Rannsaich

Prògram Choinnich

Ceann-latha 08 November 1994
Àireamh a’ chlàir 545
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

Program Choinnich 08.11.1994

Geàrr-chunntas

Na daoine mu dheireadh a dh'ionnsaich geàrr-sgrìobhadh - Pitman & Gregg - ann an Colaiste Inbhir Nis o chionn 25 bliadhna a' tighinn còmhla aon uair eile.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Steòrnabhagh

Eilean - Leòdhas

Baile/Àite - Steòrnabhagh

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Tar-sgrìobhadh

Coinneach MacÌomhair (CM): Nise, nuair a bhruidhneas sinn mu dheidhinn Pitman, Gregg agus Imperial, uill, dhan a' mhòr-chuid againn, chan eil iad a' ciallachadh càil dhuinn, ach do dhuine sam bith 's dòcha a tha ag obair ann an oifis, do dhuine sam bith a tha ag obair ann an obair phàipearan-naidheachd, bidh fhios aca gur e... gur e trì seòrsaichean de luath-sgrìobhadh - shorthand - a th' ann an sin, agus ann an ùine ghoirid, thathas gu bhith a' cumail dinnear ann an Inbhir Nis. Seo mar chomharradh air còig bliadhna fichead bho bha an clas bho dheireadh ann, a' dol thairis air na cuspairean a bha sin, na dòighean a tha sin - Imperial, Pitman agus Gregg - anns an t-seann cholaiste an Inbhir Nis. Gus beagan innse dhomh mu dheidhinn na thathas am beachd, air an loidhne còmhla rium an-dràsta, Ceitidh Adam. Madainn mhath, a Cheitidh.

Ceitidh Adam (CA): Madainn mhath.

CM: Innis dhomh beagan mu dheidhinn na tha nur beachd.

CA: Bha mi dìreach ag èisteachd leibh, agus 's e Imperial, 's e seòrsa de typewriter a th' ann. Tha thu air rud ùr ionnsachadh mar-thà.

CM: Sin agad e. Uill, uill.

CA: Agus tha sinne... 's e an clas mu dheireadh a bh' anns a' cho-... anns an t-seann cholaiste. Air a bha sinne anns a' cholaiste bha iad a' togail... a' dèanamh... a' dèanamh suas togalach ùr, agus chaidh iad an uair sin dhan togalach sin. 'S e sinn an fheadhainn mu dheireadh a bh' anns an t-seann togalach, a' dèanamh nan seann dòighean.

CM: Uill, a bheil fhios agad air a seo, bha mise a' cantainn rium fhìn 's a' faighneachd dhan a h-uile duine: 'Dè seòrsa luath-sgrìobhadh a th' ann am Imperial?' Bha a h-uile duine a bha mi a' faighneachd dhaibh: ''S aithne dhomh Pitman, agus 's aithne dhomh Gregg, ach cha chuala mi riamh mu dheidhinn Imperial.'

CA: Ò uill.

CM: Agus 's e sin as coireach. Chan e luath-sgrìobhadh idir a th' ann.

CA: Chan e.

CM: Nise, innis dhomh beagan mu dheidhinn seo. Anns na làithean a bha sin, agus chanadh cuid an-diugh fhèin, nuair a bha duine a' dol a dh'obair a dh'oifis, dh'fheumadh e Pitman, no Gregg, no rudeigin mar sin, nach fheumadh?

CA: Dh'fheumadh. Dh'fheumadh, gu dearbh. Agus dh'fheumadh e a bhith gu math... glè mhath air, gu math luath air obrachadh cuideachd.

CM: Dè an diofar a bh' eadar na dòighean-sgrìobhaidh Pitman agus Gregg?

CA: Dè an diofar a bha...?

CM: A bh' eatorra.

CA: A bh' eadar na dhà aca? Cha robh mòran diofair ann, mar a... Nam biodh tu a' coimhead orra dh'aithnicheadh tu an diofar annta, ach 's e an aon... 's e an aon seòrsa dòigh... fhios agad, 's e an aon... 's e shorthand a bh' anns na dhà aca. Ach bha... cha robh mòran diofair idir annta. Cha robh mi fhìn a' dèanamh... 's e Pitman a bha mi fhìn a' dèanamh, agus an clas a bha an ath-doras, bha iadsan a' dèanamh Gregg.

CM: Bha cuideigin an-dè ag ràdh rium gun robh Pitman na bu duilghe ionnsachadh, 's a' toirt na b' fhaide ionnsachadh, ach an uair sin gur e bu luaithe?

CA: Tha mi cinnteach gu bheil sin ceart. Uill, dh'ionnsaich mi fhìn Pitman, agus cha d' fhuair mise uabhasach duilich e. Chan eil cuimhn' a'm air mòran dheth a-nist, a chionn 's chan eil mi ga chleachdadh a-nist idir.

