Trì air fhichead seanfhaclan. Tha am fiosraiche gam mìneacha...
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1960.126.B76-B98
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Trì air fhichead seanfhaclan. Tha am fiosraiche gam mìneachadh.
Gheibh gach latha a lòn dha fhèin.
Gheibh an cat cead sealltainn air an rìgh.
Duan gach duine.
Fàsaidh an sìol mar a chuirear e.
Fàilte an dèidh fuarachadh.
Far am bi an t-iasg bidh an eunlaith.
Is ionnan bean is bò.
Faighneachd air fios, rud as miosa na mhèirle.
Mìos Faoillich, aog mhìos Gearrain, trì latha feadaig, ceithir latha gobaig, seachdain sguabaig, suas an t-earrach.
Bean gu aois is fear gu bàs.
Cha robh an trod ach air an aodach.
Tòisicheadh a h-uile duine aig a thòin fhèin leis na h-ailisean.
Is maighistir a h-uile duine air a chuid fhèin.
Cho dona 's gu bheil rud is fhiach e iarraidh.
Aona bhò Mhic 'urchaidh 's an t-earball ga dìth.
Fhad 's a tha e an cèilidh an t-saoghail sa.
Fhuair thu fios na h-Inid.
Mas breug thugamsa e 's breug bhuam e.
Fliuch do shùil.
Geamhradh reòdhta, 's earrach ceòthar, samhradh breac riabhach, 's foghar geal grianach.
Is math a fhreagras salann salach an ìm ròineagach.
Is leothaid an cac saltrachdainn ann.
Ithidh loth fhiadhaich sìol à bonaid.
Àite Clàraidh
Siorrachd - Meadhan Lodainn
Paraiste - Dùn Èideann
Baile/Àite - Dùn Èideann
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math