Rannsaich

Mac Rìgh Alba agus an Tè Bheauty.

Ceann-latha April 1975
Àireamh a’ chlàir 54926
Pàirt 1
Pàirt 2

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1975.30.A+B1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1975.030

Geàrr-chunntas

Mac Rìgh Alba agus an Tè Bheauty.

Bhàsaich a' chiad bhean aig Rìgh Alba. Bha aon mhac aca. Nuair a phòs an rìgh a-rithist, cha robh a' bhanrigh ùr math do chiad mhac an rìgh. Bha triùir mhac aicese cuideachd.

Bha craobh anns a' ghàrradh le toradh sultmhor. Chaill i a toradh ann an aon oidhche. An ath trì bliadhna, dh'iarr an rìgh air fear mu seach den triùir mhac a b' òige a' chraobh a chaithris. Chuala gach fear dhiubh fuaim mòr aig meadhan-oidhche agus theich iad. Air a' cheathramh bliadhna, thairg am mac bu shine a caithris. Nuair a chuala e am fuaim, chuir e suas a chlaidheamh agus thuit itean air an talamh. Nuair a sheall e na h-itean dha athair, thuirt an rìgh gur iad itean a' Ghuileagan Faoidhn a bha a' fuireach ann an Rìoghachd nam Fear Mòra.

Chaidh an triùir mhac a b' òige, fear mu seach, a lorg a' Ghuileagan Faoidhn, ach cha do thill iad dhachaigh. Mu dheireadh, dh'fhalbh am mac bu shine ga lorg. Fhuair e obair ann an Rìoghachd nam Fear Mòra a' coimhead às dèidh làir rìgh an àite, am Morgan Eàr. 'S e an Tè Bheauty a b' ainm do nighean an rìgh.

Bha an Guileagan Faoidhn a' fuireach anns an stàball. Dh'fheuch mac Rìgh Alba ris an Guileagan Faoidhn a ghoid, ach dhùisg muinntir a' bhaile. Rinn e suas leisgeil gur ann a bha e a-muigh a' sealltainn cho brèagha 's a bha an Tè Bheauty, am Morgan Eàr agus an Guileagan Faoidhn. Chòrd seo ris an rìgh. Bha mac Rìgh Alba gan toirt a-mach a h-uile oidhche.

Aon oidhche theich e leotha dhan bhàta. Air an t-slighe, chunnaic e a bhràithrean agus iad fhathast a' lorg a' Ghuileagan Faoidhn. Thuirt an sgiobair riutha gun robh an Guileagan Faoidhn, am Morgan Eàr agus an Tè Bheauty air bòrd. Rinn na bràithrean cleas air an sgiobair airson am bràthair bu shine fhàgail às an dèidh agus dh'fhalbh iad fhèin 's an sgiobair dhachaigh lem bàtaichean.

Dh'fhàs am mac bu shine robach. An ceann bliadhna, thàinig bàta ga iarraidh. Dh'innis fear a' bhàta dha gun robh an Tè Bheauty a' dol a phòsadh fear de a bhràithrean. Thug e leis dhachaigh e agus dhreasaig e suas e. Chaidh e gu taigh athar. Nuair a chunnaic an Tè Bheauty e, cha phòsadh i duine eile.

An dèidh dhaibh pòsadh, thill iad air ais gu Rìoghachd nam Fear Mòra. Fhuair e còir air an rìoghachd sin às dèidh bàs an rìgh.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Seòrsachadh

AT550

Tar-sgrìobhadh

Dòmhnall Alasdair Johnson: Bha siud ann, ma-tà, rìgh, agus tha mi a' smaointinn gur ann à Alba seo a bha e. Agus bha e pòsta, agus bha aon mhac aige, agus cha robh an gille ach cnapach nuair a bhàsaich a' bhan-righinn.

Agus thòisich an seothach feadhainn a' cur air chomhairleachadh dha gum b' fheàrr dha pòsadh a-rithist agus gun cumadh e an gille a-staigh, a' bhean a gheibheadh e gun toireadh i an aire dhan ghille 's gun togadh i an gille agus teagh-... teaghlach aice fhèin 's gus nach bitheadh.

Ach co-dhiù, seo an rud a rinn e. Phòs e a-rithist, am boireannach a bh' ann a sheothach, agus bha triùir ghillean aige bhuaipe seo. Agus bha a-nist, bha na gillean a' fàs suas. Agus an gille a bh' aige bhon chiad bhean, cha robh mòran de mheas còir sam bith air. Cha robh uiread de mheas 's a bh' air càch idir air.

