Rannsaich

Boireannach aig an robh comas os-nàdarrach air fear a chumai...

Ceann-latha 11 August 1953
Àireamh a’ chlàir 5610
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1953.132.1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1953.132

Geàrr-chunntas

Boireannach aig an robh comas os-nàdarrach air fear a chumail gun seòladh.

Sgeulachd mu bhoireannach bho Cholbhasa aig an robh comas os-nàdarrach air fear Mac a' Phì a chumail gun seòladh. Bhiodh i a' cleachdadh ceirsle clòimhe. Aon latha rug an cù aige oirre agus chaidh aig Mac a' Phì air an ròpa a ghearradh. Thàinig an cù gu tìr aig Port na Feamainn agus làmh na caillich aige na bheul.

Neach/Cuspair a' Chlàir

MacPhee

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Janet Shaw: ...ann an seo, tè à Colbhasa. Agus bha ise glè fhileanta timcheall air. Chan eil fhios agamsa co-dhiù a bha e fìor, ach nach robh iad ag ràdh gun robh mar gum biodh ceairsle de shnàth aice 's nuair a rachadh Mac a' Phì an seo - 's e Mac a' Phì nan Coin Dubha - agus a h-uile uair a bheireadh e snàmh air falbh, bha stoirm ag èireachd 's cha robh e a' faotainn falbh.

Uill, tha coltas ann gun d' fhuair esan... gun do gheàrr e an ròpa no... 's fhuair an cù grèim air a' chailleach. 'S e sin a bh' ann. 'S gheàrr esan an ròpa nuair a... nuair a fhuair an cù grèim air a' chailleach. Agus thàinig e gu tìr ann am port a their iad Port na Feamainn ris ann an Colbhasa, agus làmh na caillich aige na bheul. Chuir sin stad air Cailleach Bheinn an Òir.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Meadhanach Math