Rannsaich

Prògram Choinnich

Ceann-latha 13 March 1997
Àireamh a’ chlàir 5793
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

Program Choinnich 13.03.1997

Geàrr-chunntas

Sgeulachd mu cheatharnach de Chlann Chamshroin a thàinig à Suaineart a thogail creiche ann an Leamhnachd.

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach ag innse sgeulachd bhon Leamhnachd, taobh Loch Laomainn, a chaidh a chruinneachadh le Iain Deòir, a bhuineadh don sgìre. Bha MacPhàrlain, Tighearna an Àrair, a' togail màl dubh anns an Leamhnachd airson na daoine a dhìon bho chreachadairean. Chuir e sgioba air tòir na creiche, le Calum Garbh mac Eòghainn na cheannard orra. Nuair a ràinig iad Suaineart chan innseadh duine dad dhaibh. Bha riaghailt ann, nan gabhadh dearbhadh gun do stad a' chreach taobh a-staigh crìochan uachdaran sam bith, gun fheumadh an t-uachdaran sin luach na creiche a phàigheadh do luchd na tòireachd. Às dèidh bruidhinn ris a' Chamshron, an t-uachdaran, lorg Calum Garbh àite-fuirich do a chuid dhaoine. Bha gille-frithealaidh aig Calum aig an robh bata a bha falamh na bhroinn. Thàinig fear òg a chèilidh dhan taigh anns an robh Calum 's an gille a' fuireach agus chaidh e fhèin agus nighean fear an taighe a-mach còmhla. Chleachd an gille-frithealaidh a bhata airson èisteachd ris an dithis òga a bha a-muigh agus chuala e far an robh feòil nam beathaichean a fhuair iad bhon chreich air falach. An ath latha dh'innis e a h-uile dad a chuala e do Chalum agus chruinnich iad a h-uile duine air beulaibh an taighe. Thuirt e gum b' e fiosaiche a bh' anns a' ghille-frithealaidh le draoidheachd na bhata agus ma bha crodh sam bith air falach mu na taighean gun lorgadh e iad leis a' bhata. Nuair a lorg e an fheòil a bha falaichte anns an taigh far an robh iad air fuireach, chlisg a h-uile duine. Chuireadh fios air an uachdaran agus thàinig air pàigheadh luach na creiche air fad. Thill Calum Garbh dhan Àrar agus lìbhrig e an t-airgead do MhacPhàrlain. Phàigh esan luach an cuid bheathaichean dhan a h-uile duine a bh' air beathach a chall.

Tuilleadh fiosrachaidh mu chreachadairean agus mun fhacal 'màl dubh'.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Steòrnabhagh

Eilean - Leòdhas

Baile/Àite - Steòrnabhagh

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Shruighlea

Paraiste - Camaisidh

Baile/Àite - An Leamhnachd

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Cruth Inneal a' Chlàir

Dat

Càileachd an Fhuaime

Math