Agus bha iad a-nist air fàs nan daoine suas. Agus bha craobh aig a... aig an rìgh ann a sheothach, craobh air an robh measan. Agus cha robh... bha i... a h-uile bliadhna bha i a' pàigheadh roinn mhòr de mhàl na stàid aige leis na measan. Ach co-dhiù seothach, an oidhche a bh' ann a sheo, nuair a dh'èirich iad an làrna-mhàireach cha robh meas an t-saoghail air a' chraoibh nach robh air a froiseadh gu talamh. Agus cha robh fhios o Dhia gu dè rud a rinn e.

Uill, cha robh air seothach ach seo fhèin. Chruinnich iad iad 's rinn iad rudeigin riutha. Agus an ceann na bliadhna seothach, co-ainm na h-oidhche a mhilleadh a' chraobh an-uiridh, thuirt an rìgh ris a' ghille bu shine aig a' bhean mu dheireadh, thuirt e ris:

"Thèid thusa," ars esan, "a-nist," ars esan, "a-nochd," ars esan, "a dh'aire na craoibhe," ars esan, "feuch am faic thu," ars esan, "gu dè rud a tha a' ti-... ma thig sìon an rathad a-nochd," ars esan. "'S ann a' bhliadhna chun a-nochd," ars esan, "a rinn milleadh reimhid dhi," ars esan.

Ò rachadh. Agus fhuair e claidheamh co-dhiù, agus am beul na h-oidhche dh'fhalbh e. 'S chan eil fhios a'm dè cho fad 's a bha... cha robh e air innse gu dè am fad 's a bha an gàrradh no a' chraobh bhon taigh.

Ach co-dhiù chaidh e chun na craoibhe, agus bha e ann a shin aig bonn na craoibhe. Agus cha robh e a' faireachdainn sìon, 's cha robh sìon a' gluasad idir. Suas an seo mun mheadhan-oidhche, ò, dh'fhairich e an aon fhuaim bu sgràthaile a chuala e a' tighinn, a' tighinn, agus bha an fhuaim a' teannadh air 's bha an fhuaim a' dèanamh dìreach air a' chraoibh. Nuair a bha e gus a bhith aig a' chraoibh dìreach thug esan na bonnan leis, agus thug e an taigh air.

Agus an làrna-mhàireach, nuair a dh'èirich iad, bha a' chraobh air a milleadh air ais. Agus dh'fhaighneachd athair dheth gu dè dh'fhairich e, 's ò, dh'innis e an ùpraid a bh' ann 's nach robh fhios aige o Dhia gu dè rud a bh' ann.

Cha robh air seothach ach seo fhèin. An ath bhliadhna chuireadh am fear bu mheadhanach dhe na gillean ga h-aire. Agus dh'èirich a leithid eile dha. Thàinig an... an ùpraid a bha seo suas mun mheadhan-oidhche agus thug e leis... thug e na casan leis dhachaigh, 's dh'fhàg e ann a shiud a' chraobh, agus chaidh a' chraobh a mhilleadh.

Ach an treas bliadhna seothach thuirt athair ris an fhear òg:

"Thèid thusa a-nochd," ars esan, "a dh'aire na craoibhe."

"Thèid," ars am fear òg, "mise ga h-aire," ars esan, "'s chì mi gu dè rud a bhios ag èirigh dhi."

Uill, dh'fhalbh e. Thug e leis claidheamh, 's dh'fhalbh e am beul na h-oidhche. 'S bha e ann a shin aig a' chraoibh na shuidhe aig bonn na craoibhe 's e a' coimhead [?deiseil] 's a' coimhead bhuaithe. 'S suas mun mheadhan-oidhche thòisich an ùpraid air tighinn, agus thòisich e air tighinn, agus an aon fhuaim 's an aon... a' tighinn. Agus ò, mu dheireadh nuair a bha an gnothach a' teannadh air a' chrìoch, tharraing am fear òg 's thug e an taigh air, agus chaidh e dhachaigh. Agus an làrna-mhàireach nuair a dh'èireadh bha a' chraobh air a milleadh mar a bha i riamh.