CM: Nise, dhuinne 's dòcha nach aithnich gin dhe na dòighean-sgrìobhaidh a tha sin, dè cho luath agus a sgrìobhas duine, can, le Pitman no Gregg, no na dòighean sin, na cànanan sin, oir 's e cànan ann an seagh a th' annta, nach e? Dè cho luath 's a nì duine e?

CA: 'S e. Uill, air a bha mise ag ionnsachadh, sgrìobhainn suas le ceud facal anns a' mhionaid, airson... dìreach ga sgrìobhadh sìos.

CM: Agus dè cho luath agus a tha duine a' bruidhinn, anns a' chumantas an-dràsta? Cia mheud facal a th' anns a' mhionaid a tha sinn a' cleachdadh?

CA: Ò, chan eil fhios a'm. Tha mi duilich. Ach chan eil e sìon nas... ò, cha bhiodh e faisg air a sin.

CM: An cumadh duine a' brui-... an cumadh tu suas ri còmhradh?

CA: Ò chumadh, cumadh gun duilgheadas sam bith.

CM: Ach a-nise, chan eil feum air na dòighean seo ann, a bheil?

CA: Chan eil. Tha a leithid innealan ùra ann a-nist agus chan eil iad a' cur mòran feum... Ach bidh feadhainn fhathast ga chleachdadh. Tha e math ma tha thu ag èisteachd... ma tha thu aig coinneamh agus tha agad tòrr sgrìobhadh a dhèanamh sìos. Ma tha e agad, tha e gu math... gu math feumail an uair sin.

CM: Agus tha cuideachd an fheadhainn a bhios ann an cùirtean, bidh iad a' cleachdadh seo, nach bi?

CA: Tha, sin agad e, 's muinntir pàipear-naidheachd. Tha mi a' smaointinn gum bi iadsan ga chleachdadh fhathast cuideachd.

CM: Man a tha mi ga thuigsinn, tha an fheadhainn a tha a' dol dha na colaistean, colaistean nam pàipear-naidheachd an-diugh, tha iad a' cleachdadh dòighean eile a tha 's dòcha beagan nas fhasa na Pitman.

CA: Sin agad e. Tha. Tha gu dearbh.

CM: Chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil iad a' cleachdadh Pitman agus Gregg idir.

Uill, tha sibhse a-rèiste a' dol a dh'fheuchainn ri coinneachadh, a h-uile duine agaibh a bha sin, anns a' chlas bho dheireadh a bha sin anns an t-seann togalach an Colaiste Inbhir Nis, air an naoidheamh latha fichead dhen a' mhìos a tha seo. Cò às a tha na daoine a' tighinn, a bheil càil a bheachd agaibh?

CA: Uill, bha dùil againn gu... bha dùil agam gus a-raoir gun tigeadh feadhainn à Uibhist a Deas, a chionn 's bha feadhainn ann à Uibhist a Deas. Tha mi... 's dòcha an dèidh a chluinneas iad seo, 's dòcha gun tig iad a-nist. Agus tha a' chuid as motha, 's ann às a' bhaile fhèin a tha iad a' tighinn, agus tha tè a' tighinn à Obar Dheathain, agus tha tè dhen luchd-... tha feadhainn dhen luchd-teagaisg a' tighinn. Tha tè dhiubh shìos ann an Dùn Èideann. Chan eil fhios a'm an urrainn dhi tighinn. Agus dìreach mu iomallan a' bhaile fhèin, an fheadhainn as aithne dhuinn. Tha e air a bhith anns na pàipearan air fad, a' chuid as motha dhe na pàipearan anns a' Ghàidhealtachd, tha e air a bhith ann.

CM: Agus a bheil e ri teagasg, Pitman agus Gregg, idir an-diugh?

CA: Cho fad 's a tha fios a'm, chan eil. Chan eil.

CM: Ò uill, bidh sin rudeigin... bidh oidhche mhath agaibh ann an sin co-dhiù.

CA: Ò tha mi an dòchas gum bi.

CM: Uill, a Cheitidh, mòran taing dhut airson a thighinn a-steach a dh'innse dhuinn mu dheidhinn, agus bidh e inntinneach, tha mi cinnteach, dha-rìribh. A h-uile duine ann an siud a' sgrìobhadh gu a chèile, 's tha mi a' creidsinn nach bi facal sgrìobhte ann, gur ann am Pitman no Gregg a bhios a h-uile càil air a sgrìobhadh. Agus, dh'ionnsaich mise rud ùr. 'S e sin, nach e dòigh... dòigh-sgrìobhaidh idir a bh' ann am Imperial, ach seòrsa de dh'inneal.

CA: Mòran taing.

CM: Tapadh leatsa gu dearbh, a Cheitidh.

Cruth Inneal a' Chlàir

Dat

Càileachd an Fhuaime

Math