirre ho
Naill i bho hò
'S i gun smal oirre ho
Nàill ì bho ho hì

Na air na reultan ho
Nuair thèid mac mo rìgh-sa ho
Fo làn èideadh ho
Gun robh neart na cruinne leat ho
Neart na grèine ho
Neart an tairbh dhuibh ho
'S àirde leumas ho

Nàill i bho ho hì

Dh'fhaighneachd a' bhean o ud ho
Dhan a' mhnaoi eile o ho
Na dè long ud ho
Staigh fon eirthire ho
Gura don' d' fhaighneachd ort
Tha long Dhòmhnaill ho
'S trì chruinn sheilich innt' ho
Gu bheil stiùir òir oirr' ho
Gu bheil tobar fìon innt' ho
Agus tobar fìor-uisg' ho
Shìos san deireadh innt' ho

Nàill ì bho ho hì
Nàill leam 's gun robh nàill i bhò hò
Nàill leam 's gun robh nàill
Nàill i bho ho hì

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math