Cha robh air seothach ach seo fhèin co-dhiù. Chaidh an gnothach seothach seachad 's gu ceann na bliadhna a-rithist. Agus thuirt am fear, an gille a bh' aige bhon chiad bhean, thuirt e ri athair:

"Thèid mise a-nochd," ars esan, "a dh'aire na craoibhe," ars esan. "Agus," ars esan, "chì mi," ars esan, "gu dè rud a tha a' cur dragh oirre," ars esan.

"An-tà, b' fheàrr leam fhìn," ars athair, "gun rachadh"

"Ò," ars esan, "cha robh mise a... cha robh mise math gu leòr reimhid airson a dhol ga... ga h-aire idir," ars esan. "Ach," ars esan, "an fheadhainn a chaidh ga h-aire," ars esan, "cha mhòr a rinn iad," ars esan. "Ach chì mise a-nochd," ars esan, "gu dè bhios... a tha a' cur dragh air a' chraoibh.

Uill, dh'fhalbh e. Thug e leis claidheamh. Bha e ann a shin aig bonn na craoibhe 's e a' spaistearachd air ais 's air aghaidh 's e [???], 's dh'fhairich e seo an fhuaim a' tighinn. Agus bha an fhuaim a' tighinn 's bha an fhuaim a' teannadh air. Agus an fhuaim an seothach, bha e a' smaointinn gun robh i aig a' chraoibh, agus thug e sùil os a chionn mar seothach agus shaoil leis gum faca e dùbhradh de rud dubh a' dol seachad, agus cha do rinn e ach cruinn-leum agus dh'fheuch e an claidheamh mar seothach air, agus dh'fhairich e mar gum biodh e a' truiseadh tro itean. Agus dh'fhalbh am beothach. Leig e an aon sgiamh às agus dh'fhalbh am beothach a bh' ann.

Agus an làrna-mhàireach... dh'fhan e ann a shin gus an do shoilleirich i. Agus nuair a shoilleirich i, bha e a' faicinn na h-itean an seothach a gheàrr e leis a' chlaidheamh. 'S e itean a bh' ann ceart gu leòr. Bha e a' faicinn nan itean a bh' ann an sheothach, agus thòisich e rin togail. Thòisich e rin cruinneachadh, agus chruinnich e a h-uile gin a chunnaic e dhiubh, a thug e dheth leis a' chlaidheamh. Agus chaidh e dhachaigh.

Cha robh a' bheag sam bith a dhomail dìreach ach am paidse dìreach a chaidh e seachad oirre air a dhèanamh air a' chraoibh, nach robh na measan oirre ach sin fhèin... ach an aon phaidse dìreach a thàinig e tarsaing oirre ann a shiud. Agus chaidh e dhachaigh, agus sheall e dha athair. Agus ò, chan fhaca... chan fhaca iad gin dhe na... an seòrsa itean a bh' ann riamh, an seòrsa a bh' ann.

Agus thòisich mòran a' tighinn... a' coimhead na... nan itean. Agus thàinig aon fhear ann agus thuirt e riutha:

"An-tà," ars esan, "innsidh mise dhuibhse," ars esan, "gu dè na h-itean a tha sineach," ars esan. "Chan eil iad à seo," ars esan. "Sin agad," ars esan, "itean ris an can iad," ars esan, "itean a' Ghuileagan Faoidhn, agus 's ann," ars esan, "ann an Rìoghachd nam Fear Mòra a tha e... tha e a' còmhnaidh."

Agus ò, cha robh air seothach ach thuirt am fear bu shine dhe na gillean a bh' aige on bhean mu dheireadh, thuirt e ri athair:

"Uill," ars esan, "bheir sibhse dhòmhsa a-nist saothach," ars esan, "agus," ars esan, "cuiridh sibh lòn bliadhna innte," ars esan, "agus," ars esan, "falbhaidh mise," ars esan, "agus gheibh mi an t-eun."

Uill, rinn athair sin. Fhuair e saothach dha 's chuireadh lòn bliadhna innte 's dh'fhalbh e.

"Agus mura tig mi," ars esan, "an ceann na bliadhna," ars esan, "faodaidh sibh a bhith cinnteach nach d' fhuair mi an t-eun."

Dh'fhalbh e.

Bha a-nist an ùine a' dol seachad 's ruith an seo a' bhliadhna 's cha do... cha do thill an gille 's cha chualas gabadh.

Rinn an seothach am fear meadhanach dhe na gillean a bh' aige on bhean mu dheireadh, dh'fheumadh esan e fhèin a-nist falbh, agus dh'fheumadh e bàta a thoirt dhàsan mar a thug e dhan bhràthair eile. Agus 's e seo an rud a rinn an rìgh. B' fheudar dha sin a dhèanamh. Agus chuir e stò-... chuir e biadh bliadhna innte.

