Rannsaich

Mar a thòisich a' bheatha aig Fionn.

Luchd-clàraidh
Ceann-latha November 1975
Àireamh a’ chlàir 53322
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1975.228.B2

Àireamh an Teip Thùsail

SA1975.228

Geàrr-chunntas

Mar a thòisich a' bheatha aig Fionn.

Cha ghabhadh Cumhal, ceannard na Fèinne, marbhadh ach leis a' chlaidheamh aige fhèin agus e le boireannach. Chaidh Arca Dubh fhuadach às na Fianntan agus dh'innis e do rìgh eile ann an Èirinn mar a ghabhadh Cumhal marbhadh. Thug an rìgh an nighean aig Rìgh na Nirribhidh gu Èirinn airson gum pòsadh Cumhal i. Dh'fhalaich Arca Dubh fon leabaidh air oidhche a phòsaidh agus mharbh e Cumhal leis a' chlaidheamh aige, Mac an Luinn. Thug an rìgh abhainn iasgaich do dh'Arca mar dhuais.

Bha bean Chumhail trom agus bha pàiste fireann gu bhith air a mharbhadh. Bha gille agus nighean aice. Thug boireannach eile an gille air falbh, agus bha a bràthair a' dol a chur às dha ach mharbh ise esan an toiseach. Aon uair, mharbh an gille beag madadh. Uair eile lean e a mhàthair agus chunnaic e loch far an robh sgoilearan a' snàmh. Chaidh e fhèin dhan uisge ach bha na sgoilearan air am bàthadh. Dh'fhaighnich am maighstir-sgoile cò bha anns a' ghille fhionn [bàn], agus sin mar a fhuair e an t-ainm Fionn. Chruinnich feadhainn aig an loch airson a ghlacadh ach chuir e sìos iad. Thog e a mhàthair air a ghualainn agus ruith e dhachaigh leatha. Bha i marbh nuair a ràinig iad.

Chunnaic Fionn Arca Dubh ag iasgach agus fhuair e breac bhuaithe airson a bhruich. Loisg Fionn a chorrag agus chuir e na bheul i. Le sin, fhuair e tuigse air cò b' athair dha, mar a rinn Arca air agus far an robh an claidheamh. Fhuair e an claidheamh agus mharbh e Arca. Nuair a chunnaic Bran, cù na Fèinne, an claidheamh, lean e Fionn agus chaidh an dithis aca air falbh airson na Fianntan a chruinneachadh.

Neach/Cuspair a' Chlàir

Fionn; Cumhal; Arca Dubh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Meadhanach Math