Breabadaireachd anns na Hearadh agus ann an Leòdhas.
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1966.51.B2
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Breabadaireachd anns na Hearadh agus ann an Leòdhas.
Coimeas eadar breabadaireachd anns na Hearadh agus Leòdhas. Bhiodh na boireannaich a' siubhal bho Fhionnasbhagh, Mànais agus Geocrab dhan Tairbeart airson clòimh a cheannach. Bha iad an uair sin ag obair air a' chlòimh airson a dèanamh deiseil airson na beairt. Bha e furasta bean fhaighinn nam biodh taigh, pìos fearainn, cuibhle-shnìomha agus inneal càrdaidh aig croitear. Bha clò-mòr math air a dhèanamh anns na Hearadh agus mar sin bha an t-eilean an ìre mhath beairteach. Bha dathan nàdarrach mar chrotal air an cleachdadh. Bha maistir air a chruinneachadh airson crìoch a chur air a' chlò nuair a bha an luadhadh deiseil. Aig an àm sin 's e plaideachan a-mhàin a bha air an dèanamh air beartan fiodha ann an Leòdhas. Nuair a bha muinntir na Hearadh a' luadhadh bha iad a' cleachdadh nan làmhan aca agus bhiodh òrain aca. Mar as trice bha ceathrar air gach taobh den bhòrd.
Àite Clàraidh
Siorrachd - Ros is Cromba
Eilean - Leòdhas
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math