"Agus a-nist," ars esan, "mura tig mise," ars esan "ro cheann na bliadhna," ars esan, "faodaidh sibh a bhith cinnteach nach d' fhuair mi e," ars esan.

Dh'fhalbh iad co-dhiù, agus bha iad air falbh 's cha robh gabadh a' tighinn orra cò an taobh a ghabh na [?stàraichean] no cà 'n deachaidh iad.

Agus bha a-nist a' bhliadhna a' ruith 's bha a' bhliadhna a' ruith 's cha robh tuar air... 's cha tàinig duine 's cha d' fhuaradh gabadh bhuapa. Agus ruith ceann na bliadhna, agus thuirt am fear òg an uair sin gum feumadh esan a-nist a leithid eile fhaighinn, agus gum falbhadh e fhèin, agus gum faigheadh e an t-eun.

Fhuair e sin, agus dh'fhalbh e, agus thuirt e:

"Mura bi mise... mise air ais," ars esan, "no mura faigh sibh brath bhuam," ars esan, "bho cheann na bliadhna," ars esan, "faodaidh sibh a bhith cinnteach nach d' fhuair mi e," ars esan.

Uill, dh'fhalbh e co-dhiù 's bha an ùine a' dol seachad, 's cha robh duine a-nist aca ach an gille a bha bhon chiad bhean. Bha e fhèin 's athair mun taigh sa phàileis an siud.

Agus co-dhiù seothach, ruith a' bhliadhna. Cha tàinig gabadh bho fear seach fear aca, am fear a dh'fhalbh an toiseach no air deireadh. Agus thuirt am fear... thuirt an gille a bh' aige bhon chiad bhean:

"Uill," ars esan, "bheir sibh a-nist dhòmhsa," ars esan, "bàta," ars esan, "mar a thug sibh," ars esan, "dha na gillean eile," ars esan.

"Ò Dhia," ars esan, "cò," ars esan, "a tha a' dol a choimhead às dèidh an àite seo?" ars esan.

"Ò chan eil sìon a dh'fhios a'm," ars esan, "cò tha a' dol ga choimhead," ars esan, "ach nuair a thig càch," ars esan, "'s beag mo chuid-sa dhen àite seo," ars esan. "Agus leis a sin," ars esan, "bheireadh sibhse dhòmhsa," ars esan, "bàta," ars esan, "agus stòr bliadhna innte," ars esan, "agus falbhaidh mise," ars esan, "agus gheibh mi an t-eun," ars esan.

Uill, thug athair dha e, agus dh'fhalbh e. Agus nuair a bha e a' dol chun a' bhaile-puirt thachair an duine a bha seo ris agus dh'fhaighneachd e dha cà robh e a' dol. Agus dh'innis an duine... dh'innis mac an rìgh dha far an robh e a' dol.

"An-tà," ars esan, "falbhaidh mise còmhla riut," ars esan, "'s chan eil fhios a'm am miste thu e," ars esan.

Uill, thuirt mac an rìgh gun robh siud ceart gu leòr. Agus ràinig iad 's fhuair iad an long a bh' air a [?ceairteadh] a-mach air a shon, agus chaidh iad air bòrd innte. Agus thog iad a-mach 's bha iad air falbh [???], agus nuair a thogadh an seothach na s-... na siùil bhreaca, bhaidealach 's na cruinn fada fulannach, fiùghaidh, cha robh crann gun lùbadh no seòl gun reubadh, a' caitheamh na fairge fulcanaiche falcanaiche, an lear ghuirm, an lear dheirg [???]. An fhaochag bheag chrom, chiar a bheireadh seachd bliadhna air an aigeal, bheireadh i snag aice air a beul mòr aig [?Eòsaph] an t-òigear a bha ga stiùireadh.

"Thalla," ars an sgiobair, ars esan, "agus seall suas," ars esan, "gu dè an t-astar a th' air an luing."

Dh'fhalbh fear dhe na gillean 's chaidh e suas, agus thàinig e a-nuas.

"Tha mi a' smaointinn," ars esan, "gun rachadh i eadar an sìlean-eòrna agus an cochall."

"Bheiribh dhi tuilleadh canabhais," ars esan.

Thugadh an seo tuilleadh canabhais dhan luing, agus:

"Thalla a-nist," ars esan, "agus coimhead suas," ars esan.

"Uill," ars an gille, ars esan, "tha mi a' smaointinn gun spliotadh i eadar an lèine-bhàn agus a' ghucag."

"Ò thalla, ma-thà," arsa... ars an sgiobair, "fàgaidh sinn aig a sin fhèin i."

Ach co-dhiù, bha iad a' falbh agus fad 's no goirid gun robh Rìoghachd nam Fear Mòra bhuapa co-dhiù ràinig iad i. Agus bha cidhe ann a shin 's chaidh iad chun a' chidhe. Agus thuirt am fear a-nist a thachair ris... ris-san air an rathad, thuirt e ris:

"Thig thusa a-nist gu tìr," ars esan ri mac an rìgh, ars esan, "agus feuch," ars esan, "am faigh thu obair timcheall an seo," ars esan, "gus feuch am faigh sinn a-mach," ars esan, "cà bheil e," ars esan, "cà 'il... cà 'il e a' còmhnaidh, an Guileagan Faoidhn."

Agus chaidh e gu tìr co-dhiù, agus chaidh e suas agus mar a chaidh e rathad gach àite chaidh e rathad pàileas an rìgh - bha rìgh ann - agus chaidh e... chaidh e rathad pàileas an rìgh. Agus bha feadhainn an sineach [???] agus dh'fhaighneachdadh an ann airson obair a bha e, 's thuirt e gur ann.

"An-tà," ars... arsa fear aca ris, ars esan, "tha an rìgh againn ann a sheo 's a tha grùma a dhìth air airson nan each," ars esan, "agus nam faigheadh tu an teansa," ars esan.

"Uill," ars esan, "gabhaidh mise... gabhaidh mise sin," ars esan, "ma gheibh mi e," ars esan.

Agus chaidh e a-nist far an robh... far an robh an rìgh leis agus dh'innis e dha gun robh gille ann a sheothach 's gun robh e suas ris an obair, agus gum b' fheàrr dha fhastadh. Agus ò, dh'fhastaidh an rìgh sa mhionaid e airson obair nan each.

Agus co-dhiù seothach, thuirt an rìgh ris gun robh fàlairidh ann, Morgan Eàr ann, agus gum feumadh e coimhead às a dèidh gu math. Agus 's e... thuirt... dh'innis càch dha gur e an Tè Bheauty a bh' air an nighinn aig an rìgh, an nighean aig an rìgh, agus gun robh... gur ann an seothach a bha am Morgan Eàr a' f-... chan e, ach an Guileagan Faoidhn, gur ann an seo a bha e a' fuireach, agus gur ann anns an stàball aig an rìgh a bha e.

Agus thuirt am fear a bh' aig a' bhàta ris-san, am fear a chuir a-nuas e, thuirt e ris:

"Nist," ars esan, "thèid thu sìos a h-uile fe-... feasgar, beul na h-oidhche," ars esan, "agus innsidh tu dhuinne," ars esan, "gu dè mar tha a' dol dhut," ars esan.

Uill, chaidh e sìos co-dhiù, am beul na h-oidhche feasgar, agus dh'innis e dhaibh gur ann an siud... gun robh... gur ann aig an rìgh ud, gur ann aige a bha an Guileagan Faoidhn ga chumail, agus gun robh e anns an stàball còmhla ri... ri fàlairidh, am Morgan Eàr a bh' ann, de fàlairidh, agus gur e an Tè Bheauty a bh' air an nighinn aige. Agus:

"Ò ma-thà," ars esan, "lean thusa romhad," ars esan. "Cùm thusa romhad," ars esan, "agus bi... bi thusa a' tighinn a-nuas thugainn," ars esan, "le brath," ars esan, "a h-uile feasgar," ars esan.

Agus 's ann mar seothach a bha co-dhiù. Bha e a-nist a-mach leis an fhàlairidh 's ga... ga cìreadh 's ga... an aghaidh a cuilg 's le calg, agus bhite a' toirt dhi botal fìon 's buileann cruithneachd 's... Agus bha... bha e a' faicinn na Tè Bheauty agus... an nighean, bhiodh e ga faicinn timcheall 's bhiodh e a' bruidhinn rithe 's...

Agus an oidhche a bh' ann a sheothach, thuirt... thuirt am fear seo ris:

"Nist," ars esan, "an ath-oidhch'," ars esan, "feuchaidh tu ris," ars esan, "ri faighinn air a goid," ars esan, "agus," ars esan, "air na chunna tu riamh," ars esan, "nam faigheadh... nam faigheadh tu an t-eun a ghoid," ars esan, "air na chunna tu riamh," ars esan, "feuch nach buail aon ite leis no gob no... no cas anns a' bhalla," ars esan, "no ma bhuaileas," ars esan, "dùisgidh e am baile o cheann gu ceann."

Uill, 's ann mar seothach a bha.

"Ach," ars esan, "ma chì... ma bheirear ort," ars esan, "'s gum faic iad," ars esan, "gum bi iad a' dèanamh a-mach gur ann ga ghoid a tha thu," ars esan, "canaidh tu," ars esan, "nach ann, ach canaidh tu riutha," ars esan, "gun robh feadhainn ag ràdh nach fhaca sùil duine riamh sealladh bu bhrèagha na am Morgan Eàr a-muigh agus an Tè Bheauty air... air a muin, agus... agus an Guileagan Faoidhn air a beulaibh, 's nach fhaca duine sealladh riamh a b' eireachdaile na e."

Uill, 's ann mar seothach a bha. An oidhche a bh' ann a sheothach chaidh e... chaidh e a-mach an dèis gnothach a ghabhail gu tàmh 's chaidh e an lùib an eun 's thug e leis e. Ach [?taigh] na galla, nuair a bha e a' dol a-mach às an doras, bhuail an gob aige ann an tè dhe na h-ursainnean. Ò, leig e sgiamh às 's leig e sgreuch às, 's dhùisg am baile, 's ò, bha a h-uile duine a bha a-staigh bha iad a-mach bronnaich air shearraich air muin a chèile. Agus thàinig an rìgh fhèin còmhla... a-mach còmhla riutha.

"An ann," ars esan, "a' dol a ghoid an eòin a bha thu?"

"Ò chan ann gu dearbh fhèin," ars an gille, "mise a' dol a ghoid an eòin idir. Ach," ars esan, "bha feadhainn ag ràdh rium," ars esan "nach fhaca duine sealladh riamh a b' eireachdaile na am Morgan Eàr a bhith a-muigh agus an Tè Bheauty air a muin agus an Guileagan Faoidhn air a beulaibh."

"Uill," ars an rìgh, ars esan, "dearbhaidh sinn sin," ars esan.

Agus 's ann mar seothach a rinneadh. Chruinnicheadh suas iad dìreach 's thugadh a-mach dìreach air parade iad, an triùir aca, agus bha esan an ceann a' Mhorgain Eàr, mac a... mac an rìgh againn fhìn. Agus... agus...

Uill, nuair a chuir e cuairt leotha 's a thàinig e mun cuairt:

"Uill," ars esan "feumaidh mi," ars an rìgh, "a ràdh," ars esan, "gun robh thu ceart," ars esan. "'S e sealladh dha-rìribh a bh' ann," ars esan. "Chan eil mi a' smaointinn," ars esan, "gum b' urrainn duine," ars esan, "sealladh iarraidh a b' eireachdaile na e," ars esan. "Agus," ars esan, "a h-uile h-oidhche tuilleadh," ars esan, "bheiridh tu... bheir thu dhaibh cuairt," ars esan, "mar seo," ars esan.

Uill, 's ann mar seothach a bha. Bha e a-nist bhiodh e a' toirt cuairtean. Ach an oidhche a bh' ann a sheothach, thuirt am fear seo ris aig a' bhàta shìos, thuirt e ris:

"Nist," ars esan, "an àite tilleadh dhachaigh," ars esan, "nuair a chuireas tu cuairt," ars esan, "gabh mar seo," ars esan, "agus bidh sinne deiseil air do shon."

Uill, 's e seo an rud a rinn e. Nuair a chuir e cuairt leis a... leathase agus leis a' Mhorgan Eàr 's leis a' Ghuileagan Faoidhn, ghabh e sìos chun a' chidhe, 's bha an gnothach [???] dìreach sin ach gabh a-staigh. Bha na ròpannan deiseil fuasgailte, sìon dìreach ach tog a-mach à seo, 's thogadh a-mach a' bhirlinn, 's dh'fhalbh iad.

Uill, bha iad a' tighinn, agus thug iad an seo an aire, lathaichean 's iad a' tighinn a-nall, thug iad an aire air cruinn ann an eilean a bh' ann a sheothach, cruinn saothaichean. Agus thuirt an sgiobair ris:

"An tìochd," ars esan, "dè," ars esan, "na bàtaichean a tha seo?"

"A leabhra," ars esan, "cuiridh mi geall," ars esan, "gu bheil mo th-... mo thriùir bhràithrean-sa," ars esan, "ann an seo. Tha iad ag iarraidh an eòin," ars esan. "Tha," ars esan, "ceithir bliadhna o dh'fhalbh iad," ars esan.

Agus:

"Thèid sinn a-null... thèid sinn a-null air an tac air a bheil iad," ars esan.

"Tha mise coma," arsa mac an rìgh.

Uill, chaidh iad ann co-dhiù agus ràinig iad 's bha na trì bàtaichean aca ann a shin 's iad ag obair air cladhach anns an eilean. Agus thàinig iad a-nuas. Nuair a chunnaic iad iadsan a' tighinn a-staigh, thàinig iad a-nuas chun a' chladaich no chun [???] a bh' ann co-dhiù. Agus:

"Dè," ars an sgiobair aigesan riutha, "dè," ars esan, "an obair a th' agaibh an seo?" ars esan.

"Tha sinn," ars iadsan, "dìreach ag obair air cladhach a' Ghuileagan Faoidhn agus tha sinn gus a bhith aige."

"O-ho-ho," ars an sgiobair, "tha an Guileagan Faoidhn air bòrd againne," ars esan.

"Chan eil," ars iadsan, "chan eil sinne ach mu obair latha bhuaithe a' cladhach gus am bi sinn aige."

"Tha mise ag ràdh riut," ars an sgiobair, ars esan, "gu bheil," ars esan, "an Guileagan Faoidhn agus am Morgan Eàr agus an nighean, nighean an rìgh còmhla riutha."

Agus co-dhiù seothach fhuair... fhuair iad... dh'fhalbh esan a choimhead... a choimhead gu dè an obair a bha iad a' dèanamh, 's bha... b' e sin an doca a bh' air a dhèanamh an sin. Agus dè rinn fear aca ach an sgiobair aigesan a bhraoibeadh, agus nuair a thàinig esan a-nuas a' falbh, bha na ceithir bàtaichean air togail a-mach o chladach. Agus bha e ann a shiud. Thòisich e air èigheach 's cha tilleadh gin.

Uill, bha stòr bìdh... bha biadh ann, agus thug e ann a shin, 's chaidh e mu dheireadh fo ghruaig 's fo fheusaig 's cha robh fhios agad dè seòrsa beothach a bh' ann. Chaidh an t-aodach aige na ragaichean 's... agus bha e ann a shin.

Ach bha e an oidhche ann... an oidhche a bh' ann a sheo, suas mu cheann na bliadhna, bha e... bha e shìos aig a' chladach agus shaoil leis gum faca e dùbhradh de rud dubh air a' mhuir mar gum biodh e a' tighinn thuige far an robh e. Agus 's ann a' tighinn a bha e ceart gu leòr. Bha e a' sìor theannadh air. Agus thàinig an seòrsa bàta a bha seothach. Agus dh'fhaighneachd... dh'èigh an duine dha:

"A bheil thu shuas an sin?" ars esan.

"Tha," arsa mac an rìgh, ars esan.

"A-nuas an seo sa mhionaid, ma-thà," ars esan.

Agus dh'fhalbh mac an rìgh 's chaidh e sìos agus chaidh e a-staigh innte.

"Tha," ars esan, "an tè," ars esan, "a thog thu," ars esan, "à taigh a h-athar," ars esan, "tha i a' pòsadh a-nochd," ars esan, "agus tha rud math againn ri dhèanamh," ars esan, "ma bheireas sinn orra 's iad gun phòsadh," ars esan. "Agus tha i a' pòsadh," ars esan, "do bhràthar a-nochd," ars esan.

Uill, dh'fhalbh iad. Cha robh fhios aigesan gu dè seòrsa bà-... bàta a bh' ann no gu dè an seòrsa, ach gum falbhadh iad co-dhiù.

Agus ràinig iad a-nist a-bhos, agus thuirt... thuirt an duine a bha sa bhàta ris:

"Thalla a-nist," ars esan, "cho luath 's a rinn thu riamh," ars esan, "agus thèid thu," ars esan, a thaigh barbair," ars esan, "agus sèibh agus bheir dhìot a' ghruag," ars esan, "agus gabh gu tàillear a-rithist," ars esan, "agus cuir ort deise cheart, agus faodaidh gum bitheadh tu tràth gu leòr fhathast," ars esan.

Uill, 's e seo an rud a rinn e co-dhiù. Dh'fhalbh e 's chaidh e gu ruige seop a bha seo 's fhuair e sèibh 's fhuair e a chliopadh 's fhuair e a ghlanadh 's a nighe 's a h-uile sìon, agus chaidh e gu bùth tà-... tàilleir a bha sineach agus bùth aodaich agus fhuair e deise ann a shin. Agus dh'fhalbh e 's nuair a fhuair e e fhèin a shuit-igeadh dh'fhalbh e 's ghabh e suas chun... chun an taighe. 'S bha hall an uair sin aig a... aig an taigh, agus bha i laiste o cheann gu ceann. Agus ghabh e suas troimhe, agus ghabh e gu doras na hall 's bha e fosgailte 's ghabh e a-staigh ann.

Bha ise shuas air ceann shuas na hall agus a bhràthair agus a bhràithrean eile ann a shineach agus iad dìreach deiseil. Agus bha am pearsa-eaglais, bha e ann anns an àite cuideachd airson... deiseil airson am pòsadh. Ach chunnaic ise esan a' tighinn tron doras. Cha do rinn i ach cruinn-leum a thoirt seachad air a h-uile duine a bh' ann. Tharraing i sìos ann an... ann an deannan nan cas agus...

[Stad sa chlàradh an seo agus an teip air teireachdainn.]

Chunnaic ise esan a' tighinn tron doras 's cha do rinn i ach cruinn-leum a thoirt sìos seachad agus choinnich i e taobh a-bhos dhen doras 's chàirich i a dà làimh mu amhaich air.

"Chan eil," ars ise, an nighean... "chan eil," ars ise, "mac rìgh no ridire," ars ise, "no duine eile," ars ise, "a th' ann an seo," ars ise, "a phòsas mise," ars ise, "ach thusa," ars ise.

Uill, nist on a bha a' bhanais, gnothach na bainnse, 's a bha am pearsa-eaglais 's a h-uile sìon ann, cha do rinneadh ach a' bhanais a leigeil air aghaidh. Agus phòs e fhèin agus i fhèin.

Agus bha i a-nist làrna-mhàireach co-dhiù, bha iad a-mach air cuairt a' coimhead an àite - bha iongnadh aicese dhan àite - agus bha iad a' cur cuairt an sineach, agus an ceann an treas latha thuirt esan rithe:

"Uill," ars esan, "bidh sinn," ars esan, "a' tilleadh a-nist," ars esan, "a-null a thaigh d' athar," ars esan. "Tha mi cinnteach," ars esan, "nach eil sìon a dh'fhios aig d' athair," ars esan, "gu dè dh'èirich dhutsa," ars esan, "agus gum bi e fo bhruaillean," ars esan, "gu dè rud... cà 'n deachaidh tu," ars esan. "Agus," ars esan, "tillidh sinn," ars esan, "a-null a thaigh d' athar," ars esan.

Agus ò, bha seo ceart gu leòr leathase, agus 's e seo an rud a rinn iad co-dhiù. Fhuair iad an long a thug a-nall iad, agus dh'fhalbh iad leatha a-null air ais. Agus ràinig iad Rìoghachd nam Fear Mòra. Agus nuair a ràinig iad an rìoghachd sin, bha làmhan sgaoilte romhpa sin aig an rìgh 's aig a h-uile duine a bh' ann. Agus thuirt an rìgh ris-san:

"Chan eil thusa," ars esan, "a' dol a thilleadh... a' falbh às a seo tuilleadh," ars esan. "Tha thu," ars esan, "a' dol a dh'fhuireach ann a sheo," ars esan, "còmhla ri do bhean," ars esan. "Agus," ars esan, "chan eil gille agamsa idir," ars esan. "Agus," ars esan, "nuair a bhios mise," ars esan, "nuair a bheir mi suas," ars esan, "bidh an t-àite seo agadsa," ars esan, "dhut fhèin 's bidh thu nad rìgh," ars esan, "air an àite," ars esan.

Agus bha seo a-nist ceart gu leòr leis. Agus nuair a bha am bàta a' tilleadh, fhuair mise dhachaigh leatha, 's dh'fhàg mi iadsan ann a shin.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math